Obair-ghrèis le Catrìona NicGumaraid

Part ofGàidhligLitreachas

Sgrìobhadh breithneachail air bàrdachd

Dreach luath

Obair-ghrèis de fhlùraichean pinc, gorm is geal, frèam fiodha, snàthainnean dathte, snàthad is siosarImage source, Tatyana Martirosyan/ALAMY
Image caption,
Tha obair-ghrèis a' ciallachadh obair-snàthaid no grèiseadh.

San dàn Obair-ghrèis, tha Catrìona NicGumaraid a' coimeas obair-ghrèis aon charactar ri dol a-mach caractar eile. Tha am bàrd a' dèanamh coimeas eadar a bhith a' cruthachadh tubhailte-bùird dhathte agus a' cruthachadh sgeulachdan dathach mu dhaoine eile.

Anns an earrann seo tha cothrom:

  • bàrdachdObair-Ghrèis a leughadh
  • sgrùdadh a dhèanamh air sgilean a chleachd am bàrd airson a' bhàrdachd a dhèanamh soirbheachail
  • luachadh a dhèanamh air mar a tha na bàrdachd air an cur fa chomhair an leughadair

Bheir na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh - a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh - taic dhut le sgrìobhadh breithneachail air litreachas.

Tron earrainn, bidh thu a' freagairt cheistean air a' bhàrdachd Obair-ghrèis. Bidh na freagairtean sin an uair sin a' toirt taic dhut gus aiste a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin.

Obair-ghrèis de fhlùraichean pinc, gorm is geal, frèam fiodha, snàthainnean dathte, snàthad is siosarImage source, Tatyana Martirosyan/ALAMY
Image caption,
Tha obair-ghrèis a' ciallachadh obair-snàthaid no grèiseadh.
Back to top

A' bhàrdachd Obair-ghrèis

Leugh a' bhàrdachd Obair-Ghrèis le Catrìona NicGumaraid.

Obair-Ghrèis

Sa chidsin san t-sàmhchair,
le meur ghleusd' tro shùil na snàthaid,
snàthdannan dathte 's pìos anairt na làimh,
Ceit ag ath-nuadhachadh samhraidh, a mheasan 's a bhlàthan;
mus tig làrna-mhàireach bidh 'n tubailt air dòigh.

Tha Seònaid bhiorach na suidhe,
sùil gheur air an uinneig
a' sgrùdadh an rathaid 'son drongair no dhà;
a' leantainn nan caileag aig a bheil dannsa nan aire,
a' cunntais nan solas tha laiste gu dhà.

Aig ochd an ath mhadainn bidh Seònaid na cabhaig
a' dèanamh air taighean, an obair-ghrèis aic' air dòigh:
cha b'ann na tàmh i san dorchadas
a-raoir no a' bhòn-raoir -
bha a snàthad gu biorach a' gròbadh nam breug.

Dè bha iad a' dèanamh
air an cois fad na h-oidhche?

O, dè bha thu smaointinn - bha iad ag òl,
's am peasan aig Mairead
aig dannsa an Caol Acainn;
cha tàinig i dhachaigh gu cairteal gu dhà.

Ach chan ann air dannsa no pinntean
a bhitheas an inntinn
nuair sheasas iad rùisgte aig Cathair nan Gràs.
Leugh mise mo Bhìoball
's air mo leabaidh gun do shìn mi
's tha mo chuinnseas cho soilleir
ri briseadh an là.

A' puthail 's a' peachail
fon dà bhrùid mhòr cloiche,
Maois còir 's e gu crotach
teàrnadh bhon chnoc ud a-nuas…
bha deich àithntean gu leòr dha
's gun d' fhàg iad e sàraicht',
ach tha e coltach, a Sheònaid,
nach eil deich dhutsa gu leòr.

