Barraigh
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Barraigh a tha a shùil.
'S i Màiri NicIain às a' Ghleann a tha a' tòiseachadh le duain a bhiodh aca de chloinn airson an h-eòin aithneachadh.
Cluinnidh sinn 'Mar a Thàinig an Deamhainn a Bharraigh' aig Dòmhnall Dòmhnallach às a' Bhàgh a Tuath.
Tha Calum MacIain ag innse sgeulachd 'Uilleam Dèan Suidhe' agus tha earrann de Sgeulachd a' Ghamhna Dhuinn aig a bhean, Anna.
B' ann a' cutadh a bha Màiri NicNèill sna 1890an agus i ag innse do Fred mun bheatha chruaidh a bh' aice ris an obair.
Gheibh sinn cuideachd òrain bho Dhòmhnall Eòsaph MacFhionghain, Anna 's Calum MacIain agus canntaireachd bho Mhàiri Mhoireasdan.
Last on
Broadcasts
- Mon 15 Dec 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Dec 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Dec 202510:00BBC Radio nan Gàidheal
