Tar-shealladh air litreachas aig an Àrd Ìre

Part ofGàidhligLitreachas

Litreachas aig an Àrd Ìre

Tha litreachas na phàirt de phàipear Leughadh agus Litreachas cùrsa Àrd Ìre Gàidhlig. Tha luach 30 comharra mu choinneamh Leughadh agus 20 comharra mu choinneamh Litreachais.

Bidh aon aiste bhreithneachail air litreachas ri sgrìobhadh san deuchainn.

A' taghadh eadar na cinn: bàrdachd, rosg, film/telebhisean no dràma Gàidhlig, thèid an aiste a sgrìobhadh a' freagairt aon cheist de na dhà a th' air an tabhann fon cheann thaghte.

Back to top

A' sgrìobhadh mu litreachas

Stiùireadh farsaing

  • Feumaidh tu an-còmhnaidh a' cheist a thaghas tu a fhreagairt.

  • Tha e cudromach gum bi thu a' cur taic ri na puingean a thogas tu. Feumaidh tu na puingean sin a shoilleireachadh tro bhith a' cleachdadh fianais shònraichte às a' phìos a thagh thu airson do bheachd a mhìneachadh.

  • Feumaidh tu nochdadh gu bheil deagh thuigse agad air brìgh a' phìos. Bidh an sgrìobhadair ag amas air cuspair agus a chur anns a' phìos litreachais tro no caractar(an). Feumaidh tu iad seo a mhìneachadh nuair a bhios tu ri sgrìobhadh breithneachail.

  • Anns a h-uile pìos litreachais bidh an sgrìobhadair air sgilean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte a chur gu feum. Feumaidh tu eòlas a chur air na sgilean sgrìobhaidh seo airson sgil an sgrìobhadair a dhearbhadh nuair a bhios tu a' tarraing air pìos sònraichte às an teacs.

Structar

Bu chòir do structar freagarrach a bhith air do fhreagairt:

  • tòisich le ro-ràdh far an tog thu air a' cheist, far an ainmich thu an teacs air a bheil thu gus sgrìobhadh agus far an inns thu na tha thu an dùil a dhèanamh nad fhreagairt.
  • An uair sin tog air na puingean agus sgilean sgrìobhaidh a nochd anns an teacs. Bi cinnteach gun dèan thu anailis air do bheachdan.
  • Mu dheireadh, crìochnaich do fhreagairt le co-dhùnadh gus do bheachdan agus a' cheist a tharraing còmhla.
Back to top

Stiùireadh farsaing air sgrùdadh bàrdachd

Cùl-fhiosrachadh: airson do chuideachadh le bhith a' sgrùdadh dàn, tha e cudromach tuigse a bhith agad air a' san deach a sgrìobhadh. Ma gheibh thu a-mach mun bhàrd, cuin agus càit an deach an dàn a sgrìobhadh agus fiosrachadh poilitigeach, eachdraidheil no sòisealta co-cheangailte ris, bheir sin cuideachadh dhut gus na san teacsa a thuigsinn.

A' leughadh an dàin: 's dòcha nach bi na tèaman ann an dàn soilleir air a' chiad leughadh. An toiseach, tha e cudromach gun leugh thu a' bhàrdachd aig ìre litireil. Leugh gu cùramach. Ma dh'fheumas tu, cleachd faclair agus dèan notaichean air faclan agus gnàthasan-cainnt a tha ùr dhut no toinnte.

Dlùth leughadh: nuair a bhios tuigse litireil mhath agad air an dàn, 's e an ath cheum sùil a thoirt air sgilean sgrìobhaidh agus air eisimpleirean den tèama no na tèaman. Nuair a bhios tu air iad sin a chomharrachadh, faodaidh tu tòiseachadh a' sgrùdadh agus a' luachadh dè cho èifeachdach 's a bha an dòigh san deach an cleachdadh.

Back to top

Sgrùd bàrdachd

Sgrùd na dàin a leanas le artaigilean litreachais Bitesize Àrd Ìre Gàidhlig.

DànFiosrachadhNithean air a bheil an t-artaigil a' togail
IomallachdTha an dàn Iomallachd le Meg Bateman a' dèanamh coimeas eadar iomallachd fhiosaigeach agus iomallachd phoilitigeach, a thuilleadh air co-chomann eachdraidheil is an latha an-diugh.Stoidhle, structar, fuaim agus ruitheam, tèaman, tòna, ìomhaigheachd, taghadh-facail, uaim, teachdaireachd
Obair-ghrèisTha an dàn Obair-ghrèis le Catrìona NicGumaraid a' coimeas obair-ghrèis aon charactar, Ceit, ri grèiseadh bhreugan caractar eile, Seònaid.Comhghar, tòna, ìomhaigheachd, taghadh-facail, uaim, stoidhle, tèaman, teachdaireachd, meatafor leudaichte
Srath NabhairTha an dàn Srath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais a' sealltainn ri tachartas ann an Cataibh an ceann a tuath na Gàidhealtachd aig àm nam Fuadaichean.Coimeas, ìoranas, meatafor, taghadh-facail, pearsanachadh, puingeachadh, ìomhaigheachd, uaim, teachdaireachd

Iomallachd

Rach gu artaigil air an dàn Iomallachd anns a bheil bhidio leis a' bhàrd - Meg Bateman, leughadh leatha, ceistean le freagairtean agus quiz.

