Sgrìobhadh breithneachail air sgeulachd ghoirid
Dreach luath
Tha an sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige le Mòrag Anna NicNèill a' toirt dealbh air fèin-fhiosrachadh triùir phrìomh charactaran - dìol-dèirce agus dithis bhoireannach - thar aon fheasgar Disathairne ann am meadhan mòr-bhaile.
San earrann seo tha cothrom:
- Slànaighear na Nollaige a chluinntinn air a leughadh leis an sgrìobhadair
- an sgeulachd ghoirid a leughadh
- bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair ag innse mun sgeulachd agus mu a h-amasan ann a bhith ga sgrìobhadh
- sgrùdadh a dhèanamh air na sgilean a chleachd an sgrìobhadair airson an sgeulachd a dhèanamh soirbheachail
- luachadh a dhèanamh air mar a tha cuspairean agus teachdaireachdan na sgeulachd air an cur fa chomhair an leughadair
Tha na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh - a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh - a' toirt taic dhut le sgrìobhadh breithneachail air litreachas.
Tron earrainn, bidh thu a' freagairt cheistean air an sgeulachd ghoirid. Bidh na freagairtean sin an uair sin a' toirt taic dhut gus aiste a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin ann an aiste litreachais. Tha na freagairtean nan eisimpleirean air na dh'fhaodadh tu togail air.
Èist ri Slànaighear na Nollaige air a leughadh leis an sgrìobhadair
Sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige le Mòrag Anna NicNèill air a leughadh leis an sgrìobhadair.
Slànaighear na Nollaige
1 Shìn an dìol-dèirce an cupa plastaig gan ionnsaigh agus ged nach tuirt e facal, bha an cruaidh-fheum a bha na shùilean ag innse a sgeulachd fhèin. Thagh e an t-àite seo a dh'aona-ghnothach, agus nuair a chunnaic e an dithis bhoireannach, dh'èirich dòchas na chridhe.
2 B' e feasgar Disathairne a bh' ann agus bha am baile a' cur thairis, a h-uile duine air bhoil a' ceannach 's a' cosg is gun ach còig latha air fhàgail chun na Nollaig. Bha sneachda air a ghealltainn, agus bha seo na adhbhar gàirdeachais dhan t-sluagh cuideachd. Ged nach robh an truaghan air an naidheachd a chluinntinn, chan fheumadh duine ro-aithris aimsire airson tuigsinn nach robh na ciad bhleideagan fada air falbh.
3 Bha an èadhar puinnseanta fuar agus bha tachas draghail air tòiseachadh na ghàirdean. Chuir e sìos an cupa agus thruis e a mhuinichill, a' sgrìobadh far an robh làrach na snàthaide a-nis a' bòcadh gu goirt. Dhùin e a dhà shùil le osna chràiteach.
4 "Greas ort!" chuala e an tè bhàn ag ràdh ann an guth cruaidh. Dh'fhairich e a chuid dòchais a' traoghadh air falbh nuair a ghabh i an dàrna taobh dheth, a sàilean àrda a' bragadaich air a' chabhsair agus i a' toirt sùil shuarach air anns an dol seachad.
5 Ach stad an tè ruadh airson tiotan, ga amharc. Shaoil leatha an toiseach gun robh i a' dèanamh aithne gun chuimhne air, ach an uair sin mhothaich i dhan lot dhearg a bh' air a ghàirdean agus leig i an smuain às a ceann. Bha i a' miannachadh sgillinn no dhà a chath dhan chupa, gus am faca i an sgraing a bh' air aodann na tèile.
6 "Chan eil fhios a'm carson a tha e ceadaichte dhaibh a bhith nan suidhe an siud anns an rathad air daoine," thuirt an tè bhàn gu cas, a' tarraing coilear-bèin a còta suas mu a h-amhaich agus a' putadh an dorais le a h-uilinn. Shlaod i leatha ultach mhàileidean a-steach dhan chafaidh, a liopan dearga teann air a chèile agus drèin air a h-aodann mar gum biodh fàileadh grod air tighinn gu a sròin.
7 Chrom Beathag a ceann le nàire agus i a' seachnadh sùilean an dèircich, ach cha tuirt i guth. B' ann cianail, èiginneach a bha e a' coimhead agus chaidh gairiseachadh troimhpe nuair a smaoinich i air cho reòthta 's a bhiodh i a-nochd fhathast. Ach lean i an tèile a-steach dhan bhlàths, ged nach robh i a' faireachdainn a leth cho acrach a-nis.
8 Bha an t-àite na bu trainge na 'n àbhaist, ach bha Fiona mar eun-creachaidh a' sgrùdadh na h-àrainne, agus cha b' fhada gus an robh i air tighinn sìos le ruathar air bòrd falamh, gun diù sam bith dhaibhsan a bha air a bhith a' feitheamh roimhpe. Cha b' fhada cuideachd gus an robh i air aire a' ghille-fhrithealaidh a ghlacadh le cnagadh cruaidh de a corragan, i coma mun mhonmhar ghearain a bha ag èirigh timcheall oirre.
9 "Fhuair mi siabann do Cheit. Cha robh e ach beagan is not," thuirt i gu moiteil nuair a bha am biadh aca air tighinn. Bha i trang a' piocadh an t-siùcair far cèic mhòr mhilis agus ag imleach a corragan gu sunndach.
"Agus paidhir stocainn do Bhodach Number 4," lean i oirre le gàire. "Cha bhi càil a chuimhne aige gur e sin a thug mi dha an-uiridh – tha e air fàs cho dìochuimhneach!"
10 Cha tuirt Beathag guth agus i fhathast a' beachdachadh air a' chreutair bhochd a bha na shuidhe a-muigh. Chitheadh i e tron uinneig, agus mhothaich i gun robh a' mhòr-chuid a' cumail seachad air, mar nach biodh e idir ann. Chuir an cupa plastaig car dheth agus dh'aithnich i nach robh mòran na bhroinn.
11 "Bha mi airson rudeigin fhaighinn dha agus e a' coimhead às dèidh a' choin," arsa Fiona, "ach cha robh sinn air falbh ach trì tursan am-bliadhna agus fòghnaidh sin dha.
