Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn

Part ofGàidhligLitreachas

Sgrìobhadh breithneachail air an sgeulachd ghoirid Mairead

Dreach luath

Tha Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn mu dheidhinn cupal a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agus a ghluais bhon bhaile mhòr dhan àite anns an do dh'fhàs iad suas. Bha an caractar fireann, Murchadh, na phoileas ach tha e a-nis a' cur seachad a bheatha ag iasgach. Tha a bhean, Anna, glè thric air a fàgail a-staigh leatha fhèin agus tha i air tòiseachadh a' faicinn taibhs - nighean bheag air a bheil Mairead.

San earrann seo tha cothrom:

  • eòlas a chur air an sgeulachd ghoiridMairead
  • an sgeulachd a leughadh agus a chluinntinn
  • sgrùdadh a dhèanamh air na sgilean a chleachd an sgrìobhadair airson an sgeulachd a dhèanamh soirbheachail
  • luachadh a dhèanamh air mar a tha na sgeulachd air an cur fa chomhair an leughadair

Tha na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh - a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh - a' toirt taic dhut le sgrìobhadh breithneachail air litreachas.

Tron earrainn, bidh thu a' freagairt cheistean air an sgeulachd ghoirid. Bidh na freagairtean sin an uair sin a' toirt taic dhut gus aiste a sgrìobhadh air an sgeulachd. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin ann an aiste litreachais. Tha na freagairtean nan eisimpleirean air na dh'fhaodadh tu togail air.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Briathrachas às an sgeulachd

Feuch a bheil eòlas agad air na faclan seo a tha a' nochdadh anns an sgeulachd ghoirid mus èist thu ris an sgeulachd is mus leugh thu an tar-sgrìobhadh.

Facal/abairtBrìgh
liosgàrradh
faileassgàil
a' togail a fuilta' togail a gruaige
creagachag iasgach le slat far chreagan a' chladaich
gu critheanacha' gluasad le crith no eagal
cudaigseòrsa èisg
tapaidhdèanta, treun
deich bliadhna ficheadtrithead bliadhna
chan eil rian nach eilfeumaidh e bhith gu bheil
bruadaraisling
's math dh'fhaodte's dòcha, 's mathaid
anns a' ghuth-thàmhle guth socair
na h-aonarleatha fhèin
istbi sàmhach
sin bu choireachsin an t-adhbhar
cùbhraidhle fàileadh brèagha, milis
sealga' dol às dèidh neach, beathach no nì gus a ghlacadh
theireadh ichanadh i
a' teichea' falbh le cabhag
boltrachlionn aig a bheil fàileadh tlachdmhor
thàinig e steach ormsmaoinich mi
a-chaoidhgu bràth
a b' àill lea b' fheàrr le
chaisg i an smaoinchuir i stad air an smuain
nan èireadh rudeigin donan tachradh rudeigin do
gad èisggrunn èisg air sreang no ùeir
ann an ceann ùinean dèidh ùine
Back to top

Leugh agus èist ri Mairead

LeughMairead le Iain Mac a' Ghobhainn le bhith bruthadh putan Tar-sgrìobhadh fuaim/Audio Transcript.

Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn. Èist ris an sgeulachd ghoirid. (Anna Zhuk / ALAMY)

Back to top

Ionnsaich barrachd

Sgilean sgrìobhaidh ann am Mairead

Moitif agus ìomhaigheachd

Tha Iain Mac a' Ghobhainn a' cleachdadh agus airson ar n-aire a tharraing gu na cuspairean a tha an sgeulachd a' togail.

Tha iomradh air sgilean poilis Mhurchaidh a' nochdadh tric tron sgeulachd. Tha seo bunaiteach don stòiridh – bha an caractar aig ìre àrd na dhreuchd, math air rannsachadh agus "sealg" ach bha e doirbh dha suidheachadh a bhean obrachadh a-mach, chun an deiridh.

Fiù 's aig an deireadh, tha iomadh cheist air fhàgail aig an leughadair a' smaoineachadh air an seo. An robh e dha-rìribh air an suidheachadh obrachadh a-mach an uair sin, no an robh e dìreach a' dèanamh oidhirp gus a bhean a chumail toilichte?

'S dòcha gu bheil dealas Mhurchaidh airson iasgach a' riochdachadh cho dealasach 's a tha e ann a bhith a' faighinn rudan a-mach. Chì sinn gu bheil e soirbheachail na iasgair dìreach mar a bha e soirbheachail na phoileas:

"Bha Murchadh math air a bhith a' glacadh dhaoine is èisg"

Tha sgilean Mhurchaidh mar shealgair a' ciallachadh gu bheil barrachd dragh air Anna gum faigh e a-mach mu Mhairead agus, leis a sin, gum mill e an càirdeas eadar am boireannach agus an nighean.

