Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.
Ma chuireas tu airgead ann am banca no ann an comann-thogalach, bheir iad dhut riadh air an airgead sin.
Ma gheibh thu airgead air iasad, bho bhanc no bho chomann-thogalach, airson morgaidse no iasad eile, feumaidh tu riadh a phàigheadh dhaibh.
Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna agus bidh e a rèir ìre an rèidh. Bidh an riadh mar as trice ga thoirt per annum (p.a.) a tha a' ciallachadh gach bliadhna.
Eisimpleir
Chuir Sally \(\pounds600\) ann an cunntas le ìre rèidh de \(5\%\) gach bliadhna.
Obraich a-mach an riadh a gheibh Sally ann an aon bhliadhna, agus dè na tha de dh'airgead aice sa chunntas às dèidh bliadhna.
Tha cunntas-banca Jamie a' pàigheadh riadh de \(4.3\%\) sa bhliadhna. Ma chuireas e \(\pounds850\) dhan chunntas aige, dè na bhios aig Jamie às dèidh bliadhna?