Hiort
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Hiort a tha a shùil.
Ann an 1971 thill Lachlainn Dòmhnallach a Hiort airson a' chiad uair an dèidh dha an t-eilean fhàgail ann an 1930 nuair a dh'fhàg an sluagh gu lèir an eilean. Cluinnidh sinn an còmhradh a bh' aig Fred leis fhads a bha iad air an eilean.
Ann an aon de na clàraidhean as sine a th' againn ann an Gàidhlig aig a' BhBC, tha Dòmhnall Iain Fearghasdan ag innse mar a thàinig bàt'-aigeil Gearmailteach a-steach a Bhàgh Hiort aig toiseach a' Chiad Chogaidh agus a chuir i às dhan stèisean rèidio a bh' aca a sin. Chaidh a chlàradh ann an 1937.
Agus gheibh sinn criomag den chòmhradh a chlàr chlàr Fionnlagh J Dòmhnallach ann an 1949 còmhla ri Anna NicIllÌosa a bha air Hiort fhàgail ann an 1930 agus air a dhol a dh'fhuireach dhan Mhorbhairne.
Cuinnidh sinn cuideachd 'Tuireadh nan Hiortach', 'Mo ghaol Òigfhear a' Chùil Duinn' agus 'Cleite Gàdaig'.
Last on
Broadcasts
- Mon 29 Dec 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 202621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Last Sunday10:00BBC Radio nan Gàidheal
