Dè na roghainnean a th' ann an àite prìosan?
Tha grunn pheanasan eile ann a dh'fhaodas na cùirtean ann an Alba a chleachdadh seach cuideigin a chur dhan phrìosan.
Òrdugh Dìolaidh Coimhearsnachd
'S e peanasan a th' ann an sgeamaichean dìolaidh coimhearsnachd a tha air an dealbh airson gun cuir eucoraich rudeigin air ais dhan choimhearsnachd.
Am measg nam pròiseactan a bhios eucoraich a' dèanamh tha:
- A' togail sgudal
- A' glanadh graffiti
- A' càradh agus ag ath-sgeadachadh ionadan coimhearsnachd
- Obair san àrainneachd, me, a' coimhead às dèidh àitichean poblach agus cladhan
Òrdugh Bacadh air Saorsa

Tha òrdugh bacadh air saorsa a' ciallachadh gum feum eucoraich a bhith ann an àite sònraichte suas gu 12 uair a thìde gach latha air a' char as motha airson 12 mìos air a' char as fhaide.
Thathar a' cumail sùil air a seo le taga eileagtronaigeach. Bidh an taga a' cur siognail gu ionad monataraidh, a tha anns an sgìre bacaidh. Ma dh'fhàgas duine, tha cuideigin a' faighinn brath agus thèid rudeigin a dhèanamh. Mar as trice, bidh seo a' ciallachadh gun tèid an t-eucorach a thoirt air ais dhan chùirt airson na cumhachan aca a bhriseadh.
Òrdughan Deuchainn is Leigheas is Dhrugaichean
Tha Òrdughan Deuchainn is Leigheas is Dhrugaichean (Drug Treatment and Testing Orders no DTTOS) air an dealbh gus stad a chur air briseadh an lagh le bhith a' dèiligeadh ri mì-chleachdadh dhrugaichean tro bhith a' toirt cothrom air prògram leigheis fo gheur sgrùdadh.
Ann an 2020-21, b' e na h-eucoirean a bu trice a bha a' faotainn binn coimhearsnachd:
- eucoirean gnèitheasach eile – 389 neach, no 69% de rèiteachadh chùirtean airson nan eucoirean sin
- ionnsaigh ghnèitheasach – 87 neach, no 59%
- Achd Droch Dhìol san Dachaigh (Alba) – 216 neach, no 56%
- eucoirean fòirneartach neo-ghnèitheasach eile – 57 neach, no 51%
- goid càir no carbaid – 66 neach, no 40%
- a' làimhseachadh bhuill-airm ionnsaigheach – 476 neach, no 39% de chùisean air an rèiteachadh
- eas-onair eile – 160 neach, no 38% air an rèiteachadh
- ionnsaigh chumanta – 1,647 neach, no 34% de chùisean air an rèiteachadh
- mèirle eile – 260 neach, 29% de chùisean air an rèiteachadh
Càinean
Faodaidh cùirtean cuideachd càin a chur air daoine. Bidh an t-uiread a rèir na h-eucoir, agus a rèir na cùirt a bhios gan cur air daoine oir tha an t-sùim as motha diofraichte aca:
- Cùirt Maor a' Cheartais – suas gu £2,500
- Cùirt an t-Siorraim – suas gu £10,000 airson geàrr-chùisean
- Cùirt an t-Siorraim – neo-chrìochnach airson chùisean sòlaimte
- An Àrd-chùirt – neo-chrìochnach
'S e càin a' bhinn as trice a bhios cùirt a' cur air daoine. Ann an 2021-22, 's e càin a bh' ann an 39% dhe gach binn.
Uaireannan, bidh cùirtean cuideachd a' cur òrdughan airson airgead-dìolaidh an sàs far am feum daoine a gheibh a' chùirt ciontach airgead a phàigheadh dhan neach a dh'fhuiling air sgàth na h-eucoir aca.
Binnean eile
'S e cronachadh a tha anns a' mhòr-chuid de bhinnean eile far am bi siorram a' toirt rabhadh do chuideigin a chaidh fhaighinn ciontach ann an cùirt.
A rèir staitistigean Riaghaltas na h-Alba, ann an 2020-21 chaidh 8,417 neach a chronachadh, agus b' e sin 20% dhe na dìtidhean uile. B' e na h-eucoirean a bu trice a chaidh a chronachadh goid à bùthan agus eucoirean an aghaidh ceartas poblach.
Prògraman Eadar-theachd Tràth agus Èifeachdach
Tha prògraman Eadar-theachd Tràth agus Èifeachdach (Early and Effective Intervention no EEI) nam pàirt de ro-innleachd Ceartas Òigridh Riaghaltas na h-Alba a tha stèidhichte air diofar bhuidhnean a thoirt còmhla (obraichean sòisealta, obraichean òigridh coimhearsnachd, sgoiltean, poileas, msaa) airson taic nas fheàrr a thoirt do dh'òigridh agus an teaghlaichean gus nach bi uiread de chothrom ann dhaibh a dhol an sàs ann an eucoir. Faodaidh eisimpleirean de EEIs a bhith a' gabhail a-steach obrachadh gu dlùth còmhla ri teaghlaichean nan dachaighean gus gum bi earbsa eatarra, agus airson comhairle a thoirt, no obrachadh còmhla ri sgoiltean airson eòlasan foghlaim nas freagarraiche a thoirt do neach òg.
Aonad Lùghdachadh an Ainneirt
Chaidh seo a stèidheachadh le Poileas Srath Chluaidh ann an 2005. Bidh iad a' feuchainn ri dèiligeadh ri ainneart mus tachair e le bhith a' coimhead air ainneart mar thinneas.
Le bhith a' dèanamh seo, bidh iad a' coimhead air adhbhar an ainneirt agus a' smaoineachadh air fuasglaidhean a chuireas stad air bho bhith a' sgaoileadh. Am measg nam fuasglaidhean tha 's dòcha ag obair còmhla ri sgoiltean agus coimhearsnachdan ionadail.
Tha Meantoran ann am Bacadh Ainneirt (Mentors in Violence Prevention no MVP) a' ruith ann an sgoiltean air feadh na dùthcha agus bidh iad a' cuideachadh sgoilearan gu bhith nas cofhurtailte mu bhith ag innse mu uallach sam bith a th' orra a thaobh sàbhailteachd, agus chan eil iad cho buailteach dìreach seasamh gun chàil a dhèanamh.
Èifeachdas roghainnean eile seach am prìosan
Ged nach eil aon dòigh aontaichte ann airson èifeachdas roghainnean eile seach am prìosan a thomhas, dh'fhaodar a ràdh gu bheil roghainnean eile nas èifeachdaiche oir:
- Mar as trice tha builean nas fheàrr aig cleachdadh roghainnean eile seach am prìosan ann a bhith a' lùghdachadh ath-eucoir
- Tha roghainnean eile seach am prìosan a' toirt cothrom do dh'eucoraich cumail ag obair agus fuireach aig an dachaigh, agus mar sin, chan eil uiread de dhroch bhuaidh air teaghlaichean
Ach, dh'fhaodaist cuideachd a ràdh:
- Nach bi cuid de dh'eucoraich a' cur crìoch air Òrdughan Dìoladh Coimhearsnachd no a' pàigheadh nan càinean
- Bidh cuid de dh'eucoraich a' dèanamh tuilleadh eucoirean fhad 's a tha iad fo Òrdughan Dìoladh Coimhearsnachd no Òrdughan Bacadh Saorsa