Deuchainnean DNA dhan a h-uile Eileanach?

Fo-thiotal a’ bhidio,

Torcuil Crichton BP a' bruidhinn air Aithris na Maidne

  • Air fhoillseachadh

Nochd beachd gum bu chòir deuchainnean DNA a dhèanamh air a h-uile duine sna h-Eileanan Siar airson trioblaidean slàinte aithneachadh tràth.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, nach biodh a leithid idir cosgail, agus gun gabhadh pàigheadh air a shon le airgead bhon thuathan-gaoithe.

Chuireadh sin, thuirt e, na h-Eileanan Siar fichead bliadhna air thoiseach air a' chòrr den Rìoghachd a thaobh cùraim slàinte, a bharrachd air a bhith a' sàbhaladh beatha dhaoine.

Bha e a' bruidhinn an dèidh do rannsachadh ùr sealltainn gu bheil muinntir nan Eilean Siar gu h-àraid dualtach a bhith a' fulang Haemochromatosis, trioblaid a leanas ann an teaghlaichean 's a dh'fhàgas cus iarrainn ann am fuil dhaoine.

"Bu chòir deuchainn fala a thoirt dhan a h-uile duine sna h-Eileanan Siar feuch a bheil cus iarrainn san fhuil aca, agus cuideachd deuchainn DNA a thabhainn orra feuch dè na trioblaidean slàinte eile a dh'fhaodadh a bhith air tighinn a-nuas thuca tro an teaghlaichean," thuirt Mgr Crichton.

"Bhiodh seo cruth-atharrachail; shàbhaileadh e airgead dhan NHS san ùine ghoirid agus san ùine fhada.

"Ach nas cudromaiche na sin, shàbhaileadh e beatha dhaoine, agus chuireadh e sinn fichead bliadhna air thoiseach air a' chòrr den dùthaich a thaobh ro-leigheis, leis a' chosgais ga ghiùlain le leasachaidhean tuath-gaoithe."

Gineachan Lochlannach

Thug rannsachadh DNA nan "Gineachan Lochlannach" a rinn an t-Oll. Jim Flett Wilson aig Oilthigh Dhùn Èideann sampaill DNA bho eileanaich air feadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar.

Sheall sgrùdadh air sampaill nan Eileanan mu Thuath gun robh gineachan àraid aillse a' tighinn a-nuas ann an teaghlaichean, agus dh'fhàg sin gum faodar rabhadh a thoirt do dhaoine tràth.

Thèid làn-thoraidhean rannsachadh nan Eilean Siar fhoillseachadh nas fhaide den Ghearran, ach thàinig e am bàrr mar thà gu bheil haemochromatosis agus cholesterol àrd a dh'adhbharaicheas tinneas cridhe gu h-àraid dualtach tighinn air cuid de dh'eileanaich.

Tha stòr-dàta an rannsachaidh a' cumail fiosrachaidh mu 10,000 duine aig a bheil co-dhiù dithis seann phàrantan à tè de na trì sgìrean eileanach.

Nam measg tha Mgr Crichton fhèin, air a bheil haemochromatosis - an trioblaid gineachail as cumanta an Alba, a thig air daoine nuair a tha an gine a tha ga adhbharachadh aig an dithis phàrantan aig duine.

"Gu fortanach chaidh seo aithneachadh annam fhèin agus an còrr den teaghlach agamsa, 's fhuair sinn leigheas air a shon.

"Ach mura h-aithnichear tràth e faodaidh e trioblaidean dona siatic adhbharachadh, a thuilleadh air aillse ghrùthain agus tinneas cridhe.

"Bidh trioblaidean eile uaireannan rin coireachadh, ach ma thèid na comharraidhean aithneachadh tràth faodar stad a chur orra."