Tha dragh air Anna gun cuir Murchadh an t-eagal air Mairead agus gun teich i. Mar sin tha i ga bhrosnachadh gu dhol a dh'iasgach airson gum faic i an nighean a-rithist:

"Nach eil a thìd agad a dhol a dh'iasgach?"

Bidh e coltach gu bheil Mairead agus am piàno a' riochdachadh cuimhneachain Anna air a h-òige agus na rudan a bha i a' miannachadh na boireannach òg. Tha duilgheadas aig bonn a' chàirdeis eadar Anna is Mhurchaidh:

"'S e an aon rud a-riamh a chuir faileas air am beatha nach robh clann aca."

Tha e air innse gu bheil "faileas" nam beatha seach nach eil clann aca. 'S dòcha gun tug Anna Mairead beò na h-inntinn mar dhòigh air miann nach tàinig gu bith a làimhseachadh.

Conaltradh nan caractaran

Tha an eadar na caractaran a' sealltainn an t-seòrsa càirdeis a bha eadar Murchadh agus Anna aig an ìre seo. Tha Anna a' freagairt ceistean Mhurchaidh le freagairtean goirid, sìmplidh gun mòran fiosrachaidh:

"Dè am bùrn a tha sin air an làr?

O, dhòirt mi e nuair a bha mi a' nighe nan soithichean, fhreagair i."

Tha seo a' sealltainn gu bheil Anna airson aire Mhurchaidh a thoirt far an t-suidheachaidh. Tha i a' cleachdadh neoichiontach gus nach bi e amharasach. Uair sam bith a nochdas Murchadh, bidh Mairead a' fàgail:

"oir gach turas a bha e a' tilleadh bha Mairead a' fàgail."

Ìoranas

Tha ìoranas a' dol tron sgeulachd. 'S e sin, ged a tha lèirsinn aig Murchadh mar phoileas agus sgil mar iasgair, chan eil e idir a' faicinn na tha a' dol air adhart na dhachaigh.

Bha Murchadh math air a bhith a' glacadh dhaoine is èisg ach cha do ghlac e Mairead fhathast.

Tha eagal air Anna fad na h-ùine gun glac Murchadh i uaireigin. Tha i toilichte gun do sheachain i sin gu ruige seo, ach tha faireachdainn ann gum faigh e a-mach uaireigin.

Back to top

Tèaman

Trioblaid càirdeis

Chan eil an càirdeas eadar Anna agus Murchadh air a bhith gu tur toilichte seach nach robh leanabh aca. Tha coltas ann gu d' fhuair Murchadh riarachadh na obair – "bha sin fhèin gu leòr dha." Ach cha robh an riarachadh sin aig Anna. Seach nach do chuir Murchadh ùine seachad còmhla rithe ag obrachadh air na ceistean nam beatha ann an dòigh fhosgailte, chuideachail, dhèilig Anna ri a h-aonranas ann an dòigh annasach; chruthaich i Mairead na mac-meanmna.

Dòighean dèiligidh

Tha an dòigh sgrìobhaidh a' togail na ceist an ann am mac-meanmna Anna a tha Mairead. Chan eil cinnt a bheil Mairead na samhla airson leanabh a chailleadh, no airson leanabh a bha iad ag iarraidh agus nach do thachair sin. Co-dhiù, tha Murchadh air Anna fhàgail an ìre mhath leatha fhèin agus chruthaich i Mairead airson dèiligeadh ri a bròn.

Tha a dhòigh fhèin aig Murchadh air dèiligeadh ris a' chùis: iasgach. 'S dòcha gu bheil an ùine a tha e a' cur seachad ri taobh na mara a' samhlachadh mar a tha e fhèin a' sireadh fhreagairtean agus riarachadh. No, 's dòcha gu bheil e fhathast ag iarraidh a bhith a' rannsachadh rudan ged a tha e air a dhreuchd mar phoileas a leigeil seachad.

Slàinte-inntinn

Ged nach urrainn a bhith cinnteach, dh'fhaodadh gu bheil buaidh ga toirt air slàinte-inntinn Anna.

Tha Murchadh a' moladh rud no dhà airson Anna a chuideachadh, leithid a dhol air ais a Ghlaschu, no gum fuirich esan aig an taigh còmhla rithe an àite a dhol a dh'iasgach.

Bhon a tha Anna air na h-uiread de thoileachas fhaighinn tro Mhairead, chan eil gin dhe na molaidhean sin a' còrdadh rithe. 'S dòcha gu bheil mar a tha Mairead a' nochdadh a' sealltainn gu bheil Anna airson gun toir cuideigin an aire dhi agus gu bheil Mairead na cofhurtachd agus na companach dhi.

