An TàillearCeistean 5-8 le freagairtean

Tha an sgeulachd seo, le Iain F MacLeòid, stèidhichte air fear a tha ag obair mar thàillear ann an Lunnainn. Anns an sgeulachd, tha sinn a' faighinn a-mach mu mhearachd a rinn am fear seo na bheatha nuair a bha e òg agus mar a tha e air dèiligeadh ris a' mhearachd bhon uair sin.

Part ofGàidhligLitreachas

Ceistean 5-8 le freagairtean

Question

5. Nuair a tha am boireannach a' nochdadh an toiseach, tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil, deise dhubh aice air a gàirdean.

Carson a chuir an t-ùghdar am fiosrachadh seo dhan sgeulachd?

Question

6. Anns an diog sin, bha gach rud a bha e air càrnadh na bhroinn, còmhdaichte, a' feuchainn ri faighinn chun an uachdair. Dh'fheuch e ri mhùchadh. Chuidich na bliadhnaichean, na seachdainean, na mionaidean de dh'obair. Chuir e air aghaidh phroifeiseanta.

Dè tha an earrann seo ag innse dhuinn mun dòigh san do dhèilig Daibhidh ri na faireachdainnean a dh'abhbharaich am boireannach dha?

Question

7. Carson a tha Daibhidh ag iarraidh air Mr Holland am boireannach a chuidheachadh?

Question

8. Shaoileadh tu gum biodh i air an duine aithneachadh anns a' bhad. Agus tha e fìor gun do dh'fhairich Winnie, sin an t-ainm aice, rudeigin air aigeann a h-inntinn nuair a rug i air làimh air an duine. Am faireachdainn neònach ud, coltach ri snàmh, d' inntinn ag iomradh, a' feuchainn ri ruighinn, a' feuchainn ri ruighinn. Bha cuimhne aig Winnie air an fhàileadh a bh' anns an àite à àiteigin. Ach cha tig e thuice. 'S ann nuair a bha i a' coiseachd sìos Savile Row a thàinig e air ais thuice. Agus thàinig a h-uile càil air ais ann an sruth de dh'uisge chuimhneachain.

Beachdaich air dè cho soirbheachail 's a tha MacLeòid ann a bhith a' cleachdadh ìomhaigheachd uisge sa phàirt seo.