CeudadanRiadh fillte

Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Riadh fillte

Tha riadh fillte coltach ri riadh sìmplidh bhon a tha e air a chur-ris gach bliadhna.

'S e an diofar eadar na dhà gur e sùim stèidhichte de riadh a th' ann an riadh sìmplidh a tha air a chur-ris gach bliadhna, ach le riadh fillte, tha an t-sùim air a bheil riadh air obrachadh a-mach ag atharrachadh gach bliadhna.

Tha an riadh air obrachadh a-mach airson a' chiad bhliadhna, agus an uair sin bidh sin ga chur-ris an t-sùim a bh' ann bho thùs. Bheir sin dhut an t-sùim an dèidh a' chiad bhliadhna.

Tha riadh airson na dara bliadhna an uair sin air obrachadh a-mach an dèidh a' chiad bhliadhna, agus bheir sin an uair sin dhut sùim eadar-dhealaichte de riadh bhon chiad bhliadhna.

Eisimpleir

Obraich a-mach an riadh fillte a choisinneas Jane air \(\pounds6000\) aig \(2.8\%\) airson 3 bliadhna.

Dòigh 1

Bliadhna 1

\(2.8\% \,de\,6000\)

\(= 0.028 \times 6000\)

\(= \pounds168\)

Bliadhna 2

\(2.8\% \,de\,6168\)

\(= 0.028 \times 6168\)

\(= \pounds172.70\)

Bliadhna 3

\(2.8\% \,de\,6340.70\)

\(= 0.028 \times 6340.70\)

\(= \pounds177.54\)

Sùim an dèidh bliadhna 3: \(\pounds6340.70 + \pounds177.54 = \pounds6518.24\)

Sùim iomlan de riadh fillte air a chosnadh \(= \pounds6518.24 - \pounds6000 = \pounds518.24\)

Dòigh 2

Tha an dòigh seo gu math nas luaithe.

Bhon a tha an riadh a' dol suas \(2.8\%\,sa\,bhliadhna\) tha seo a' ciallachadh gur e an t-sùim \(102.8\%\) dhen bhliadhna roimhe. Mar sin:

\(102.8\% \,de\,6000\)

\(= 1.028 \times 6000\)

\(= \pounds6168\)

Ach chan eil seo a' toirt dhut ach an t-sùim an dèidh bliadhna 1. Airson an t-sùim an dèidh bliadhna 3 obrachadh a-mach:

\({(1.028)^3} \times 6000\)

\(= \pounds6518.24\)

Feuch seo a-nis:

Question

Obraich a-mach an riadh fillte a choisinneas \(\pounds8000\) aig \(2.2\%\) gach bliadhna airson 5 bliadhna.