
Beàrnaraigh na Hearadh
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Eilean Bheàrnaraigh a tha e a' tadhal.
Cluinnidh sinn an aibidil ann an Gàidhlig aig Cairistìona Patterson, agus i ag innse cuideachd mar a bha iad a' buain mhònach air Eilean Bhacasaigh.
Tha Donnchadh MacLeòid, Donnchadh Ruairidh Chùbair ag aithris Òran an t-Siùil, a rinn Iain Eàirdisidh MacAsgaill do dh'Aonghas Dhòmhnaill 'ic Iain a bha air seòl ùr a dhèanamh dhan eathar aige, Welcome Home. Tha e cuideachd ag aithris Sgeul a' Ghille Mhaoil.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Iain Aonghas Patterson a bha air là a chur seachad còmhla ris an Teaghlach Rìoghail ann an 1956, a' sealltainn dhaibh càit' an glacadh iad iasg ann an Caolas na Hearadh.
A thuilleadh air a sin gheibh sinn Òran na Stocainnean, Òran a' Chafe, An Neamhnaid Luachmhor agus rann na dà de dh'Eilean Bheàrnaraigh.
Last on
Broadcasts
- Mon 6 Oct 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Oct 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Oct 202510:00BBC Radio nan Gàidheal