CeudadanÀrdachadh/ìsleachadh

Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Àrdachadh/ìsleachadh

'S àbhaist gun tèid luach taighe suas thar ùine. Canaidh sinn mar sin gu bheil an luach ag àrdachadh.

Eisimpleir 1

Chaidh flat a cheannach air \(\pounds74\,000\) ann an 2005 agus chaidh an luach suas \(1.5\%\) gach bliadhna.

Obraich a-mach luach na flat an dèidh ceithir bliadhna.

\({(1.015)^4} \times 74000\)

\(= \pounds78540.90\)

'S e luach na flat an dèidh ceithir bliadhna \(\pounds78\,540.90\).

Ach mar as trice bidh luach càir a' dol sìos thar ùine. Mar sin canaidh sinn gu bheil an luach aige ag ìsleachadh.

Eisimpleir 2

Cheannaich Jack agus Trisha càr ùr air \(\pounds8500\) ann an 2008. Sa chiad bhliadhna, chaidh an luach aige sìos \(20\%\), san dara bliadhna chaidh e sìos \(15\%\) agus san treas bliadhna \(10\%\).

Obraich a-mach luach a' chàir aig deireadh gach bliadhna.

Luach a' chàir deireadh Bliadhna 1:

Chaidh e sìos \(20\%\), agus mar sin \(100\% - 20\% = 80\%\)

\(80\% \,de\,8500\)

\(= 0.8 \times 8500\)

\(= \pounds6800\)

Luach aig deireadh Bliadhna 2:

Chaidh e sìos \(15\%\), agus mar sin \(100\% - 15\% = 85\%\)

\(85\% \,de\,6800\)

\(= 0.85 \times 6800\)

\(= \pounds5780\)

Luach aig deireadh Bliadhna 3:

Chaidh e sìos \(10\%\), agus mar sin \(100\% - 10\% = 90\%\)

\(90\% \,de\,5780\)

\(= 0.9 \times 5780\)

\(= \pounds5202\)

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Cheannaich Jean broidse air \(\pounds200\). Chaidh an luach aige suas \(10\%\) gach bliadhna.

Obraich a-mach luach a' bhroidse an dèidh 10 bliadhna.