CeudadanAtharrachadh a' dol an taobh eile

Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Atharrachadh a' dol an taobh eile

Eisimpleir

Tha bùth a' tairgsinn \(30\%\) far a h-uile sìon. Bha paidhir bhròg a' cosg \(\pounds84\).

Obraich a-mach prìs nam bròg mus deach a lùghdachadh.

Lùghdachadh de \(30\%\) → (\(100\%\) - \(30\% = 70\%\))

Tha \(70\%\) de phrìs nam bròg \(= \pounds84\)

\(1\%\) → \(84 \div 70 = \pounds1.20\)

\(100\%\) → £1.20 x 100 = £120

Bha na brògan a' cosg £120 mus deach a' phrìs a lùghdachadh.

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

An dèidh àrdachadh de 4% na thuarastal, bha Bill a' cosnadh £1248 gach mìos.

Obraich a-mach dè bha Bill a' cosnadh gach mìos mus d' fhuair e àrdachadh tuarastail.