A' tuairmeas agus a' cruinneachadhFigearan brìgheil

Tagh, obraich a-mach agus cruinnich freagairtean chun na h-àireimh bhrìgheil as fhaisge. 'S e aon dòigh air freagairt a thuairmeas, no a thomhas, am freagairt a chruinneachadh gu figearan brìgheil.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Figearan brìgheil

Uaireannan chan fheum sinn ceist a fhreagairt gu mionaideach – tha sinn dìreach ag iarraidh tuairmse. Nuair a bhios àireamh mhòr againn, faodaidh sinn a cruinneachadh chun a' mhìle, no chun a' mhillein, as fhaisge. Agus nuair a gheibh sinn freagairt fada, deicheach air àireamhair, faodaidh sinn a chruinneachadh gu àireamh shònraichte de dh'ionadan deicheach.

'S e dòigh eile air freagairt tuairmseach a thoirt a chruinneachadh gu figraran brìgheil.

Uaireannan, bidh an teirm 'figearan brìgheil' air a ghiorrachadh gu fb.

Tha am facal brìgheil a' ciallachdh cudromach. Mar as fhaisge a tha figear air toiseach àireimh, 's ann as cudromaiche – no as brìgheile – a tha e.

Anns an àireimh \(368249\), 's e \(3\) am figear as brìgheile, chionn tha e ag innse dhuinn gur e an àireamh \(3\, \text{ceud mìle}\) agus rudeigin. Mar sin, 's e \(6\) an ath fhigear as brìgheile, agus mar sin air adhart.

Anns an àireimh \(0.0000058763\), 's e \(5\) am figear as brìgheile, chionn tha e ag innse dhuinn gur e an àireamh \(5 \text\,{milleanamhan}\) agus rudeigin. 'S e \(8\) an ath fhigear as brìgheil, agus mar sin air adhart.

Bidh sinn a' cruinneachadh le bhith a' cleachdadh àireamh shònraichte de dh'fhigearan brìgheil. 'S e \(1, 2 \) no \(3\) na figearan brìgheil as cumanta.

Cuimhnich gu bheil na riaghailtean cruinneachaidh an aon rud 's a bha iad roimhe:

Mas e an ath àireamh 5 no nas motha, bidh sinn a' cruinneachadh suas.

Mas e an ath àireamh 4 no nas lugha, cha bhi sinn a' cruinneachadh suas.

Ceistean

Question

Dè bhiodh ann an \(368249\) ceart gu \(1\) fhigear brìgheil?

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu \(0.00245\) ceart gu \(1\) fhigear brìgheil?

Question

Ciamar a sgrìobhadh tu \(0.0000058763\) ceart gu \(2\) fhigear bhrìgheil?