Cothrom barrachd ionnsachadh mun "Mhollachd Cheilteach"

GineTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad eileanaich agus muinntir Èirinn a Tuath as buailtiche an tinneas gineach a bhith orra

  • Air fhoillseachadh

Thèid seiseanan poblach a chumail Diardaoin is Dihaoine ann an Leòdhas airson barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh mun rannsachadh DNA a dhearbh gu bheil eileanaich am measg na tha as motha ann an cunnart tinneas gineach haemochromatosis a bhith orra.

Tha an tinneas - ris an canar "A' Mhollachd Cheilteach" - a' fàgail gu bheil cus iarainn ann am fuil an fheadhainn air am bheil e.

Faodaidh seo fìor dhroch bhuaidh a thoirt air an slàinte agus faodaidh e aillse grùthain, cirrhosis agus tinneas nan alt adhbhrachadh, am measg eile.

Dh'iarr Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, air a bheil haemochromatosis, gum bi sgrìonadh cunbhalach sa choimhearsnachd air a shon.

BP nan Eilean Siar Torcuil CrichtonTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha haemochromatosis air BP nan Eilean Siar agus dh'iarr esan gum bi sgrìonadh coimhearsnachd ann

Bidh esan aig na seiseanan fiosrachaidh còmhla ris an Ollamh Jim Flett-Wilson a rinn rannsachadh air an tinneas mar phairt de Sgrùdadh Gineachan nan Lochlannach sna h-eileanan.

Sheall an sgrùdadh gum faod an camadh-ghine C282Y a tha ag adhbhrachadh an tinneis a bhith aig aon neach às gach 62 le ceanglaichean leis na h-Eileanan an Iar, agus aon duine às gach 71 an Èirinn a Tuath.

Bidh na seiseanan air an cumail Diaordaoin aig Oifis Urras Ghabhsainn eadar 3.00f agus 4.20f, agus an Talla-baile Steòrnabhaigh eadar 7.30f agus 9.00f.

Bidh treas seisean ann Dihaoine ann an togalach Comann Eachdraidh Cheann a Loch ann am Baile Ailein eadar 10.00m agus 11.30m.