Nach lom, beag-aoibhneis a tha àm na Nollaige do chuid, smaoinich Beathag, a' togail a cèic fhèin gun mòran tlachd. Bha Fiona a-nis trang a' sgrùdadh nan rudan a bha i air a cheannach, moit air a h-aodann nach robh i air mòran a chosg air duine.
12 "Tha sgarfa agam a-staigh a nì a' chùis do Chriosaidh. Chan eil fhios a'm cò thug dhomh fhèin i – tè ghrànda phinc le strìochan mòra dubha. Tha i grod ach tha i math gu leòr dhìse!"
13 Rinn i lasgan gàire agus chaidh aodann Beathaig dearg. An tiodhlac Nollaige a bha i fhèin air a thoirt dhi an-uiridh! Thug i sùil air a banacharaid, saoil an e droch rud a bha fa-near dhi, ach bha e doirbh smuaintean na tèile a leughadh aig amannan.
14 Bha i a' faireachdainn ro theth agus thug i dhith a seacaid. Bha cus dhaoine anns a' chafaidh agus shaoil i gun robh a h-uile duine a' bruidhinn ach nach robh duine ag èisteachd. Chluinneadh i laoidhean Nollaige a' tighinn à badeigin, ach bha glagadaich is gliongadaich a' chidsin a' mùchadh na seinn.
15 Bha a ceann air fàs goirt agus cha robh am fàileadh spìosraidh a bh' anns an èadhar ach ga dèanamh bochd. Mhothaich i gun robh sruth ris an uinneig leis a' bhlàths agus shuath i an lòsan le a muinichill.
16 Bha a' chulaidh-thruais fhathast na ghurraban air a' chabhsair. Chuir e iongnadh oirre gun robh e a' coimhead an ìre mhath glan, agus smaoinich i cho doirbh 's a bhiodh e, a' cadal a-muigh gach oidhche am measg duslach is salchar sràidean a' bhaile-mhòir.
17 "Haoidh!" arsa Fiona gu crosta, a' smèideadh stocainnean a' bhodaich na h-aodann.
"Ò, còrdaidh sin ris gu dearbha," thuirt Beathag gu cabhagach, a' tionndadh air ais a dh'ionnsaigh a banacharaid, a bha a-nis a' cunntas na bh' aice air fhàgail na sporan gu cùramach.
18 Shuath Beathag a speuclairean air oir a geansaidh agus thug i balgam eile às a' chupa. A dh'innse na fìrinne, cha robh i ro dhèidheil air cofaidh, ach b' e sin a bha Fiona air òrdachadh agus cha bu dùraig dhi guth a ràdh.
19 "A bheil thu a' dol a dh'ithe sin idir?" arsa Fiona, a' slaodadh thuice an truinnsear eile. "Och uill, 's dòcha gum b' fheàirrde tu rudan milis a sheachnadh airson greiseag bheag! Dè an size a th' annad a-nis co-dhiù – fourteen, sixteen?"
20 Rinn Beathag fiamh-ghàire shearbh ach dh'fhan i na tost. Bha an cràdh a bha na ceann a' fàs na bu mhiosa agus bha Fiona a-nis a' dol air an nearbh aice. Thug i sùil oirre agus bha i a' stialladh air an dàrna cèic le sunnd.
21 "Ò aidh, agus mus dìochuimhnich mi," thuirt i gu h-obann eadar na greimeannan. "Cha bhi mi a-staigh a-màireach. Tha mi a' dol gu coffee morning còmhla ri Ceit dhan Chlub Ghoilf."
Nuair a thig nas fheàrr, gheibh an tràill an t-sitig, smaoinich Beathag gu searbh.
"Fundraiser airson Siria – no Sudan, chan eil mi buileach cinnteach.
Truaghain bhochda air choreigin co-dhiù."
22 Mhothaich Beathag gun robh aire Fiona air gluasad gu taobh a-muigh na h-uinneige, far an robh an dìol-dèirce fhathast na chrùban air an t-sràid. Bha e air chrith, agus e trang a' sgrìobadh nan làrach dearga a bh' air a ghàirdean.
23 "Seall fhèin siud!" thuirt i gu cas. "Tha e dìreach sgriosail! Chan eil mi a' tuigsinn idir carson nach eil na poilis dìreach a' falbh leotha. Bha mi a' leughadh o chionn ghoirid mu dheidhinn nan anti-homeless spikes a tha siud. Deagh idea, ge brith cò a smaoinich orra!"
24 "Ò Fiona!" fhreagair Beathag air a socair. "Tha sin uabhasach. An creutair bochd! Seall cho fuar 's a tha i air fàs, agus cho tana 's a tha a' phlaide a th' air – bidh e reòthta mus tig a' mhadainn."
25 "Tha chead aige," fhreagair Fiona gu mosach.
"Tha iad ag ràdh gu bheil i gu bhith minus eight a-nochd fhathast."
"Ma-thà ma thogair! Nam faigheadh e obair cha leigeadh e leas a bhith na shuidhe an siud a' snagadaich. Air m' onair, tha e air mo stamag a mhilleadh, na shuidhe an siud ga thachais fhèin!"
Mhothaich Beathag gun robh an dà thruinnsear lom, gun chriomag cèice air fhàgail orra ach cha tuirt i guth.
26 "Greas ort agus òl sin," arsa Fiona mu dheireadh, i far a dòghach gun robh Beathag air taobh a ghabhail ris a' chreutair bhochd a bha a-muigh. "Tha mi ag iarraidh dreasa ùr a cheannach airson a-màireach agus chan eil mòran ùine air fhàgail agam mus dùin na bùithtean."
27 Thraogh i an cupa cofaidh agus leig i às e air a' bhòrd le brag. Shlaod i oirre a seacaid agus ann an tiotan bha i air an dùn mhàileidean a bha mu a casan a chruinneachadh thuice gu sgiobalta. Bha coltas greannach oirre agus i ag amharc na tèile, a h-ìnean fada dearga a-nis a' bualadh faram beag-foighidneach air uachdar a' bhùird.
