Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An TàillearSgilean sgrìobhaidh anns an sgeulachd

Tha an sgeulachd seo, le Iain F MacLeòid, stèidhichte air fear a tha ag obair mar thàillear ann an Lunnainn. Anns an sgeulachd, tha sinn a' faighinn a-mach mu mhearachd a rinn am fear seo na bheatha nuair a bha e òg agus mar a tha e air dèiligeadh ris a' mhearachd bhon uair sin.

Part ofGàidhligLitreachas

Sgilean sgrìobhaidh anns an sgeulachd

Caractarachd

Anns An Tàillear (Iris STEALL 02, CLÀR, 2017) tha MacLeòid a' cruthachadh caractar a tha toinnte agus iomadh-fhillte. Seach a bhith ag innse dhuinn gu dìreach cò ris a tha am prìomh charactar coltach, tha an sgrìobhadair a' sealltainn rudan dhuinn mu Mr Weir (Daibhidh). Mar eisimpleir, aig toiseach na sgeulachd tha e a' tighinn am follais gu bheil Daibhidh stèidhichte na dhòighean:

Tha an doras a' còrdadh ris, aost' agus dubh, mar a tha a' ghlas a' greimeachadh air an iuchair, agus am fàileadh.

Tha e follaiseach gu bheil Daibhidh dèidheil air an dòigh-bheatha aige, agus gur e na rudan beaga, àbhaisteach a tha ga dhèanamh toilichte. Tha caractarachd – mar eisimpleir na smuaintean beaga seo – air an cleachdadh gu tric san sgeulachd airson caractar domhainn agus inntinneach a chruthachadh.

Ìomhaigheachd agus samhlachas

Tha ìomhaigheachd agus samhlachas air an cur gu feum san sgeulachd. Tha an dreuchd agus an dòigh-obrach aig Daibhidh ag innse dhuinn mu dheidhinn fhèin: duine a tha mionaideach, cùramach agus nach eil measail air mearachdan.

Tha ìomhaigheachd a' nochdadh nuair a tha Daibhidh a' smaoineachadh mun ghaol a bh' aige air Winnie:

Cinnteach gun robh e ann an gaol rithe. Cho ceangailte rithe ri combaist.

Tha MacLeòid ag innse dhuinn mun smachd a bh' aig Winnie air a' phrìomh charactar, leis an dòigh san robh e ga leantainn agus a' gabhail stiùireadh bhuaipe, coltach ri combaist.

Taghadh-facail

Tha MacLeòid a' cleachdadh taghadh-facail sgileil airson cur ris an ìomhaigheachd agus ris an t-samhlachas san sgeulachd. Tha e ag innse dhuinn mun bhuaidh a thug Winnie air Daibhidh le faclan is abairtean mar mhùchadh agus an cuideam air a chridhe. Tha e follaiseach nach do dhèilig Daibhidh ri na faireachdainnean aige gu ceart agus gu bheil iad fhathast a' dèanamh dragh dha is tha na faclan a tha e a' taghadh gar cuideachadh ann a bhith a' tuigsinn na buaidh seo.

Structar agus plot

Tha structar àraid air an sgeulachd, a tha sgrìobhte ann an earrannan beaga. Tha an leughadair a' faighinn a-mach, beag air bheag, mun eachdraidh a tha eadar an dithis charactaran. Tha sinn a' faighinn a-mach mu bheatha a' phrìomh charactar agus tha sin a' cur an taghaidh a th' aige ann an co-theacsa: an dèan e an aon mhearachd a-rithist? Tha an dòigh-aithris seo a' cumail aire an leughadair oir tha sinn a' beachdachadh air dè nì e aig a' cheann thall.