Na cùirtean ann an Alba
Coimhead a' bhidio seo agus faic na diofar sheòrsachan chùirtean ann an Alba.
Scotland's court system
Neach-casaid a' Chrùin
Ma lorgas na poilis fianais air obair eucoir, 's e obair oifis Neach-casaid a' Chrùin ann an Alba a th' ann co-dhùnadh an tog iad casaid an aghaidh an neach. Ma cho-dhùineas Neach-casaid a' Chrùin gu bheil fianais làidir ann, dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air an neach fo chasaid nochdadh anns a' chùirt.
Anns a' chùirt, canar neach-dìon ris an neach a tha fo chasaid. Anns a' mhòr-chuid de chùirtean, gu h-àraidh ann an droch chùisean, bidh iad air an riochdachadh le neach-lagha a bhios a' bruidhinn agus ag obair às an leth. Tha a' chòir aig a h-uile neach a tha fo chasaid ann an Alba air riochdachadh laghail a bhith aca ma tha feum air. Tha a h-uile neach a tha fo chasaid cuideachd neoichiontach gus an tèid an dearbhadh ciontach ann an cùirt lagha. Tha iad sin nan còraichean bunaiteach ann an lagh Alba.
A' Chùirt Sgìre
Aig an ìre as ìsle de chùirtean eucoir, bidh a' Chùirt Sgìre a' dèiligeadh ri daoine a tha air eucoir bheag a dhèanamh, leithid:
- briseadh na sìthe
- ionnsaighean nach eil ro bhorb
- eucoirean dràibhidh nach eil ro chunnartach
- goid
Bidh aon neach no dithis aig a bheil dreuchd mar Mhaoir-ceartais a' cumail smachd ann an Cùirtean Sgìre. Tha iad gun teisteanasan san lagh agus bidh iad a' gabhail comhairle bho neach-comhairle laghail.
Faodaidh Maor-ceartais daoine a chur dhan phrìosan airson suas ri 60 latha agus faodaidh iad càin airgid suas gu £2,500 a thoirt seachad.
Cùirt an t-Siorraim
Tha cùirtean siorraim air feadh Alba a' dèiligeadh ri eucoir a tha ro throm-chùiseach airson Cùirtean Sgìreil, ach nach eil dona gu leòr airson na h-Àrd-chùirt. Mar eisimpleir:
- goid
- drugaichean a bhith agad
- a' mhòr-chuid de dh'ionnsaighean
Tha dà sheòrsa cùis-lagha ann an cùirtean siorraim:
- Bidh geàrr-chùisean-lagha a' dèiligeadh ri eucoir nach eil cho dona. 'S e an siorram a bhios a' dèanamh co-dhùnadh air a' bhinn, agus faodaidh iad binn prìosain suas gu 12 mhìos a thoirt air neach no càin nach bi nas motha na £10,000.
- Bidh cùisean-lagha sòlaimte a' dèiligeadh ri eucoirean nas miosa. Bidh diùraidh de 15* a' dèanamh co-dhùnadh air a' bhinn. Chan eil bacadh air a' chàin a dh'fhaodas siorram a chur air neach, ach chan eil cead aca binn nas fhaide na còig bliadhna a thoirt. Faodaidh iad a' chùis a chur air adhart dhan Àrd-chùirt ma tha iad dhen bheachd gu bheil feum air binn nas fhaide.
*Mar phàirt de Bhile nam Fulangaich, Fianais agus Ath-leasachadh Ceartais (Alba) a thathar an dùil a bhios na lagh ann an 2024, thathar a' moladh àireamh luchd an diùraidh a leagail bho 15 gu 12 neach.
Àrd-chùirt a' Cheartais
'S e an Àrd-chùirt an cùirt-eucoir as àirde ann an Alba.

Tha Àrd-chùirtean a' suidhe ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain far a bheil na togalaichean stèidhte aca. Bidh an Àrd-chùirt a' dèiligeadh ri na h-eucoirean as miosa, leithid:
- murt
- èigneachadh
- mèirle le gunna
- reic dhrogaichean
- eucoir co-cheangailte ri feise le clann
Leis gu bheil uimhir de dh'fhianais air a thoirt seachad, faodaidh cùis lagha aig an Àrd-chùirt leantainn grunn sheachdainean, no fiù 's mìosan.
Tha diùraidh an-còmhnaidh an cois chùisean anns an Àrd-chùirt. 'S e peanasan anns an Àrd-chùirt an fheadhainn as cruaidhe oir chan eil bacadh air an ùine a dh'fhaodar a chur air binn prìosain no air a' chàin a dh'fhaodas a dhol air neach.