28 Thug Beathag balgam mòr às a' chupa aice fhèin, ach bha an deoch ro theth agus loisg i a beul. Phut i an cupa an dàrna taobh agus dh'èirich i gu a casan le osna.
29 Nuair a dh'fhàg i an taigh anns a' mhadainn bha i air a bhith ann an deagh shunnd, ach bha Fiona air a bhith gearaineach, doirbh fad an latha. Agus ged a bha am baile air a sgeadachadh gu grinn, le solais Nollaige a' deàlradh gu bòidheach anns gach oisean is uinneag, bha an t-àite ro thrang 's bha an latha air tionndadh fuar, aognaidh. Bha i a-nis coma ach faighinn dhachaigh.
30 "Tha cus dhaoine anns a' bhaile," thuirt Fiona, mar gum biodh i air a smuaintean a leughadh. "Falbhaidh sinn nuair a gheibh mi am froga."
31 Bha an sneachda air tòiseachadh nuair a chaidh iad a-mach agus cha robh sgeul air an dèirceach. Far an robh e air a bhith na shuidhe, cha robh ach an cupa plastaig falamh, a' ruidhleadh a-nis air a shocair anns a' ghaoith.
32 Choisich iad gu mullach na sràide, a' stad greiseag aig na solais-thrafaig mus do chùm iad orra tron fhuachd a dh'ionnsaigh na bùtha far an robh Fiona am beachd an dreasa a cheannach. Bha an sneachda a-nis a' tuiteam gu bras agus bha an cabhsair a' sìor fhàs sleamhainn. Bha Fiona cho trang a' suaineadh a sgarfa mu a h-amhaich agus nach fhaca i an càr gus an do bhuail e innte.
33 Cha b' urrainn dhan bhodach bhochd a bha a' dràibheadh càil a dhèanamh airson a seachnadh. Chan fhaca e ach an t-iongnadh a bha na sùilean agus a beul a' fosgladh le uabhas mus do sgàin lòsan a' chàir aige na mhìle pìos.
34 Chuala Beathag brag mòr cruaidh agus an uair sin cuideigin a' sgiamhail. Thug i greis mus do thuig i gur i fhèin a bh' ann. Bha Fiona na sìneadh air an rathad-mhòr, car neònach na bodhaig agus i a' coimhead rag, marbh. Bha an fhuil a bha a' tighinn às a sròin air coilear-bèin a còta a dhath dearg, agus bha na bagannan aice sgapte air feadh an rathaid-mhòir. Mhothaich Beathag gun robh stocainnean Bodach Number 4 nan sìneadh ann am pollag uisge agus gun robh tè de bhrògan Fiona rin taobh, ann an eabar na sràide, an t-sàil bhiorach air briseadh dhith.
35 Bha carbadan a' dùdach agus chluinneadh i sgiamhail is sgreadail is rànaich – mar gum biodh a' tighinn à àiteigin fad às – agus an uair sin seirm gheur ambaileans a' tighinn dlùth. Bha làmhan coimheach a' dèanamh cobhair air Fiona agus sheas Beathag gan coimhead, i mar ìomhaigh-chloiche, na stob reòthta gun chothrom gluasad.
Nach neònach nach eil mo cheann goirt tuilleadh, thuirt i rithe fhèin le iongnadh.
36 Agus b' ann am measg ìomhaighean-cloiche a bha an dèirceach cuideachd. Bha e a' fàs na b' eòlaiche air cùiltean a' bhaile agus na b' fheàrr air àiteachan seasgair a lorg far an cuireadh e seachad an oidhche. Bha e a-nis ga dhèanamh fhèin cofhurtail air cùlaibh na h-eaglaise san t-seana chladh, far an do thagh e an leac mhòr àbhaisteach. Bha i tiugh le crotal is còinneach agus bha na litrichean a bh' oirre air cnàmh, ach bha e coma fhad 's a chumadh i fasgadh ris. Bha fios aige nach cuireadh na mairbh dragh sam bith air, ged nach robh e a leth cho cinnteach às na beò. Smaoinich e air a' bhliadhna uabhasaich a chaidh seachad. Dh'èirich cnap cruaidh na amhaich agus dhùin e a shùilean gu teann.
37 Bha bleideagan mòra boga a' tuiteam mar itean geala às an adhar dhubh-ghorm agus chuimhnich e air Nollaigean a dh'fhalbh. Bha iad a-nis mar sheann aislingean nach tilleadh gu sìorraidh.
38 Shìn e air ais an tacsa na lice. Bha na bùithtean fhathast trang agus chluinneadh e fuaim a' bhaile-mhòir air a chùlaibh, busaichean a' dol seachad, gleadhraich na sràide agus criomagan de cheòl Nollaige a' tighinn 's a' falbh. À badeigin, bha Dean Martin a' miannachadh sneachda agus ann an àiteigin eile bha ainglean a' seinn gu h-àrd. Os cionn nan uile, chluinneadh e carbad-eiridinn a' seirm agus thug seo na chuimhne an nurs laghach a chunnaic e anns a' mhadainn.
39 'S fhada bhon a thòisich e a' toirt seachad fuil. Chaidh e ann a' chiad turas còmhla ri cuideigin san oifis, agus nuair a fhuair iad a-mach gur e O negative a bh' aige, bha fèill mhòr air tilleadh. B' e seo an fhuil phrìseil, thuirt iad ris, a ghabhadh toirt dhan a h-uile duine. Cha robh ach ochd sa cheud anns an robh i, ars iadsan, agus dh'fheumadh e tilleadh.
40 Chùm e air a' frithealadh, eadhon nuair a chaill e obair. 'S ann a bha e a-nis a' dèanamh fiughair ri a bhith a' dol ann – greiseag bheag anns a' bhlàths, agus uaireannan teatha is briosgaid, a rèir cò bha ag obair. Ach ge brith dè rinn an nurs air an-diugh, bha sèid air tighinn na ghàirdean agus bha e goirt.
41 Tharraing nurs eile an cùirtear timcheall air leabaidh Fiona. Bha ise na suain, ceangailte ri inneal a bha a' dèanamh fuaimean socair an-dràsta 's a-rithist, mar aileagan beaga a bha a' leigeil fhaicinn gun robh corp is anam fhathast còmhla. Bha Beathag na seasamh aig casan na leapa, a sùilean dearg leis na rinn i a chaoineadh.
