Iomallachd le Meg Bateman

Part ofGàidhligLitreachas

Sgrìobhadh breithneachail air bàrdachd

Dreach luath

Anns an dàn Iomallachd, tha Meg Bateman a' dèanamh coimeas eadar iomallachd fhiosaigeach agus iomallachd phoilitigeach.

San earrann seo tha cothrom:

  • Iomallachd a chluinntinn air a leughadh leis a' bhàrd
  • a' bhàrdachd a leughadh
  • bhidio fhaicinn anns a bheil am bàrd ag innse mun dàn
  • eòlas a chur air is sgilean sgrìobhaidh san dàn
  • sgrùdadh a dhèanamh air na sgilean sgrìobhaidh a chleachd am bàrd airson an dàn a dhèanamh soirbheachail

Tha na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh - a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh - a' toirt taic dhut le sgrìobhadh breithneachail air litreachas.

Tron earrainn, bidh thu a' freagairt cheistean air a' bhàrdachd. Bidh na freagairtean sin an uair sin a' toirt taic dhut gus aiste litreachais a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin ann an aiste litreachais. Tha na freagairtean nan eisimpleirean air na dh'fhaodadh tu togail air.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Iomallachd air a leughadh leis a' bhàrd

An dàn Iomallachd le Meg Bateman air a leughadh leis a' bhàrd.

Leugh Iomallachd le bhith a' bruthadh Tar-sgrìobhadh a' bhidio/Video Transcript.

Back to top

Bhidio - Am bàrd ag innse mun dàn

Meg Bateman a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh an dàin, Iomallachd.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Stoidhle

Faodar a ràdh gur e saor-rannaigheachd a tha san dàn Iomallachd oir chan eil meatair no ruitheam riaghailteach ann. Tha an àireamh lidean anns gach loidhne agus rann ag atharrachadh tron dàn.

Tòna

Tha an dàin smuaineachail agus meòrachail. Ged nach eil ann ach dà rann, tha Bateman a' togail cheistean cudromach mun chomann-shòisealta.

Tha faireachdainn caran brònach san dàn. Tha am bàrd a' caoidh eachdraidh dhuilich na Gàidhealtachd agus an is aonranas a tha an-diugh na dhuilgheadas ann am mòr-bhailtean.

Structar

Tha a' chiad rann a' dèiligeadh ri mar a tha e nas fhasa is nas fhasa faighinn dhan Ghàidhealtachd. 'S dòcha gu bheil sin a' ciallachadh nach eil e cho tarraingeach dhan bhàrd. Tha Bateman cuideachd a' toirt iomradh air na daoine a b' fheudar an dùthaich fhàgail ann an eachdraidh ach tha i cuideachd a' toirt iomradh orrasan a tha an-diugh air an tàladh chun na h-aon sgìrean sin ri linn 's gu bheil an iomallachd cho tarraingeach dhaibh.

Tha an dara rann a' tòiseachadh le ceist a tha am bàrd fhèin a' freagairt. San rann seo, tha am bàrd ag ràdh gur ann air iomall nam bailtean is nam mòr-bhailtean an-diugh a tha iomallachd dha-rìribh, ged as e iomallachd de sheòrsa eile air a bheil i a' bruidhinn.

Fuaim agus ruitheam

Ged nach eil meatair riaghailteach san dàn seo, tha am bàrd a' cleachdadh fuaim agus ruitheam ann an dòigh èifeachdach. Tha eisimpleirean ann de dh', air a shealltainn gu h-ìosal ann an clò eadailteach, agus de , air a shealltainn ann an clò purpaidh:

"is a chuir thar leariad"

Tha seo a' cur tuilleadh ri tòna cnuasachail, smuaineachail an dàin. Tha an dàn a' toirt air an leughadair smaoineachadh air na cuspairean a chaidh a thogail – mar imrich agus às-dùnadh – agus tha an sruthadh agus an ruitheam cunbhalach a' brosnachadh na smuain sin.

Ann an àitichean, tha loidhne nas giorra a' briseadh sruthadh socair an dàin agus a' cur cuideam sònraichte air na faclan sin, mar eisimpleir:

"a shàraich na daoine"

Ìomhaigheachd

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 3, Sealladh drone thar rathad an A835 ann an Iar-Thuath na Gàidhealtachd le aon chàr air, Sgìre dhùthchail Ann an Iomallachd tha am bàrd a' bruidhinn air dà chruth-tìre nach eil idir coltach ri chèile - A' Ghàidhealtachd dhùthchail...

Tha ìoranas sa chiad rann nuair a tha am bàrd ag ràdh gur e fàsachd na Gàidhealtachd - mar thoradh air na Fuadaichean agus cùisean eachdraidheil eile - a tha a-nis a' tarraing dhaoine ann.

"na làraichean suarach a dh'fhàg iad
cho miannaichte ri gin san rìoghachd."

Tha e follaiseach gu bheil Bateman a' faicinn an ìoranais gu bheil àitichean às an do chuireadh air falbh na daoine a-nis tarraingeach dhuinn. Le comas teicneòlas an latha an-diugh, an seo "càr cumhachdach", tha e furasta faighinn dha na h-àitichean seo.

