Cobhair air cù a thuit tron t-sneachd

Cobhair ga dhèanamh air cù le ball bho sgioba-teasairginn nam beannTùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Aggie às dèidh do bhall bho Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill a togail às an t-sneachd

  • Air fhoillseachadh

Chaidh Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill a ghairm Didòmhnaich airson cobhair a dhèanamh air ceathrar luchd-coiseachd agus na còig coin aca.

Bha a' bhuidheann air brath-èiginn a chur a-mach 's iad ann an duilgheadasan air Fionn-Bheinn faisg air Achadh na Sìne air taobh siar na Gàidhealtachd.

Thuit na coin air fad tro bhile-sneachda faisg air mullach na beinne.

Chaidh dithis den luchd-coiseachd air thòir nan con agus fhuair iad lorg air ceithir aca ach dh'fhailich orra an cù mu dheireadh a lorg.

Thill an luchd-coiseachd gu bonn na beinne far an robh buill bhon sgioba-teasairginn deiseil airson coinneachadh riutha.

Cha deach duine a ghoirteachadh ach cha robh sgeul air a' chù spaniel air a bheil Aggie, a bha air tuiteam ann an Coire an Tuill Mhòir.

Buill bho Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill an sàs ann an iomairt theasairginnTùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an sgioba-teasairginn a ghairm Didòmhnaich airson cobhair a dhèanamh air ceathrar luchd-coiseachd agus na còig coin aca.

Thill an luchd-coiseachd a bha air Aggie a chall Diluain còmhla ri triùir bhon sgioba-teasairginn a bha an làthair air an ceann fhèin agus geamair bhon oighreachd san sgìre.

Fhuair iad lorg air Aggie gu h-àrd air a' bheinn agus chleachd Mark Robson bhon sgioba-teasairginn ròpa airson teàrnadh tron t-sneachd gu far an robh an cù.

Chaidh Aggie a thoirt far na beinne slàn sàbhailte, às dèidh dhi an oidhche a chur seachad anns an t-sneachd.

Cù ann an cùl chàir.Tùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Aggie a' faighinn dhachaigh 's i slàn sàbhailte às dèidh oidhche a chur seachad air mullach na beinne

Thuirt Ceannard Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill, Iain Nesbitt, gu bheil an tachartas seo na dhearbhadh air cho cunnartach 's a dh'fhaodadh bilean-sneachda a bhith.

"Tha iad doirbh fhaicinn aig amannan, stallachan sneachda a tha air an cruthachadh le gaoith làidir air oir nan dromannan far a bheil e gu math furasta tuiteam tromhpa," thuirt e.