42 "Faodaidh tu fuireach deich mionaidean eile," ars an nurs rithe gu coibhneil. "Ach an uair sin 's fheàrr dhut falbh dhachaigh. Cha b' uilear dhut fhèin beagan foise fhaighinn an dèidh na chunna tu an-diugh. Chì sinn dè chanas an dotair anns a' mhadainn – 's dòcha gum feum i tuilleadh fala, ach na gabh dragh. Nach e sealbh fhèin a chùm beò i! Ach na gabh dragh – tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' chuid as miosa seachad.
43 "Tha thu fortanach, a leadaidh," thuirt i ann an guth na b' àirde, a' tionndadh ris a' chlosaich a bh' air an leabaidh. "'S e mìorbhail Nollaige a th' annad gun teagamh!"
44 Cha robh smid a' tighinn à Fiona, ach leig an t-inneal bìog mar gum biodh e a' toirt fa-near cainnt na nurs.
An teacsa bho
An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile
le Mòrag Anna NicNèill
(Acair, 2019)
Leugh Slànaighear na Nollaige le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.
Bhidio - An sgrìobhadair ag innse mun sgeulachd
Mòrag Anna NicNèill a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige.
Inns dhuinn mun sgeulachd Slànaighear na Nollaige.
Anns an stòiridh seo tha dithis bhoireannach, Fiona agus Beathag, agus tha Fiona caran bossy; tha làmh an uachdair aice air an tèile agus tha Beathag nas truasaile. Chì thu gu bheil ise a' stad greiseag bheag nuair a tha i a' dol seachad air an truaghan a tha na shuidhe ann an sin leis a' chupa phlastaig ag iarraidh airgead is tha i a' stad mionaid agus tha i a' miannachadh airgead a thoirt dha ach tha i a' tuigsinn nach còrd sin ris an tèile, agus cha bhi an tèile air a dòigh, agus tha i dìreach a' gabhail seachad air ach tha i a' coimhead air falbh - fhios agad tha i air a nàrachadh gu bheil i mar sin.
Chan eil ainm air an dìol-dèirce. Carson a tha sin?
Chan eil ainm air an dìol-dèirce, cha tug mi ainm idir air. Rinn mi sin a dh'aona ghnothach. Bha mi airson cuid de na rudan a chumail dìomhair airson toirt air an leughadair smaoineachadh mu dheidhinn cò fear a tha seo. Cò às an tàinig e? Carson a tha e na shuidhe ann an seo air a' chabhsair 's gun sgillinn aige? A bheil teaghlach idir aige? Ciamar a chaill e obair? Carson nach do chuidich duine sam bith e nuair a thachair sin dha?
Agus tha e mar gum biodh a' toirt air an leughadair smaoineachadh beagan mun seo agus chan eil mise airson cuideachd a bhith ag innse a h-uile càil. Tha mi airson gun lìon iadsan na beàrnan - ge bith cò tha a' leughadh na sgeulachd - gun can iad fhèin, 'Ò uill, 's dòcha gur e siud a thachair dha, 's dòcha gur e seo a thachair dha', is, 'carson nach eil duine ga chuideachadh?' Agus sin as coireach nach tug mi ainm air, dìreach airson fhàgail caran dìomhair.
Dè na prìomh amasan a bh' agaibh leis an sgeulachd seo?
Saoilidh mi gun robh mi a' feuchainn ri toirt air daoine smaoineachadh mu dheidhinn àm na Nollaig agus daoine a' cosg airgead air rudan gun fheum.
Agus dìreach cuideachd mar a tha daoine droch amharasach. Tha iad a' smaoineachadh, tha iad a' falbh le beachd a bh' aca agus dìreach a' smaoineachadh, 'O uill, tha e ann an siud agus tha e ga thachais fhèin is feumaidh gun robh e ri drugaichean.'
Agus, cuideachd, mar a dh'fhaodas suidheachadh duine atharrachadh gu math luath.
Agus tha rudan nàdarra a' toirt buaidh san sgeulachd cuideachd.
Cuideachd tha am fuachd a tha san stòiridh, uill tha i fuar is tha sneachd a' tòiseachadh, ach a' fuachd cuideachd a tha mar gum biodh daoine eile - tha iad fuar ris chan eil e a' faighinn cofhurtachd neo blàths o dhuine.
Agus tha e mar gum biodh tiotal na stòiridh – 's e Slànaighear na Nollaige - agus tha e mar gum biodh na shamhla air Crìosda cuideachd agus tha am facal slànaighear, ma smaoinicheas tu mu dheidhinn, ann am Beurla tha e a' ciallachadh saviour ach ann an Gàidhlig tha e a' ciallachadh healer cuideachd.
Agus bha an truaghan bochd bha e a' toirt seachad fuil anns a' mhadainn agus tha sin a' ceangal ris a' stòiridh cuideachd - mar an-dràsta fuil a tha a' slànachadh agus ìomhaighean de Chrìosda - agus an fhuil a th' aige-san 's e, tha e ag innse anns an stòiridh, gur e an fhuil a tha a' freagradh air a h-uile duine [O negative] agus ìomhaighean na fala ann a sin cuideachd a' ceangal a-steach ris an stòiridh.