Iomallachd

Obair-ghrèis

Rach gu artaigil air an dàn Obair-ghrèis le Catrìona NicGumaraid anns a bheil teacsa an dàin, fios mu structar, ceistean le freagairtean agus quiz.

Obair-ghrèis

Srath Nabhair

Rach gu artaigil air an dàn Srath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais anns a bheil fios mu sgilean sgrìobhaidh, ceistean le freagairtean agus quiz.

Srath Nabhair
Back to top

Stiùireadh farsaing air sgrùdadh sgeulachdan goirid

Cùl-fhiosrachadh: tha e cudromach, nuair a bhios tu a' sgrùdadh sgeulachd ghoirid, gum bi thu eòlach air cùl-fhiosrachadh an teacsa. Ma bhios fios agad mu bheatha an ùghdair agus mun àm a chaidh an sgeulachd a sgrìobhadh, 's dòcha gun cuidich sin thu le agus cuspairean a dh'fhaodadh nochdadh san teacsa. Bidh an eachdraidheil, sòisealta no phoilitigeach sa bheil no san robh an t-ùghdar a' sgrìobhadh na chuideachadh le co-theacsa na sgeulachd. 'S dòcha cuideachd gum biodh e feumail beagan rannsachaidh a dhèanamh air suidheachadh na sgeulachd no mun àm san do thachair i. Ma bhios tuigse mhath agad air a' chùl-fhiosrachadh, dh'fhaodadh gun cuidicheadh e thu le bhith a' faicinn nan smuaintean agus nam beachdan a th' anns an sgeulachd.

A' tuigsinn na sgeulachd: mus tòisich thu a' dèanamh sgrùdadh mionaideach air sgeulachd ghoirid, tha e cudromach gum bi thu a' tuigsinn na sgeulachd aig ìre litireil. Cleachd faclair agus dèan cinnteach gu bheil thu a' tuigsinn faclan agus gnàthasan-cainnt san teacsa a tha ùr dhut. Bhiodh e feumail nota a dhèanamh dhe na faclan no abairtean seo.

Dlùth leughadh: nuair a bhios tuigse mhath agad air an sgeulachd, 's e an ath cheum sgrùdadh a dhèanamh air an sgeulachd is beachdachadh air an tèama no na tèaman a tha a' tighinn am bàrr agus na sgilean sgrìobhaidh a chaidh a chleachdadh airson tèama a thoirt am follais. Faodaidh tu an uair sin smaoineachadh agus luachadh a dhèanamh air cho èifeachdach 's a chaidh seo a dhèanamh.

Back to top

Sgrùd sgeulachdan goirid

Sgrùd sgeulachdan goirid le artaigilean litreachais Bitesize Àrd Ìre Gàidhlig.

Sgeulachd ghoiridFiosrachadhNithean air a bheil an t-artaigil a' togail
MaireadTha an sgeulachd ghoirid Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air duilgheadasan co-cheangailte ri càirdeas agus dàimhean agus mar a bhios daoine a' dèiligeadh riutha sin.Conaltradh nan caractaran, cuspair, tèaman, moitif, tòna, ìomhaigheachd, ìoranas, pearsanachadh
Slànaighear na NollaigeTha an sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige le Mòrag Anna NicNèill a' dèanamh dealbh air fèin-fhiosrachadh triùir phrìomh charactaran - dìol-dèirce agus dithis bhoireannach - thar aon fheasgar Disathairne ann am meadhan mòr-bhaile.Caractarachd, conaltradh is smuaintean nan caractaran, structar, taghadh-facail, tiotal is teachdaireachdan, plot, puing-tionndaidh, fuaimealas, ìomhaigheachd

Slànaighear na Nollaige

Rach gu artaigil anns a bheil Mòrag Anna NicNèill a' leughadh Slànaighear na Nollaige agus ag innse mu bhith ga sgrìobhadh. Sgrùd an uair sin ceistean, freagairtean is quiz air an sgeulachd ghoirid.

Slànaighear na Nollaige

Mairead

Rach gu artaigil air sgeulachd ghoirid Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn anns a bheil an teacsa ri leughadh is ri chluinntinn agus fiosrachadh ri fhaighinn air tèaman agus sgilean sgrìobhaidh cuide ri ceistean agus quiz air an sgeulachd.

Mairead
Back to top

More on Litreachas

Find out more by working through a topic