Main content

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's anns na Hearadh a tha e.

Bha Mairead NicAoidh, Beasa Òb an Duill, air leth beartach a thaobh òrain 's beul-aithris agus cha bheag dhen a sin a fhuair Fred bhuaipe, a thuilleadh air a bhith ag innse mu h-obair an Caisteal Amhuinnsuidhe.

Fhuair Raibeart MacFhionghain, bhon a' Chadha air an Tairbeart, às an Iolaire le bheatha oidhche na Bliadhn' ùire 1919. Dh' innis e mar a thachair do Fred.

Tha Seonaidh MacLòid ag innse mar a fhuair e croit ann am Fioscabhaig san Eilean Sgitheanach às dèidh a' Chiad Chogaidh.

'S gheibh sinn òrain bho Bheasa, Aonghas Dòmhnallach agus Iain Murchadh Moireasdan.

15 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 28 Dec 202510:00

Broadcasts

  • Mon 22 Dec 202515:30
  • Sun 28 Dec 202510:00