Episode details

Available for 15 days
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's anns na Hearadh a tha e. Bha Mairead NicAoidh, Beasa Òb an Duill, air leth beartach a thaobh òrain 's beul-aithris agus cha bheag dhen a sin a fhuair Fred bhuaipe, a thuilleadh air a bhith ag innse mu h-obair an Caisteal Amhuinnsuidhe. Fhuair Raibeart MacFhionghain, bhon a' Chadha air an Tairbeart, às an Iolaire le bheatha oidhche na Bliadhn' ùire 1919. Dh' innis e mar a thachair do Fred. Tha Seonaidh MacLòid ag innse mar a fhuair e croit ann am Fioscabhaig san Eilean Sgitheanach às dèidh a' Chiad Chogaidh. 'S gheibh sinn òrain bho Bheasa, Aonghas Dòmhnallach agus Iain Murchadh Moireasdan.
Programme Website