CeudadanRiadh sìmplidh thairis air bloigh de bhliadhna
Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.
Mura tèid airgead fhàgail ann an cunntas-banca airson bliadhna shlàn, cha tèid a phàigheadh ach bloigh dhen riadh.
Eisimpleir
Obraich a-mach an riadh a choisinneas Damon air \(\pounds40\) ma dh'fhàgas e an t-airgead sa bhanca aig riadh de \(8.5\%\) sa bhliadhna, airson 6 mìosan.
Riadh airson aon bhliadhna \(= 8.5\%\,de\,\pounds40\)
\(= \frac{{8.5}}{{100}} \times 40\)
\(= 0.085 \times 40\)
\(= \pounds3.40\)
Tha fios agad dè an riadh a bh' ann airson aon bhliadhna. Mar sin, airson an riadh gach mìos obrachadh a-mach, roinn le 12 agus an uair sin iomadaich leis an àireimh mhìosan.