Srath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais

Part ofGàidhligLitreachas

Sgrìobhadh breithneachail air bàrdachd

Dreach luath

Bheir na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh - a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh - taic dhut le sgrìobhadh breithneachail air litreachas.

Tha a' bhàrdachd Srath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais mu dheidhinn sgìre ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd air an tug na Fuadaichean buaidh eagalach.

Anns an earrann seo tha cothrom:

  • bàrdachdSrath Nabhair a leughadh
  • sgrùdadh a dhèanamh air sgilean a chleachd am bàrd airson a' bhàrdachd a dhèanamh soirbheachail
  • luachadh a dhèanamh air mar a tha cuspair agus teachdaireachd na bàrdachd air an cur fa chomhair an leughadair

Tron earrainn, bidh thu a' freagairt cheistean air a' bhàrdachd. Bidh na freagairtean sin an uair sin a' toirt taic dhut gus aiste litreachais a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin ann an aiste litreachais. Tha na freagairtean nan eisimpleirean air na dh'fhaodadh tu togail air.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Bàrdachd Srath Nabhair

LeughSrath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais. Gheibhear barrachd a-mach mun eachdraidh a tha air cùl na bàrdachd air BBC Làrach nam Bàrd.

Srath Nabhair

Anns an adhar dhubh-ghorm ud,
àirde na sìorraidheachd os ar cionn,
bha rionnag a' priobadh ruinn
's i freagairt mireadh an teine
ann an cabair taigh m' athar
a' bhliadhna thugh sinn an taigh le bleideagan sneachda.

Agus siud a' bhliadhna cuideachd
a shlaod iad a' chailleach don t-sitig,
a shealltainn cho eòlach 's a bha iad air an Fhìrinn,
oir bha nid aig eunlaith an adhair
(agus cròthan aig na caoraich)
ged nach robh àit aicese anns an cuireadh i a ceann fòidhpe.

A Shrath Nabhair 's a Shrath Chill Donnain,
is beag an t-iongnadh ged a chinneadh am fraoch àlainn oirbh,
a' falach nan lotan a dh'fhàg Pàdraig Sellar 's a sheòrsa,
mar a chunnaic mi uair is uair boireannach cràbhaidh
a dh'fhiosraich dòrainn an t-saoghail-sa
is sìth Dhè 'na sùilean.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Tha na ceistean agus na freagairtean san earrainn a' togail air brìgh a' phìos litreachais:

  • adhbhar - carson a sgrìobh am bàrd an dàn?

  • cuspair - fiosrachadh a tha am bàrd airson a thoirt seachad no an rud a tha a' cur dragh orra, mar gaol no nàdar no bàs cultair

  • teachdaireachd - bun-chiall no bun-bheachd, far am faodar rudeigin ionnsachadh às an teacsa, no far a bheil an sgrìobhadair airson ciall nas doimhne a thoirt seachad

agus air sgilean sgrìobhaidh a chleachd am bàrd airson a' bhàrdachd a dhèanamh soirbheachail, a leithid:

Sgil sgrìobhaidhBrìgh
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn.
coimeasBidh sgrìobhadair uaireannan a' dèanamh coimeas eadar dà rud gus suidheachadh aon dhiubh a shoilleireachadh.
meataforAnn am bidh ceangal eadar dà rud nach eil idir coltach a dh'aona ghnothach airson buaidh a thoirt air an leughadair bhon a tha ceangal eadar iad.
pearsanachadhBidh an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan dhaoine ri rudeigin eile, me beathach, sìde, beachd.
ìoranasRud a leughas tu ann an dòigh 's gun tuig thu gu bheil e a' ciallachadh rudeigin eile.
taghadh-facailTha glè chudromach gus beachdan a thoirt seachad. Carson a chleachd an sgrìobhadair facal sònraichte? Dè am feum a rinn an taghadh seo?
uaimSreath de dh'fhaclan a' tòiseachadh leis an aon fhuaim, mar is trice airson barrachd cuideim a chur air na tha an sgrìobhadair ag ràdh.
Taigh-tughaidh Arnoil, Eilean LeòdhaisImage source, Ian Paterson / ALAMY
Image caption,
Tha Ruaraidh MacThòmais a' cur ìoranas agus meatafor gu feum san loidhne, "a' bhliadhna thugh sinn an taigh le bleideagan sneachda." Tha tughadh a' dìon taigh bho dhroch shìde ach tha an taigh sa bhàrdachd a-nis gun mhullach, fosgailte ris an t-sneachda.
Back to top

Ceistean air a' bhàrdachd Srath Nabhair

Leugh agus freagair na ceistean a leanas le bhith a' cleachdadh fianais às an dàn. Tha na h-eisimpleirean de fhreagairtean a' sealltainn na dh'fhaodadh togail air ann an aiste litreachais. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin.

Cuspair

  1. Cò mu dheidhinn a tha a' bhàrdachd seo, nad bheachd? Inns carson a tha thu den bheachd seo.

  1. Dè cho soirbheachail 's a tha an loidhne "àirde na sìorraidheachd os ar cionn"?

  1. Carson a bha an rionnag "a' priobadh" riutha san treas loidhne?

  1. Mìnich mar a tha am bàrd a' cur ìoranas gu feum ann an loidhne 6.

Caractaran

5(a). Nad bheachd-sa, cò an "iad" san dàrna rann den bhàrdachd?

5(b). Mìnich, nad fhaclan fhèin, na bha "iad" a' dèanamh an latha ud.

  1. Carson, nad bheachd-sa, a tha litir mhòr air F san fhacal "Fhìrinn"?

Taghadh-facail

"oir bha nid aig eunlaith an adhair"

  1. Beachdaich air an t-seòrsa cainnt a tha am bàrd a' cleachdadh an seo agus an ìre 's gu bheil i iomchaidh.

  1. Dèan coimeas eadar a' chailleach agus na beathaichean a tha am bàrd ag ainmeachadh sa bhàrdachd. Dè a' bhuaidh a th' aig a' choimeas seo air an leughadair?

  1. Nad bheachd-sa, carson a tha e a' bruidhinn gu pearsanta ris na srathan aig toiseach rann 3?

agus

  1. Mìnich mar a tha am bàrd a' dèanamh coimeas eadar na Srathan agus sùilean boireannaich aig a bheil creideamh làidir aig deireadh an dàin.

Adhbhar agus

11(a). Cò tha am bàrd a' càineadh san dàn seo, nad bheachd fhèin? Thoir adhbhar airson a' bheachd agad.

11(b). Dè an a tha sa bhàrdachd seo? Seall mar a bha am bàrd soirbheachail ann a bhith a' toirt aire an leughadair don teachdaireachd seo.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Tha a' bhàrdachd Srath Nabhair le Ruaraidh MacThòmais a' sealltainn ri tachartas ann an Cataibh an ceann a tuath na Gàidhealtachd aig àm nam Fuadaichean. Tha fuadachd agus creideamh nan cuspairean sa bhàrdachd.

Sgilean sgrìobhaidh san earrainn air am faodar togail ann an aiste litreachais air bàrdachd Srath Nabhair:

  • coimeas
  • meatafor
  • pearsanachadh
  • ìoranas
  • uaim
  • ìomhaigheachd
  • ruitheam
  • taghadh-facail
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Litreachas

Find out more by working through a topic