Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An TàillearCuspairean anns an sgeulachd

Tha an sgeulachd seo, le Iain F MacLeòid, stèidhichte air fear a tha ag obair mar thàillear ann an Lunnainn. Anns an sgeulachd, tha sinn a' faighinn a-mach mu mhearachd a rinn am fear seo na bheatha nuair a bha e òg agus mar a tha e air dèiligeadh ris a' mhearachd bhon uair sin.

Part ofGàidhligLitreachas

Cuspairean anns an sgeulachd

Gaol

Tha an sgeulachd seo a' sealltainn cho cumhachdach 's a tha gaol agus a' bhuaidh a tha e a' toirt air daoine. Dh'atharraich beatha a' phrìomh charactar gu mòr air sgàth 's mar a dhèilig e ri suidheachadh gaoil. Bha Daibhidh deònach feitheamh ri boireannach nach do thill thuige, is leis a sin, chuir e seachad an còrr de bheatha a' feuchainn ris a' mhearachd sin a dhìochuimhneachadh.

Aithreachas

Tha e a' tighinn am follais gu bheil aithreachas mòr air Daibhidh gun do dh'fhuirich e ri Winnie agus gu bheil e a' feuchainn ris an t-aithreachas sin a sheachnadh. Ach, tha e follaiseach gu bheil an t-aithreachas sin air fhathast, is chan eil e a' faighinn cuidhteas an aithreachais gu deireadh na sgeulachd.

Tha an sgrìobhadair cuideachd a' toirt oirnn beachdachadh air mar a tha daoine a' dèiligeadh ri aithreachas: bidh cuid a' dèiligeadh ris gu dìreach, is cuid eile, mar a tha Daibhidh, gan cumail fhèin trang airson an aire a thoirt far an aithreachais. Tha e air a bheatha a lìonadh le obair agus tha sin air a chuideachadh gu ìre, ach chan eil e a' faighinn faochadh ceart gus am faigh e an cothrom a' mhearachd a rinn e a chur ceart.

Roghainn agus saorsa

Tha MacLeòid a' sealltainn dhuinn cho cudromach 's a tha e do dhaoine gu bheil sinn a' faireachdainn gu bheil smachd againn air na tha a' tachairt nar beatha. Chan eil Daibhidh dha-rìribh riaraichte no toilichte gu deireadh na sgeulachd, nuair a tha e fhèin a' gabhail smachd air na tha a' tachairt dha agus ga chur fhèin aig an stiùir. Tha e air innse dhuinn aig fìor dheireadh na sgeulachd gu bheil e a' toirt mathanas dha fhèin airson na mearachd a rinn e.