An laghDè cho èifeachdach 's a tha na poilis ann an Alba?

Tha an siostam ceartas eucorach ann an Alba a' gabhail a-steach nam poilis, na cùirtean agus seirbheis nam prìosan.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè cho èifeachdach 's a tha na poilis ann an Alba?

Ged nach eil mìneachadh air aontachadh mun dòigh anns an gabh Poileas Alba a bhith air am meas èifeachdach, dh'fhaodar a ràdh gu bheil na poilis èifeachdach oir:

  • Tha eucoir air a bhith a' tuiteam ann an Alba o chionn iomadh bliadhna. (Stòr: Riaghaltas na h-Alba)
  • Tha sgrùdaidhean am measg a' phobaill a' sealltainn gu bheil 63% dhe na poilis càirdeil agus furasta bruidhinn riutha. (Stòr: Poileas Alba)

Ach ge-tà, fhuair Poileas Alba càineadh nach eil iad èifeachdach oir:

  • Cha deach ach mu leth nan eucoirean (54%) fhuasgladh ann an Alba ann an 2021-22. (Stòr: Riaghaltas na h-Alba)
  • Tha sgrùdaidhean a' sealltainn nach eil ach 30% dhen t-sluagh dhen bheachd gu bheil na poilis ag èisteachd ri uallaichean mhuinntir an àite. (Stòr: Poileas Alba)

More guides on this topic