Ionnsaich barrachd
Briathrachas às an sgeulachd
Feuch a bheil eòlas agad air na faclan seo a tha a' nochdadh anns an sgeulachd ghoirid mus lean thu ort gu na ceistean.
| Facal/abairt | Brìgh |
|---|---|
| dìol-dèirce | baigear, truaghan |
| gàirdeachas | toileachas |
| a' bòcadh | a' fàs, a' meudachadh, ag at |
| a' toirt sùil shuarach | tàireil, mar gum biodh a' coimhead sìos air neach no rud |
| a' miannachadh | airson/ag iarraidh |
| gairiseachadh | crith |
| le ruathar | a' tighinn sìos air rud gu grad/gu luath |
| monmhar | fuaim socair sa chùl-raon/air cùl ghnothaichean |
| fòghnaidh sin | tha sin gu leòr |
| lòsan | panail de ghlainne, me ann an uinneag no carbaid |
| na ghurraban | e a' crùbadh no a' cromadh |
| cha bu dùraig | iomagain no eagal rud a ràdh no a dhèanamh |
| na tost | i sàmhach gun a bhith ag ràdh guth |
| i far a dòghach | i mì-thoilichte |
| aognaidh | sa cho-theacsa seo - latha garbh fuar |
| froga | dreasa |
| gu bras | gu luath, le cabhag |
| làmhan coimheach | làmhan neo-aithnichte |
| seasgair | fasgach, tioram |
| an tacsa na lice | a' dèanamh taic den chloich/le taic na cloiche |
| fèill mhòr air | iarratas mòr a bhith ann airson nì |
| sèid | sa cho-theacsa seo - bòcadh no meudachadh |
Ceistean air sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige
Às dèidh dhut an sgeulachd a leughadh/a chluinntinn, freagair na ceistean a leanas le bhith a' toirt iomradh air an teacsa.
caractarachdAn dòigh san tèid caractar a chruthachadh agus a thaisbeanadh.
Leugh a' chiad trì paragrafan bho "Shìn an dìol-dèirce an cupa plastaig" gu "Dhùin e a dhà shùil le osna chràiteach."
- Seall mar a tha caractar an dìol-dèirce air a chruthachadh gu soirbheachail sna paragrafan seo.
"cupa plastaig" - tha an cupa seo a' riochdachadh dòigh-beatha anns nach eil mòran beartas agus nach eil seasmhach.
"bha an cruaidh-fheum a bha na shùilean ag innse a sgeulachd fhèin." - Tha an sgrìobhadair a' cleachdadh taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. an seo airson beachd gu math soilleir a thoirt dhan leughadair a thaobh cho doirbh 's a tha beatha an duine seo.
"an truaghan" - tha na faclan seo a' cruthachadh dealbh de dhuine bochd, a thogadh truas annad.
"Bha an èadhar puinnseanta fuar" - tha an ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn. làidir an seo (mu cho mì-chàilear 's a tha an t-sìde) a' cur ris an tuigse a th' aig an leughadair a thaobh cruadal beatha an duine seo, a thuilleadh air an 'fhuachd' a tha daoine eile a' sealltainn dha.
"a' sgrìobadh far an robh làrach na snàthaide a-nis a' bocadh gu goirt." - Tha an tuairisgeul seo a' togail ceist ann an inntinn an leughadair, is a' toirt seachad a' bheachd gur dòcha gur e neach-cleachdaidh dhrugaichean a th' anns an duine.
Caractarachd
Leugh paragrafan 4 gu 8 bho "'Greas ort!'" gu "coma mun mhonmhar ghearain a bha ag èirigh timcheall oirre."
- Tha dithis charactaran eile gan cur fa chomhair an leughadair sna paragrafan seo. Seall mar a chaidh caractaran Fiona ("an tè bhàn") agus Beathag ("an tè ruadh") a thoirt am follais gu h-èifeachdach.
| Fiona | Beathag |
|---|---|
| "a sàilean àrda a' bragadaich" - tha fuaimealasFacal aig a bheil fuaim a tha coltach ris an rud a tha e a' ciallachadh, me brag, srann, spreadh. air a chleachdadh gu sgileil an seo, is fuaim làidir cruaidh ceumannan Fiona a' riochdachadh caractar a tha cruaidh na cridhe agus gun cho-fhaireachdainn. | "Ach stad an tè ruadh airson tiotan, ga amharc." - Tha e a' tighinn am follais gu bheil Beathag nas mothachaile air daoine eile agus nas bàidheile dhan dìol-dèirce na tha a companach, aig a bheil "sgraing" (taghadh-facail) air a h-aodann. |
| "a' toirt sùil shuarach air" - tha taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. a' cruthachadh dealbh de thè a bhios a' coimhead sìos air daoine. | "Chrom Beathag a ceann" - tha giùlan Beathaig a' nochdadh barrachd dhuinn mu a caractar: tha e soilleir gu bheil dol-a-mach Fiona agus na tha i ag ràdh a' dèanamh dragh dhi ach, a dh'aindeoin sin, chan eil i deònach a guth a thogail, is leis a sin, a' toirt beachd dhuinn gu bheil i lag is ro dhiùid a dhol an aghaidh na tèile. |
| "drèin air a h-aodann mar gum biodh fàileadh grod air tighinn gu a sròin." - Tha an samhlaA' dèanamh coimeas a' cleachdadh nam faclan 'mar' no 'cho … ri' airson ìomhaigh shoilleir a chruthachadh, me cho fallain ri fiadh. seo a' cruthachadh dealbh làidir de thè a bhios a' cur dhaoine eile ann an suarachas, is gu bheil i an-còmhnaidh crosta agus gun adhbhar math aice airson sin. | "ged nach robh i a' faireachdainn a leth cho acrach a-nis." - Tha an dìth acrais a th' air Beathag a' dearbhadh dhuinn gur e tè aig a bheil co-fhaireachdainn agus faireachdainn ciont a th' innte, is gu bheil na thachair leis an dìol-dèirce is Fiona air buaidh mhòr a thoirt oirre. |
| "ach bha Fiona mar eun-creachaidh a' sgrùdadh na h-àrainne… gun diù sam bith dhaibhsan a bha air a bhith a' feitheamh roimhpe." - Tha samhla agus ìomhaigheachd làidir air a chruthachadh le dealbh eun-creachaidh - tha Fiona coltach ri eun marbhtach a nì rudan air a son fhèin, gun dragh mun bhuaidh a bheir sin air daoine a tha timcheall oirre. |
còmhradh charactaranBidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mu charactaran na sgeulachd., smuaintean agus guth nan caractaran
Leugh paragrafan 9 gu 11 bho "Fhuair mi siabann do Cheit." gu "nach robh i air mòran a chosg air duine."
- Beachdaich air conaltradh agus smuaintean nan caractaran. Seall mar a tha 'guth' nan caractaran air a neartachadh sa phàirt seo dhen sgeulachd.
