An ceangal eadar gine aillse broillich agus Arcaibh

  • Air fhoillseachadh
Taigh-solais ann an eilean Westray ann an ArcaibhTùs an deilbh, FrancisXT
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an luchd-rannsachaidh den bheachd gun tàinig an camadh gine air aon neach an Westray bho chionn mu 250 bliadhna

Fhuaireadh camadh gine a tha nas buailtiche aillse broillich adhbhrachadh ann an daoine le buntanas le eilean Westray.

Tha sgrùdadh ùr a' cumail a-mach gu bheil 1 duine anns gach 100 aig a bheil sean-phàrantan às Arcaibh a' giùlain camadh sònraiche den ghine BRCA1.

Fhuair iad gun robh ceangal teaghlaich aig a' mhòr-chuid dhiubh le eilean Westray.

Tha dùil gur e seo a' chiad turas a rinneadh ceangail den t-seòrsa seo le sgìre shònraichte am Breatainn.

Fhuair deuchainnean gineach a rinn an luchd-rannsachaidh gu bheil an camadh gine Arcaibh seo ri lorg ann an daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus fiù's anns na Stàitean Aonaichte.

Bha rannsachadh a rinneadh roimhe air faighinn gun robh boireannach bho chuid de choimhearsnachdan eitnigeach, Iùbhaich Ashkenazi mar eisimpleir, nas dualtaiche camadh gine BRCA a ghiùlain.

San Rìoghachd Aonaichte air fad tha mu 1 neach anns gach 1,000 sa bheil camadh BRCA1, gine a dh'fhàgas gu bheil boireannaich nas dualtaiche aillse broillich neo na h-ugh-lainn thighinn orra.

'S e an t-Ollamh Zosia Miedzybrodzka, stiùiriche na Seirbheis Gintinneachd Clionagaich aig NHS Roinn a' Mhonaidh, a lorg an camadh seo den ghine BRCA1 V1736A.

Thòisich an rannsachadh aice bho chionn 25 bliadhna nuair a chaidh mothachadh gun robh sgrionadh ionadail airson aillse broillich a' lorg gun robh àrdachadh sna bha de theaghlaichean leis an tinneas agus bha iad airson faighinn a-mach carson a bha seo.

An t-Ollamh Zosia Miedzybrodzka,Tùs an deilbh, Oilthigh Obair Dheathain
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann bho cionn 25 bliadhna a thòisich an t-Ollamh Zosia Miedzybrodzka smaoineachadh gur dòcha gun robh ceangal ann le Arcaibh

Le bhith a' faighneachd do dh'euslaintich mu na sinnsearan aca fhuair iad a-mach gun robh an ceangal seo ann le Westray, eilean ann an Arcaibh far nach eil ach 600 duine a' fuireach.

Gu ruige seo chaidh 37 boireannaich le buntanas Arcaibh aithneachadh.

Bidh cuid air nach tig aillse ach tha feadhainn eile air roghnachadh a dhol fo lannsa gus nach bi uimhir de chunnart ann gun tachair sin.

Tha 20 neach a tha a' giùlain na gine ach aig nach eil fios fhathast.

Bha iad am measg còrr agus 2,000 boireannach a thug seachad dàta ginnteach gu saor-thoileach dhan rannsachadh air a bheil Orcades (Orkney Complex Disease Study).

Tha an sgioba a-nis a' sireadh cead bho Chomataidh Eitic an Rannsachaidh innse dha na boireannach a chaidh aithneachadh gu bheil iad a' giùlain a' chamaidh gine BRCA1.

Linda Hagan, 69, seann nurs
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Linda Hagan gun robh e doirbh smaoineachadh gur dòcha gun tug i seachad an gine dha a nigheanan

Rugadh Linda Hagan, a bha na nurs, ann an Westray agus tha i air a dachaigh a dhèanamh ann cha mhòr fad a beatha.

'S ann às an eilean a bha a pàratan agus a sean-phàrantan agus a' chuid as motha de na sinnsearan aice.

Dh'innis Linda, 69, gun tug aillse broillich bàs do a piuthair òg bho chionn ceithir bliadhna.

Gheibh ise buil an sgrìonaidh ghintinnich a rinneadh oirre a dh'aithghearr.

Tha triùir nigheanan aig Linda agus thuirt i gum biodh e duilich smaoineachadh gur dòcha gun tug i dhaibh an camadh gine seo.

"Ach the e cudromach fios a bhith againn agus 's dòcha gun gabh rudeigin dèanamh mu dheidhinn," thuirt i.