An laghSiostam èisteachd na cloinne ann an Alba

Tha an siostam ceartas eucorach ann an Alba a' gabhail a-steach nam poilis, na cùirtean agus seirbheis nam prìosan.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Siostam èisteachd na cloinne ann an Alba

Dealbh a' sealltainn cò bhios an làthair aig Èisteachd Chloinne

Tha daoine òga a tha a' cur feum air cuideachadh a' faighinn taic bho Shiostam Èisteachd na Cloinne.

Tha siostam èisteachd na cloinne sònraichte aig Alba a tha gu math diofraichte bho shiostaman ceartais chloinne a tha rim faighinn sa chòrr dhen RA

Fo lagh na h-Alba, chan eil clann fo 12 air am meas deiseil airson uallach a ghabhail airson eucoirean a nì iad, ach faodar an cur gu èisteachd na cloinne air iomadh adhbhar. Cha tèid beachdachadh air casaid a thogail anns a' chùirt an aghaidh dhaoine fo aois 16 ach airson nan eucoirean as miosa. Chaidh 22,341 Èisteachd Chloinne a chumail ann an 2022/23 a rèir Èisteachd na Cloinne ann an Alba.

Chan eil èisteachd na cloinne idir coltach ri cùisean sa chùirt. Tha iomadh adhbhar ann airson an cumail, nuair a tha iomagain air cuideigin mu leanabh no mu chor neach òg, agus chan ann a-mhàin nuair a tha amharas ann mu eucoir. 'S e an rud as cudromaiche anns na cùisean seo, gu bheilear a' co-dhùnadh an t-slighe air adhart as fheàrr airson a' phàist'/neach-òg – chan e a bheil iad ciontach no nach eil, no am bu chòir dhaibh a bhith air am peanasachadh.

Tha na coinneamhan cho neo-fhoirmeil 's a ghabhas gus am bi am pàist/neach òg a' faireachdainn cho cofhurtail 's as urrainn dhaibh a bhith airson na beachdan agus faireachdainnean aca a chur an cèill air beulaibh a' phannail.

Bidh èisteachd na cloinne air a chumail anns an sgìre far a bheil an neach òg a' fuireach. Thathas a' sùileachadh gum bi pàrantan an làthair cuideachd agus mura bheil, dh'fhaodadh gum feum iad càin airgid a phàigheadh. Faodaidh am pàist/neach-òg riochdaire eile a thoirt còmhla riutha ma tha iad ag iarraidh. Faodaidh daoine eile agus na meadhanan a bhith an làthair cuideachd – ach dìreach ma thathar a' meas gu bheil iad ann airson feumalachdan na cloinne a dhìon. Chan fhaodar aithne a' phàist'/neach-òg fhoillseachadh air chor sam bith.

Tha Pannal na Cloinne air a dhèanamh suas le buill bho gach seòrsa coimhearsnachd agus tha iad ag obair dhan phannal gu saor-thoileach. Bidh trì buill air gach pannal agus bidh fireannaich agus boireannaich air an riochdachadh. Tha mu 2,500 neach air feadh Alba a' suidhe air Pannal na Cloinne. Thathar a' taghadh nan daoine seo gu cùramach agus tha iad a' faighinn mòran trèanaidh airson na h-obrach.

Ma tha èisteachd na cloinne a' meas gu bheilear feumach air, faodaidh iad tagradh a dhèanamh airson Supervision Requirement. Dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh gum bi cuideigin ann bho roinn Sheirbheisean Sòisealta na comhairle. Mar as trice, bidh an neach seo ann a chionn 's gum bi e a' toirt taic don phàist'/neach òg aig an dachaigh no anns an sgoil. Dh'fhaodadh an Supervision Requirement seo a bhith a' ciallachadh gum biodh e na b' fheàrr don phàist a bhith air an altramachd, no air an cur a dh'fhuireach ann an taigh cùraim a th' air a ruith leis a' chomhairle no le buidheann saor-thoileach.

Ann an 2024, tha dùil gum bi reachdas ùr bho Phàrlamaid na h-Alba ga chur an gnìomh agus thèid aois tar-chuir gu Siostam Èisteachd na Cloinne suas airson gum bi a h-uile neach a 16 agus 17 air an gabhail a-steach.

More guides on this topic