"Cha robh e ach beagan is not," - tha taghadh-facail air a chleachdadh gu sgileil an seo is faclan àicheil mar "cha robh", "ach" agus "beagan" a' cur ris an fhaireachdainn gur e gun a bhith a' cosg cus airgid an rud as cudromaiche do Fiona nuair a bhios i a' ceannach phrèasantan, seach cho freagarrach's a tha an rud.
"Cha bhi càil a chuimhne aige gur e sin a thug mi dha an-uiridh" - tha tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh. magaidh agus searbh a' tighinn am follais ann an guth Fiona, is i a' dèanamh fealla-dhà mu thrioblaidean cuimhne Bodach Number 4. Tha seo a' cur an cèill an dìth spèis a th' aice dhan a h-uile duine, fiù 's an teaghlach/na caraidean/na nàbaidhean aice fhèin.
"Nach lom, beag-aoibhneis" - tha taghadh-facail agus StructarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh. inntinneach air an cleachdadh gu soirbheachail airson an diofar eadar an dithis charactar a dhèanamh soilleir an seo. Tha Fiona air a bhith a' bruidhinn gun sgur is chan eil Beathag air guth a ràdh, ged a tha e soilleir gu bheil i a' cnuasachadh gu domhainn air cùisean, is faclan mar "lom" is "beag-aoibhneis" a' nochdadh dhuinn gu bheil an suidheachadh ga cur troimh-a-chèile.
Mothachaidhean
Leugh paragrafan 12 gu 16 bho "Tha sgarfa agam a-staigh a nì a' chùis do Chriosaidh." gu "am measg duslach is salchar sràidean a' bhaile-mhòir."
- Seall mar a tha diofar mhothachaidhean air an cleachdadh leis an sgrìobhadair sa phàirt seo dhen sgeulachd airson dealbh soilleir a chur ann an inntinn an leughadair.
"chaidh aodann Beathaig dearg."/"Bha i a' faireachdainn ro theth" - tha teas air a chleachdadh airson 's gun tuig an leughadair cho mì-chofhurtail 's a tha Beathag leis na tha a' tachairt, (Fiona a' dèanamh dìmeas air a' phrèasant a thug Beathag dhi).
"Chluinneadh i laoidhean Nollaige… ach bha glagadaich is gliongadaich a' chidsin a' mùchadh na seinn." - Tha fuaimean air an cleachdadh gu sgileil an seo: tha na laoidhean a bu mhaith le Beathag cluinntinn air am milleadh (agus leis a sin, an toileachas a tha innte a thaobh na Nollaige) le fuaimean garbh is sàrachail a' chafaidh sa bheil iad. Tha fuaimealasFacal aig a bheil fuaim a tha coltach ris an rud a tha e a' ciallachadh, me brag, srann, spreadh. agus uaimFeart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan. làidir sna faclan "glagadaich" is "gliongadaich" a' cur ris an dealbh seo.
"cha robh am fàileadh spìosraidh a bh' anns an èadhar ach ga dèanamh bochd." - Tha fàilidhean a' chafaidh a' dèanamh dragh do Bheathag, is tha seo a' toirt air an leughadair smaoineachadh mun dòigh sa bheil a h-uile mothachadh a th' aig Beathag fo ionnsaigh san t-suidheachadh seo.
"am measg duslach is salchar" - ged a tha seo, 's mathaid, ann am mac-meanmna Beathaig, tha na tha i a' faicinn a' cur ris an fhaireachdainn mhì-chàilear a tha air a tharraing sa phàirt seo dhen sgeulachd, is gach rud a tha timcheall oirre ag adhbhrachadh dragh dhi.
Seanfhacal
Leugh paragrafan 17 gu 21 bho "'Haoidh!" arsa Fiona" gu "Truaghain bhochda air choreigin co-dhiù."
- Beachdaich air mar a tha an seanfhacal, "Nuair a thig nas fheàrr, gheibh an tràill an t-sitig" freagarrach airson an seòrsa dàimh a tha eadar Fiona is Beathag a dhèanamh soilleir dhan leughadair.
Tha an seanfhacal seo a' ciallachadh gum faod duine a tha air a bhith cudromach, dìleas no cuideachail do neach a bhith air an cur gu aon taobh leotha nuair a nochdas cuideigin eile a tha nas cudromaiche no nas fheumaile dhaibh.
"Cha bhi mi a-staigh a-màireach. Tha mi a' dol gu coffee morning còmhla ri Ceit" - tha an seanfhacal a chleachd Beathag a' sealltainn gu bheil beachd aice gu bheil Fiona ga cleachdadh mar chompanach nuair a tha i ga h-iarraidh, ach nuair a thig cothrom air ùine a chur seachad còmhla ri cuideigin eile, 's math dh'fhaodte le inbhe nas àirde, gu bheil Fiona tuilleadh agus deònach Beathag a sheachnadh.
"Dè an size a th' annad a-nis co-dhiù - fourteen, sixteen?" - Tha an tòna geur a th' aig Fiona an seo a' nochdadh nach eil cus spèis aice dha Beathag, is i a' toirt an aire gu bheil Beathag air cuideam a chur oirre. Tha seo a' dearbhadh dhan leughadair gur e nàdar de bhurraidh a th' ann am Fiona.
Cuspairean agus caractarachd
Leugh paragrafan 22 gu 29 bho "Mhothaich Beathag gun robh aire Fiona" gu "Bha i a-nis coma ach faighinn dhachaigh."
- Dè tha an argamaid seo a' sealltainn dhuinn mu na beachdan a th' aig Fiona mu dhaoine gun dachaigh?
"Bha mi a' leughadh o chionn ghoirid mu dheidhinn nan anti-homeless spikes a tha siud. Deagh idea, ge brith cò a smaoinich orra!" - Tha guth agus pearsa Fiona gan taisbeanadh ann an dòigh làidir an seo, is i a' cur a taic ri iomairtean a chaidh a dhèanamh an aghaidh daoine gun dachaigh. Tha corra fhacal agus abairt a' nochdadh sa Bheurla tron sgeulachd gu lèir. An cois taghadh-facail a leithid "Deagh idea" tha faireachdainn de chonaltradh nàdarrach, làitheil ga chruthachadh agus an coimeas ri sin tha smuaintean cruaidh, fuar Fiona a' seasamh a-mach buileach.
