An laghSeirbheis Prìosain na h-Alba (SPS)

Tha an siostam ceartas eucorach ann an Alba a' gabhail a-steach nam poilis, na cùirtean agus seirbheis nam prìosan.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Seirbheis Prìosain na h-Alba (SPS)

Tha iomadh amas aig Seirbheis Prìosain na h-Alba (Scottish Prisons Service no SPS) leithid daoine a tha fo ghrèim a chumail ann am prìosan a bharrachd air taic a chumail ri eucoraich gus nach dèan iad eucoir a-rithist nuair a gheibh iad a-mach.

Tha Seirbheis Prìosain na h-Alba ag amas air:

  • am poball a dhìon le bhith a' cumail suas siostam-grèim tèarainte
  • coimhead gu coibhneil às dèidh eucoraich
  • ath-eucoir a lùghdachadh
  • luach an airgid a thoirt do luchd-pàighidh chìsean

Prìosain ann an Alba

Polmont, Institiùd Eucoraich Òga ann an Alba
Figure caption,
HMYOI Polmont

Tha 15 prìosain ann an Alba, ach chan eil an aon amas aca uile:

  • Tha measgachadh de dh'fhireannaich a tha a-staigh ùine mhòr agus ùine ghoirid ann am prìosain mar HMP Perth, eadar feadhainn air a bheil binn-beatha agus feadhainn a tha a' feitheamh a dhol dhan chùirt.
  • Tha HMYOI Polmont airson eucoraich òga eadar 16 agus 21 bliadhna.
  • Tha YOIs (ionadan-òigridh) ann an HMP Grampian, HMP Perth agus HMP & YOI Stirling.
  • 'S e HMP and YOI Stirling an aon phrìosan do bhoireannaich a-mhàin ann an Alba, ged a tha aonadan Glacas Coimhearsnachd cuideachd ann an Glaschu agus ann an Dùn Dè.
  • 'S e HMP Castle Huntly an aon 'phrìosan fosgailte' a th' ann an Alba far am bi eucoraich fad-ùine nach eil ro chunnartach a' cur seachad na cuid mu dheireadh dhen bhinn aca.
  • Tha dà phrìosan, HMP Kilmarnock agus am prìosan as ùire ann an Alba, HMP Addiewell, air an ruith gu prìobhaideach.

Atharraichean ann am beatha sa phrìosan ann an Alba

Gu h-eachdraidheil, b' e àitichean a bh' ann am prìosain far an robh dòighean peanasachaidh uabhasach gu math bitheanta. An-diugh, tha prìosain fhathast nan àitichean gu math cruaidh. 'S e glè bheag de phrìobhaideachd a tha aig prìosanaich agus chan eil saorsa idir aca. Tha iomadh bacadh air am beatha.

Ach an-diugh ge-tà, tha prìosain a' cur barrachd cuideim air foghlam agus ath-ghnàthachadh. Tha prìosain an-diugh a' leigeil le daoine bhon taobh a-muigh tadhal, agus tha iad a' brosnachadh nan eucorach gu bhith gan ionnsachadh fhèin. Mar eisimpleir, tha clasaichean aca ann an sgrìobhadh cruthachail agus faodaidh sgrìobhadairean a dhol a-steach a chuideachadh nan eucorach gu bhith a' leasachadh an tàlantan.

Thathar, mar sin, an dòchas, nuair a leigear na h-eucoraich a-mach gum bi an t-eòlas agus na sgilean aca airson an cuideachadh a' faighinn obair air an taobh a-muigh agus nach bi mar sin uiread de theansa ann gun dèan iad eucoir a-rithist.

Ann an 2019, chaidh an Ro-bheachdachadh an aghaidh bhinnean prìosain goirid (Presumption against short prison sentences no PASS) atharrachadh bho thrì mìosan gu 12 mìos. Tha seo a' ciallachadh gu bheil na cùirtean air am brosnachadh, ged nach fheum iad a dhèanamh, gu beachdachadh air peanasan no rèiteachadh eile do dh'eucoraich a dh'fhaodadh a bhith air binn suas gu 12 mìos sa phrìosan fhaighinn.

Èifeachdas phrìosain

Chan eil aon slat-tomhais ann a ghabhas cleachdadh airson co-dhùnadh a bheil prìosain a' coinneachadh nan amasan aca. Ach faodar a ràdh gur e glè bheag de phrìosanaich a bhios a' teiche agus gu bheil prìosanaich, san fharsaingeachd, air an deagh choimhead às an dèidh, agus san fharsaingeachd, gu bheil prìosain ann an Alba a' toirt dhuinn luach an airgid.

Air an làimh eile, tha a' mhòr-chuid de phrìosain eadar a bhith làn gu cus dhaoine a bhith annta. Ann an 2023, thuirt an Ionad-beachdachaidh Slàinte Poball na h-Alba (Scottish Public Health Observatory) gun robh àireamh chuibheasach de 7,500 neach sa phrìosan gach latha taobh a-staigh comas oifigeil nam prìosain aig 7725. (Stòr: Public Health Information for Scotland) Tha seo a' ciallachadh, glè thric, nach faigh prìosanaich an taic a dh'fheumas iad airson a bhith cinnteach nach dèan iad eucoir a-rithist nuair a gheibh iad a-mach.

Ann an 2018-19, sheall figearan riaghaltas na h-Alba gum b' e 28.3% an reat airson ath-eucoir. Sin an ceudad de dh'eucoraich air an dìteadh a-rithist ann am bliadhna.

More guides on this topic