Tagh, obraich a-mach agus cruinnich freagairtean chun na h-àireimh bhrìgheil as fhaisge. 'S e aon dòigh air freagairt a thuairmeas, no a thomhas, am freagairt a chruinneachadh gu figearan brìgheil.
Faodaidh sinn figearan brìgheil a chleachdadh gus freagairt tuairmseach fhaotainn do cheist.
Faodaidh sinn a h-uile àireamh ann an ceist matamataig a chruinneachadh gu \(1\) fhigear brìgheil gus am bi àireamh 'nas fhasa' again. Glè thric thèid agad air seo a dhèanamh na do cheann.
Question
Faigh freagairt tuairmseach do \(\frac{{19.4}}{{0.0437}}\)
Bidh sinn an toiseach a' cruinneachadh an dà àireimh gu \(1\) fhigear brìgheil (\(fb\)):
\(19.4 = 20 (\,1\,fb)\)
\(0.0437 = 0.04 (\,1\,fb)\)
Feumaidh sinn a-nis àireamh shlàn a dhèanamh dhen t-seòrsaiche. Nì sinn seo le bhith ag iomadachadh \(20\) agus \(0.04\) le \(100\).