"'Ma-thà ma thogair!" - Tha Fiona a' cleachdadh abairt a tha a' cur an cèill gu bheil i coma mu dheidhinn daoine gun dachaigh a dh'fhaodadh bàsachadh air sgàth an fhuachd is i an uair sin a' cur na coire air an dìol-dèirce fhèin airson an t-suidheachaidh sa bheil e. Tha seo a' dearbhadh nach eil i idir deònach gabhail ris gu bheil diofar adhbharan ann air am bhiodh neach air an t-sràid agus nach eil co-fhaireachdainn sam bith innte.
plotAn sreath de thachartasan ann an sgeulachd. agus puing-tionndaidh
Leugh paragrafan 30 gu 35 bho "Tha cus dhaoine anns a' bhaile," gu "thuirt i rithe fhèin le iongnadh."
- Beachdaich air mar a tha puing-tionndadh a' nochdadh sa phàirt seo dhen sgeulachd.
"cha robh ach an cupa plastaig falamh," - tha am pàirt seo dhen sgeulachd a' toirt oirnn smaoineachadh gum bi am fòcas a' tionndadh air ais chun an dìol-dèirce is an leughadair airson faighinn a-mach dè tha air èirigh dha.
"a beul a' fosgladh le uabhas mus do sgàin lòsan a' chàir aige na mhìle pìos." - Tha an tubaist a th' aig Fiona a' tighinn mar chlach às an adhar agus air a chur an cèill ann an dòigh gu math dràmatach, is na h-iomraidhean air mar a tha an càr a' bualadh innte a' cruthachadh dealbh làidir, eagalach ann an inntinn an leughadair.
"tè de bhrògan Fiona rin taobh, ann an eabar na sràide, an t-sàil bhiorach air briseadh dhith." - Tha ìoranasRud a leughas tu ann an dòigh 's gun tuig thu gu bheil e a' ciallachadh rudeigin eile. an seo oir bha an tè a bha a' cur sìos orrasan air na sràidean a-nis na laighe air an rathad, is an stuth aice salach. Tha "an t-sàil bhiorach" a bha air a bròg briste, dìreach mar a tha Fiona fhèin agus a pearsa searbh briste cuideachd.
Ìomhaigheachd
Leugh paragrafan 36 gu 38 bho "Agus b' ann am measg ìomhaighean-cloiche" gu "a chunnaic e anns a' mhadainn."
- Seall mar a tha ìomhaigheachd air a chleachdadh gu soirbheachail sa phàirt seo dhen sgeulachd.
"Bha fios aige nach cuireadh na mairbh dragh sam bith air," - tha ìomhaigheachd co-cheangailte ri bàs a' nochdadh sa pharagraf seo agus 's ann le faireachdainn ìoranais brònach a leughas sinn gu bheil an dìol-dèirce a' faireachdainn nas cofhurtaile am measg uaighean an t-seana chladh na tha e am measg dhaoine beò.
"Bha bleideagan mòra boga a' tuiteam mar itean geala às an adhar dhubh-ghorm" - tha an t-sìde air a chleachdadh mar ìomhaigh leantainneach san sgeulachd seo, a' riochdachadh cruas an t-saoghail. Tha an t-adhar dubh-ghorm a' toirt seachad a' bheachd gu bheil droch rud air tachairt agus gu bheil an droch shìde a' tighinn gu àirde. Tha na h-"itean geala" a tha a' tuiteam a' riochdachadh call no bàs air choreigin.
"ann an àiteigin eile bha ainglean a' seinn gu h-àrd." - Tha ìomhaigheachd làidir ga cleachdadh an seo is na h-ainglean a' toirt air an leughadair smaoineachadh air rudan co-cheangailte ri bàs agus nithean naomh. Tha e coltach gu bheil tachartas cudromach air a bhith ann, ged nach eil fhios aig an dìol-dèirce air a sin.
Ìoranas agus structar
Leugh bho thoiseach paragraf 39, "'S fhada bhon a thòisich e" gu deireadh na sgeulachd.
- Tha ìoranas làidir a' nochdadh aig deireadh na sgeulachd. Mìnich an t-ìoranas seo agus a' bhuaidh a tha e a' toirt air an sgeulachd.
"B' e seo an fhuil phrìseil," - tha ìoranas an seo leis gu bheil e a' tighinn am follais gu bheil fuil an dìol-dèirce fìor luachmhor air sgàth a seòrsa is, ged a bha Fiona a' càineadh an duine, tha seans gur e fuil an duine seo a chùm beò i.
"greiseag bheag anns a' bhlàths, agus uaireannan teatha is briosgaid," - tha seo mar sgàthan air an t-suidheachadh san robh Fiona is Beathag ann am meadhan na sgeulachd - a' gabhail cofaidh is cèic - ach gun robh iadsan ga dhèanamh mar chothrom fois bho bhith ceannach is an dìol-dèirce ga dhèanamh son rud cho bunaiteach ri blàths fhaireachdainn.
"'S e mìorbhail Nollaige a th' annad gun teagamh!" - Tha an nurs den bheachd gu bheil Fiona na mìorbhail air sgàth mar a mhair i beò tron tubaist ach, ann an dha-rìribh, 's e an dìol-dèirce gaisgeach na sgeulachd o chionn gur e am fear a tha air a bhith a' toirt seachad fuil fad ùine. Ged nach urrainn dhuinn a bhith cinnteach gur ann leis an dìol-dèirce a tha i, 's e fuil dhaoine eile a tha air Fiona - an caractar suarach, fèineil seo - a shàbhaladh.
- Beachdaich air StructarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh. na sgeulachd. Carson, nad bheachd-sa, a chaidh am fiosrachadh seo mun dìol-dèirce a chumail bhon leughadair gu deireadh na sgeulachd?
"Ach ge brith dè rinn an nurs air an-diugh, bha sèid air tighinn na ghàirdean" - tha ìoranas an seo oir tha an leughadair, 's mathaid, air a bhith den bheachd gur ann air sgàth cleachdadh dhrugaichean a bha gàirdean an dìol-dèirce goirt aig toiseach na sgeulachd.
