Episode details

Available for 9 days
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Barraigh a tha a shùil. 'S i Màiri NicIain às a' Ghleann a tha a' tòiseachadh le duain a bhiodh aca de chloinn airson an h-eòin aithneachadh. Cluinnidh sinn 'Mar a Thàinig an Deamhainn a Bharraigh' aig Dòmhnall Dòmhnallach às a' Bhàgh a Tuath. Tha Calum MacIain ag innse sgeulachd 'Uilleam Dèan Suidhe' agus tha earrann de Sgeulachd a' Ghamhna Dhuinn aig a bhean, Anna. B' ann a' cutadh a bha Màiri NicNèill sna 1890an agus i ag innse do Fred mun bheatha chruaidh a bh' aice ris an obair. Gheibh sinn cuideachd òrain bho Dhòmhnall Eòsaph MacFhionghain, Anna 's Calum MacIain agus canntaireachd bho Mhàiri Mhoireasdan.
Programme Website