Tha am bàrd an uair sin a' bruidhinn air mar a tha iomallachd ann an-diugh barrachd ann an dòigh phoilitigeach seach gu fiosaigeach. San dara rann, tha i a' stiùireadh an leughadair gu far a bheil iomallachd an latha an-diugh:

"Càit ach air oir lom nam bailtean,
sna towerblocks eadar motorways"

Tha am bàrd a' cleachdadh dà ìomhaigh nochdte bhon latha an-diugh – "towerblocks" agus "motorways" – a tha le chèile nan comharran air bailteachadh. Tha Bateman a' togail air treand caran ìoranach nam bailtean 's nam mòr-bhailtean: faodaidh daoine gu leòr a bhith mun cuairt ort ach thu fhathast a bhith gu math aonaranach. Tha am bàrd a' cur cuideam air iomallachd shòisealta is phoilitigeach nan daoine a tha beò, gu fiosaigeach agus gu sòisealta, air iomall a' cho-chomainn.

Back to top

Tèaman ann an Iomallachd

Bochdainn

Tha Iomallachd a' tarraing aire chun a' chruadail a dh'fhuiling muinntir na Gàidhealtachd gu sòisealta, gu poilitigeach agus gu h-eaconamach. Tha am bàrd a' toirt iomradh air an eilthireachd a b' fheudar Gàidheil a dhèanamh agus an cruadal a dh'fhuiling iad a' feuchainn ri bhith beò.

Tha iomradh san dara rann air cùisean nas ùire, a' cur ris an smuain gu bheil am bàrd a' smaoineachadh air bochdainn san latha an-diugh, is air àitichean a dh'fhaodadh a bhith neo-ghoireasach - fàs nan dòigh fhèin - air oir bhailtean.

Iomallachd

Tha daoine tric a' smaoineachadh gu bheil e doirbh faighinn dhan Ghàidhealtachd, ach tha an dàn a' cur às dhen bheachd sin agus ag ràdh nach eil sin fìor a-nis. Tha nàdar 'fiadhaich' na sgìre a-nis tarraingeach do dhaoine às na bailtean agus gan tàladh ann.

Tha ìoranas ann cuideachd gu bheil an iomallachd a bha uaireigin na h-eas-bhuannachd eaconamach dhan Ghàidhealtachd a-nis na tàladh.

Romansachd

Tha Bateman a' togail air mar a thathar buailteach coimhead ann an dòigh romansach air cuspairean mar eilthireachd is bochdainn. Nuair a chithear seann dealbhan de theaghlaichean a' gluasad no ag obair air an fhearann, tha iad buailteach cianalas a dhùsgadh. Tha am bàrd a' cur às do romansachd le bhith a' toirt iomradh air a' bhròn a th' ann an sùilean nan teaghlaichean a b' fheudar tìr am breith fhàgail.

Back to top

Ceistean air an dàn Iomallachd

  1. Dè a' bhuaidh a th' aig an ann an loidhne 2 "càr cumhachdach" air fosgladh an dàin?

  1. Ciamar a tha am bàrd a' cleachdadh ann an loidhnichean 4 agus 5 airson an seòrsa bith-beò a bh' aig na Gàidheil a shealltainn?

  1. Mìnich an a th' ann an loidhne 8.

  1. Mìnich mar a tha am bàrd a' cruthachadh ìoranas ann an loidhnichean 4-9.

  1. Dèan coimeas eadar loidhne 11 agus loidhne 4.

Dè an coimeas a tha am bàrd a' dèanamh eadar na bailtean mòra agus cladaichean na Gàidhealtachd?

  1. Saoil carson a chleachd am bàrd faclan Beurla ann an loidhne 12?

  1. Mìnich mar a tha ann an loidhnichean 13 agus 14 a' toirt na h-iomallachd air adhart.

  1. Saoil cò air a tha am bàrd a' toirt iomradh le na faclan "an aodann sepia" ann an loidhne 16?

  1. Carson a tha iongnadh air a' bhàrd mun choltas a th' air aodainn nan eilthireach, (loidhnichean 15-18)?

  1. Dè an a tha air cùl an dàin seo?

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Anns an dàn Iomallachd, tha Meg Bateman a' dèanamh coimeas eadar iomallachd fhiosaigeach agus iomallachd phoilitigeach, a thuilleadh air co-chomann eachdraidheil is an latha an-diugh.

Nithean air a bheil an earrann a' togail air am faodar iomradh a thoirt ann an aiste litreachais air bàrdachd:

  • ìomhaigheachd
  • fuaim agus ruitheam
  • taghadh-facail
  • tòna
  • stoidhle
  • structar
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh

Sgilean sgrìobhaidh a nochdas ann am bàrdachd air a bheil an earrann a' togail

SgilMìneachadh
taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair.
tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh.
structarAn cruth a tha air teacsa, no mar a tha diofar phàirtean air an sgaradh.
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn.
uaimFeart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan.
Back to top

More on Litreachas

Find out more by working through a topic