Cùirt an Tagraidh
Nuair a thèid tagradh a dhèanamh an aghaidh dìteadh, thèid dèiligeadh ris ann an Cùirt an Tagraidh. Seo far am faod britheamh tagraidh a' bhinn a dhaingneachadh no cur às dhi. Ann an cuid de chùisean, faodar cùis-lagha fheuchainn a-rithist agus faodaidh binn atharrachadh.
Cùirt an t-Seisein / Prìomh Chùirt na RA
A thaobh chùisean-lagha neo-eucorach (cùisean catharra) 's e Cùirt an t-Seisein a' chùirt as àirde ann an Alba, ged a dh'fhaodar èisteachd ri tagraidhean ann am Prìomh Chùirt na RA.
Breithean ann an cùirtean Alba
Faodaidh cùirtean na h-Alba trì co-dhùnaidhean a ruighinn: aon a tha a' ciallachadh gun tèid binn a thoirt seachad ('ciontach'), agus dhà a tha a' ciallachadh nach tèid ('neoichiontach' agus 'gun dearbhadh').
Mar sin, tha trì breithean ann a dh'fhaodar a thoirt:
- neoichiontach
- gun dearbhadh
- ciontach
Neoichiontach
Tha breith 'neoichiontach' a' ciallachadh às dèidh èisteachd ris an fhianais agus a sgrùdadh, gun d' fhuair am maor-sìthe, an siorram no an diùraidh nach robh an neach fo chasaid ciontach dhen eucoir a bha air a chur às a leth agus gu bheil iad saor.
Gun dearbhadh
Chan eil a' bhinn 'gun dearbhadh' ach ann an Alba a-mhàin agus tha i air a bhith caran connspaideach san àm a dh'fhalbh. Tha gun dearbhadh a' ciallachadh gu bheil an diùraidh dhen bheachd gur dòcha gun do rinn an neach fo chasaid an eucoir, ach chan eil fianais gu leòr aca anns nach eil teagamh sam bith airson binn chiontach a thoirt seachad.
Ann an 2024, thathar an dùil gun tèid Bile nam Fulangaich, nam Fianaisean agus Ath-leasachadh Ceartais (Alba) a dhèanamh na lagh agus gun cuir sin às dhan bhinn 'gun dearbhadh'.
Ciontach
Tha breith 'ciontach' a' ciallachadh gu bheil a' mhòrchuid dhen diùraidh (no uaireannan siorram no britheamh a-mhàin), às dèidh èisteachd ris an fhianais agus a sgrùdadh, dhen bheachd 'seachad air teagamh reusanta' gu bheil an neach fo chasaid ciontach dhen eucoir a bha air a chur às a leth. Ma thèid cuideigin fhaighinn ciontach de dh’eucoir, tha e an uair sin an urra ris an t-siorram no ris a’ bhritheamh a tha os cionn na cùise, dè am peanas, ma bhios peanas ann, a thèid air an dìonadair. Nòta: Ann an 2024, mar phàirt de Bhile Leasachadh nan Leòntach, Fianaisean agus Ceartas (Alba) cha leig a leas ach dà thrian de luchd an diùraidh (8 à 12 neach) aontachadh airson cuideigin fhaighinn ciontach.
Peanasan no rèiteachaidhean
Nuair a thèid cuideigin fhaighinn ciontach de dh'eucoir an dèidh cùis-lagha anns a' chùirt, tha grunn roghainnean aig siorraman no britheamhan a thaobh peanas no rèiteachadh mar:
- Rabhadh
- Peanas ionmhasail no càin
- Obair a dhèanamh gun phàigheadh (Sgeama Dìolaidh na Coimhearsnachd)
- Òrdugh Bacadh air Saorsa (Restriction of Liberty Order no ROLO) far a bheil taga ga chur mu adhbrann eucoraich gus an saorsa a bhacadh
- Òrdugh Deuchainn is Leigheas Dhrogaichean (Drug Treatment and Testing Order no DTTO) far a bheil giùlan eucorach co-cheangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean
- Binn prìosain
Ann a bhith a' dèanamh co-dhùnadh a thaobh peanas no rèiteachadh, beachdaichidh an siorram no am britheamh air grunn fhactaran mar:
- aois an neach-dìon nuair a thachair an eucoir
- an clàr eucoirean a th' aca mar-thà, ma tha sin aca
- an ìre gu bheil an neach-dìon a' nochdadh aithreachas airson na h-eucoir
- dè cho dona 's a bha an eucoir
Barrachd is barrachd tha britheamhan no siorraman a' beachdachadh air an rèiteachadh as buailtiche nach dèan neach a bhios ciontach eucoir a-rithist nam beatha.