Main content

An t-Eilean Sgitheanach

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air an Eilean Sgitheanach a tha e a' tadhal.

Tha e a' tòiseachadh le Lachlann Robasdan à Ealaghol a' leum a-mach à plèana!

'S ann aig Aonghas Fleisteir à Ùig a tha sgeulachd an Sgitheanaich Bhig agus aig Ùisdean MacAoidh à Borrodail an Gleanndail a tha an eachdraidh air mar a thàinig na maoir a Ghleanndail 's na croitearan air a dhol air an casan airson an còirichean ann an 1883 agus e fhèin còig bliadhna deug.

Tha còmhradh aige cuideachd le Iain MacIllEathain à Ratharsair, bràthair Shomhairle MhicIllEathain, mu bhith ag eadar-theangachadh bàrdachd.

A thuilleadh air a sin tha òrain aige bho Ùisdean MacRath, Iain Dùbhglas agus Catrìona NicIllEathain.

1 day left to listen

30 minutes

Last on

Sun 14 Dec 202510:00

Broadcasts

  • Mon 8 Dec 202515:30
  • Wed 10 Dec 202520:00
  • Sun 14 Dec 202510:00