Dearbhadh air taic riaghaltais le cosgais ola teasachaidh

Ola ga cur ann an tancaTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'èirich cosgais ola teasachaidh gu mòr agus gu h-obann le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic-airgid £4.6m do dhaoine ann an Alba a tha an eisimeil ola teasachaidh.

Tha e na phàirt de shuim còrr air £50m do dhaoine ann am Breatainn agus Èirinn a Tuath, agus cosgais ola teasachaidh air èirigh gu mòr le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach.

Gheall an riaghaltas cuideachd gun cuir iad riaghladh an sàs air margaidh na h-ola teasachaidh, gus dìon a bharrachd a thoirt do luchd-cleachdaidh.

Tha cosgais kerosene - an ola a thèid a chleachdadh airson dachannan a theasachadh - air èirigh nas motha na cosgais leithid peatroil, agus e an-dràsta a dhà uimhir cosgais ola amh.

Anns an Rìoghachd Aonaichte chan eil an aon dìon air luchd-cleachdaidh ola 's a th' air luchd-cleachdaidh gas agus dealain, gun chuibhreachadh air na prìsean a dh'fhaodas companaidhean a chur air ola.

Tha mòran aig tuath air draghan a thogail mun chùis anns na làithean mu dheireadh is prìsean ag èirigh gu mòr.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar aig deireadh na seachdain gun toireadh Riaghaltas na h-Alba seachad taic tro Ghrantaichean Èiginn, is gum faigheadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fuasgladh maireannach dha prìsean àrda a' chonnaidh anns an sgìre.

'S ann sna h-Eileanan Siar a tha na h-ìrean as miosa airson bochdainn connaidh anns an Rìoghachd Aonaichte gu lèir.