Tha seo a' toirt air an leughadair a bhith a' ceasnachadh mar a tha sinn buailteach breithneachadh a dhèanamh air daoine, is gabhail ri gnàth-iomhaighean, gun fios ceart a bhith againn mun deidhinn.
Ged a tha an leughadair a' faighinn beagan a bharrachd fiosrachaidh mun dìol-dèirce aig an deireadh, tha rudan bunaiteach air am fàgail dìomhair san sgeulachd.
Tiotal agus teachdaireachdBun-chiall no bun-bheachd, far am faodar rudeigin ionnsachadh às an teacsa, no far a bheil an sgrìobhadair airson ciall nas doimhne a thoirt seachad.
- Beachdaich air tiotal na sgeulachd agus co-chiallachaidhean an fhacail "Slànaighear". Carson a tha seo freagarrach mar thiotal dhan sgeulachd?
Tha co-chiallachaidhean aig an fhacal 'slànaighear' ri Crìosdaidheachd - gur e Crìosd an Slànaighear. Tha seo a' toirt air an leughadair smaoineachadh mu cò an slànaighear san sgeulachd seo.
Tha e a' tighinn am follais aig deireadh na sgeulachd gur e an dìol-dèirce an slànaighear anns an sgeulachd seo ri linn e a bhith a' toirt seachad fuil a tha an uair sin a' slànachadh dhaoine. Tha seo a' ceangal ri ìomhaighean de dh'fhuil Chrìosd anns a' Bhìoball.
Leis gu bheil an sgeulachd seo a' tachairt aig àm na Nollaige, tha seo a' cur ris an ìomhaigheachd leantainnich san sgeulachd agus a' cur fòcas air àm na Nollaige agus dè dha-rìribh a tha e a' ciallachadh.
- A' smaoineachadh air an sgeulachd gu lèir, dè na teachdaireachdan a th' aig an sgrìobhadair sa phìos seo?
"bha i air an dùn mhàileidean a bha mu a casan a chruinneachadh thuice" - tha teachdaireachd làidir mun Nollaig ag èirigh san sgeulachd seo. Tha an sgrìobhadair gu tric a' togail air anabarras na Nollaige, is gu bheil cuideam ga chur air a bhith a' ceannach stuth gun luach. Tha seo cuideachd a' nochdadh na neo-ionannachd a tha eadar daoine aig a bheil airgead agus an cothrom a chosg, agus iadsan air a bheil cion-airgid is cion-cothroim.
"Bha i a' miannachadh sgillinn no dhà a chath dhan chupa" - tha ìoranas ag èirigh a thaobh daoine a bhith deònach airgead a chosg air rudan air nach eil feum, mar an sgarfa a cheannaich Beathag dha Fiona, ach nuair a tha cuideigin ann an èiginn mu an coinneimh, nach cuidich iad iad. Fiù 's caractar truasail mar Beathag.
"Fundraiser airson Siria - no Sudan, chan eil mi buileach cinnteach." - Ged as e caractar suarach a th' ann am Fiona, tha i deònach a dhol gu tachartas leòmach airson airgead a thogail, 's mathaid air sgàth ìomhaigh is inbhe seach adhbharan susbainteach. Chan eil i fiù 's cinnteach cò na "Truaghain" a gheibh taic bhon tachartas seo.
"Bha iad a-nis mar sheann aislingean nach tilleadh gu sìorraidh." - Aig toiseach na sgeulachd tha an dìol-dèirce air a dhealbhadh mar rud seach duine. Chan eil ceistean air an togail idir mu carson a tha e air an t-sràid is gu dearbh chan eil Fiona ach den bheachd gur e a choire fhèin a th' ann gu bheil e san t-suidheachadh seo. Tha seo a' togail cheistean mun dòigh sam bi sinn a' coimhead air daoine eile agus a' dèanamh breithneachadh orra.
"Tha thu fortanach, a leadaidh," - tha an nurs a' togail air cho fortanach 's a bha Fiona, ach tha fios aig an leughadair gu bheil i nas fhortanaiche buileach. Tha i a' faighinn cobhair is taic, eu-coltach ris an dìol-dèirce - a tha 's mathaid air a beatha a shàbhaladh - a tha a' cur seachad oidhcheannan fuar a' gheamhraidh a' cadal ann an cladh.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Tha an sgeulachd ghoirid Slànaighear na Nollaige le Mòrag Anna NicNèill a' dèanamh dealbh air fèin-fhiosrachadh triùir phrìomh charactaran - dìol-dèirce agus dithis bhoireannach - thar aon fheasgar Disathairne ann am meadhan mòr-bhaile.
Nithean air a bheil an earrann a' togail air am faodar iomradh a thoirt ann an aiste litreachais:
- caractarachd
- conaltradh agus smuaintean
- mothachaidhean
- cuspairean agus caractarachd
- plot agus puing-tionndaidh
- ìomhaigheachd
- ìoranas agus structar
- tiotal agus teachdaireachdan
Sgilean sgrìobhaidh agus feartan a nochdas ann an rosg air a bheil an earrann a' togail
| Sgil | Mìneachadh |
|---|---|
| taghadh-facail | Faclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair. |
| tòna | An fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh. |
| plot | An sreath de thachartasan ann an sgeulachd. |
| structar | An cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh. |
| caractarachd | An dòigh san tèid caractar a chruthachadh agus a thaisbeanadh. |
| fuaimealas | Facal aig a bheil fuaim a tha coltach ris an rud a tha e a' ciallachadh, me brag, srann, spreadh. |
| samhla | A' dèanamh coimeas leis na faclan 'mar' no 'cho … ri' airson ìomhaigh shoilleir a chruthachadh, me cho fallain ri fiadh. |
| ìoranas | Rud a leughas tu ann an dòigh 's gun tuig thu gu bheil e a' ciallachadh rudeigin eile. |
| ìomhaigheachd | Nuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn. |
| còmhradh/conaltradh charactaran | Bidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu charactaran na sgeulachd. |
More on Litreachas
Find out more by working through a topic
- count4 of 6

- count5 of 6

- count6 of 6

- count1 of 6