Os-nàdarrachd

Dh'fhaodadh gur e taibhs a th' ann am Mairead.

Dh'fhaighnich Anna cò bha a' fuireach san taigh roimhe, mar gum biodh i a' smaoineachadh gun robh e tathaichte – 's e sin gun robh taibhs ann.

Mar a tha an sgeulachd a' leantainn, mhothaich Murchadh do fhàileadh anns an rùm agus don uisge air an làr.

Ron deireadh, chuala iad am piàno a' cluich.

Back to top

Ceistean air sgeulachd ghoirid Mairead

Leugh a' chiad pharagraf bho "Nuair a thill iad dhachaigh à Glaschu" gu "clann aca."

  1. Ciamar a tha Mac a' Ghobhainn an toiseach a' sealltainn dhuinn nach eil Murchadh agus Anna uile-gu-lèir toilichte sa phòsadh aca?

"Feumaidh e bhith gun do thuit thu na do chadal, ars esan rithe."

  1. Dè tha freagairt Mhurchaidh do stòiridh Anna mun phiàno ag innse dhuinn mun chàirdeas a tha eatarra?

  1. Thadhail an cupal air càirdean agus tha sinn a' faighinn a-mach nach bi Murchadh ag òl. Carson, nad bheachd-sa, a chuir an sgrìobhadair am fiosrachadh seo dhan sgeulachd?

Leugh paragraf 14 a tha a' tòiseachadh, "Nuair a chaidh i fhèin is Murchadh dhachaigh bha a' ghealach".

  1. Mìnich ciamar a tha an an seo a' cruthachadh faireachdainn ghairiseachail.

Leugh paragraf 19 bho "An latha bha seo 's i na h-aonar anns an taigh a-rithist" gu paragraf 21, "B' e Mairead ainm a màthar."

  1. Thoir cunntas air mar a tha ìomhaigheachd le dathan ag innse dhuinn mu charactar Mairead.

  1. Thoir sùil air paragraf 25. Mìnich carson a tha Anna ag innse na stòiridh mun nighinn sa choille agus am poileas do Mhairead.

"Uill, ars esan, thàinig e steach orm gun robh mi gad fhàgail ro thric nad aonar."

  1. Nuair a tha Murchadh ag ràdh gur dòcha nach tèid e a dh'iasgach, dè tha sin a' sealltainn dhuinn mu na faireachdainnean aige a thaobh Anna?

"Am poileas ud leis an iasg marbh na làimh!"

  1. Mìnich ciamar a tha an ìomhaigh seo a' sealltainn gun do dh'atharraich na sgeulachd.

  1. Dèan geàrr-chunntas air na dòighean san do dh'atharraich Murchadh inntinn aig deireadh na sgeulachd.

Leugh bho pharagraf 52, "Shuidh iad a-muigh anns a' ghrèin" gu deireadh na sgeulachd.

  1. Dè na co-dhùnaidhean a nì sinn bho na loidhnichean seo?

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Tha an sgeulachd ghoirid Mairead le Iain Mac a' Ghobhainn mu dheidhinn cupal a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agus a ghluais bhon bhaile mhòr dhan àite anns an do dh'fhàs iad suas.

Bha Murchadh na phoileas ach tha e a-nis a' cur seachad a bheatha ag iasgach.

Tha a bhean, Anna, glè thric air a fàgail a-staigh leatha fhèin agus tha i air tòiseachadh a' faicinn taibhs - nighean bheag air a bheil Mairead.

Nithean air a bheil an earrann a' togail air am faodar iomradh a thoirt ann an aiste litreachais:

  • sgilean sgrìobhaidh
  • conaltradh nan caractaran
  • tèaman

Sgilean sgrìobhaidh a nochdas ann an rosg air a bheil an earrann a' togail:

SgilMìneachadh
còmhradh/conaltradh charactaranBidh sgrìobhadairean a' cleachdadh còmhradh is conaltradh nan caractaran airson am plot a ghluasad air adhart agus airson barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu charactaran na sgeulachd.
cuspairFiosrachadh a tha am bàrd no an sgrìobhadair airson a thoirt dhuinn. An rud a tha a' cur dragh orra, leithid gaol no nàdar no bàs cultair.
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn.
pearsanachadhBidh an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan dhaoine ri rudeigin eile, me beathach, sìde, beachd.
moitifEileamaid no samhla a bhios a' nochdadh uair is uair ann an teacsa (no obair ealain) leis an ath-aithris a' cuideachadh gus cuspair a stèidheachadh.
tèamaPrìomh bheachd no prìomh bheachdan a tha a' ruith tro theacsa.
tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh.
Back to top

More on Litreachas

Find out more by working through a topic