An laghNa poilis ann an Alba

Tha an siostam ceartas eucorach ann an Alba a' gabhail a-steach nam poilis, na cùirtean agus seirbheis nam prìosan.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Na poilis ann an Alba

Thàinig Seirbheis Poileas na h-Alba (Police Scotland) gu bith air 1 Giblean 2013. 'S e aon fheachd phoileis nàiseanta a th' ann a-nis, an àite nan ochd feachdan a bh' anns an dùthaich roimhe.

Bha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum biodh aon fheachd na b' èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir agus na bu shaoire a ruith.

Tha daoine a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil Poileas na h-Alba ro mhòr agus gun deach ceanglaichean ri coimhearsnachdan ionadail a chall.

Aig an àm seo, tha Alba a' fastadh 16,600 oifigear poilis. Seo an àireamh as lugha bho 2008, agus tha mu 900 nas lugha ann bho chaidh Poileas Alba a stèidheachadh mar fheachd nàiseanta. Cuideachd, chaidh mu 140 stèisean-poilis a dhùnadh, agus le sin tha beagachadh ann an oidhirpean nam poilis ann an coimhearsnachdan. (Stòr: BBC News)

More guides on this topic