Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Feb 2025,30 mins

Available for 22 days

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Hiort a tha a shùil. Ann an 1971 thill Lachlainn Dòmhnallach a Hiort airson a' chiad uair an dèidh dha an t-eilean fhàgail ann an 1930 nuair a dh'fhàg an sluagh gu lèir an eilean. Cluinnidh sinn an còmhradh a bh' aig Fred leis fhads a bha iad air an eilean. Ann an aon de na clàraidhean as sine a th' againn ann an Gàidhlig aig a' BhBC, tha Dòmhnall Iain Fearghasdan ag innse mar a thàinig bàt'-aigeil Gearmailteach a-steach a Bhàgh Hiort aig toiseach a' Chiad Chogaidh agus a chuir i às dhan stèisean rèidio a bh' aca a sin. Chaidh a chlàradh ann an 1937. Agus gheibh sinn criomag den chòmhradh a chlàr chlàr Fionnlagh J Dòmhnallach ann an 1949 còmhla ri Anna NicIllÌosa a bha air Hiort fhàgail ann an 1930 agus air a dhol a dh'fhuireach dhan Mhorbhairne. Cuinnidh sinn cuideachd 'Tuireadh nan Hiortach', 'Mo ghaol Òigfhear a' Chùil Duinn' agus 'Cleite Gàdaig'.

Programme Website
More episodes