CeudadanRiadh sìmplidh thar iomadh bliadhna

Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Riadh sìmplidh thar iomadh bliadhna

Ma dh'fhàgas tu airgead ann am banc no ann an comann-thogalach airson barrachd is aon bhliadhna, bidh an riadh a choisinneas tu a' ciallachadh gu bheil am balans a' fàs nas motha.

Cuimhnich - 's e riadh sìmplidh a tha seo agus chan e riadh fillte.

Seo eisimpleir air mar a dh'obraicheas tu a-mach riadh sìmplidh thar iomadh bliadhna.

Eisimpleir

Dh'fhàg Darren \(\pounds350\) ann an cunntas sa chomann-thogalach airson 3 bliadhna.

Bha e a' faighinn riadh aig reat de \(8\%\) gach bliadhna.

Dè bhios sa chunntas aige an dèidh 3 bliadhna?

Riadh airson aon bhliadhna \(= 8\%\,de\,\pounds350\)

\(= \frac{8}{{100}} \times 350\)

\(= 0.08 \times 350\)

\(= \pounds28\)

Riadh airson trì bliadhna \(= 3 \times \pounds28 = \pounds84\)

Balans ùr \(= \pounds350 + \pounds84 = \pounds434\)

Às dèidh trì bliadhna bidh \(\pounds434\) aig Darren sa chunntas aige.

Question

Tha Mòrag a' cosnadh riadh de \(4.5\%\) gach bliadhna air an airgead a tha i a' sàbhaladh sa chunntas-banca aice.

Thòisich i le \(\pounds200\). Dè tha sa chunntas aice an dèidh 5 bliadhna?