Obair-Ghrèis © Catriona Montgomery 1991
An Aghaidh na Sìorraidheachd / In the Face of Eternity deasaichte le Christopher Whyte (Polygon, 1991)
Reproduced with permission of the Licensor through PLSclear.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Stoidhle

Dh'fhaodamaid a ràdh gur e saor-rannaigheachd a tha san dàn Obair-ghrèis oir chan eil meatair no ruitheam stèidhichte ann. Chan eil an aon àireamh lidean anns gach loidhne no anns gach rann agus tha an àireamh ag atharrachadh tron dàn. 'S e stoidhle neo-fhoirmeil a tha seo.

Tòna

Tha an dàn a' fosgladh gu sgiobalta le cunntas dhen obair-ghrèis àlainn aig Ceit, a tha ag obair air tubhailte-bùird sa chidsin. Tha am bàrd ag innse mun sgil a tha an lùib na h-obrach agus cho ealanta 's a bhios toradh nan oidhirpean aice.

Tha an ag atharrachadh san dara rann agus a' leantainn mar sin chun an deiridh. Ged a tha am bàrd a' toirt cunntas fhathast, tha tòna càinidh a' nochdadh nuair a tha i a' bruidhinn air dol a-mach Seònaid.

Structar

Tha seachd rannan san dàn.

Tha a' chiad rann a' toirt cunntas air Ceit - tè a tha sgileil air obair-snàthaid.

Tha an dara rann a' toirt cunntas air Seònaid - tè a tha a' coimhead a-mach air an uinneig air an fheasgar a' coimhead nan daoine air an t-sràid.

Tha an treas rann ag innse mar a bhios Seònaid a' dol mun cuairt tràth an-ath-mhadainn a' sgaoileadh .

Tha ceist sa cheathramh rann mu na tha a' dol air adhart sa bhaile.

Anns a' chòigeamh rann tha guth diofraichte a' nochdadh, agus tha e coltach gur e guth Seònaid a th' ann. Tha i a' càineadh na tha aon nighean shònraichte air a bhith ris.

Tha Seònaid an uair sin ag innse cho dìcheallach 's a tha i fhèin na creideamh, agus mar sin, gu bheil a cuinnseas, neo a cogais, glan.

Anns na rannan mu dheireadh, tha creideamh Seònaid air a choimeas ri creideamh Mhaois - fear a bha air a chumail trang le na Deich Àitheantan a fhuair e. Ach tha coltas gum feum Seònaid barrachd airson a cumail trang.

Fuaim agus ruitheam

Ged a tha NicGumaraid a' cleachdadh saor-rannaigheachd, tha i cuideachd a' cleachdadh fuaim agus ruitheam ann an dòigh èifeachdach.

Sa chiad rann, tha am bàrd a' cleachdadh , a tha air a shealltainn ann an clò eadailteach gu h-ìosal, agus , a tha air a shealltainn ann an clò purpaidh, airson ruitheam siùbhlach a chruthachadh nuair a tha i a' bruidhinn mun obair-ghrèis aig Ceit:

"le meur ghleusd' tro shùil na snàthaid,
snàthdannan dathte 's pìos anairt na làimh,"

Tha buaidh ruitheamach aig a seo a tha a' cuideachadh an leughadair gu bhith a' tuigsinn na sgil agus an eòlais a tha an lùib a bhith a' cruthachadh na tubhailte.

Tha NicGumaraid cuideachd a' cleachdadh ruitheam gu h-èifeachdach nuair a tha i a' cur an cèill gur e gobaire a th' ann an Seònaid le liost de ghnìomhairean aig toiseach loidhnichean 8-10: "a' sgrùdadh", "a' leantainn", "a' cunntais".

Tha e mar gu bheil na gnìomhairean a' sealltainn gur e obair àbhaisteach a tha seo do Sheònaid.

Cànan agus ìomhaigheachd

A bharrachd air ciall litireil a bhith aige, tha obair-ghrèis cuideachd a' riochdachadh geodal is fathannan. Dìreach mar as e ealan a th' ann an obair-ghrèis a dh'fheumas dìcheall agus mac-meanmna, tha a' gheodal ann am beatha Seònaid a' cur feum air a sin cuideachd:

"a' dèanamh air taighean, an obair-ghrèis aic' air dòigh:"

Seo an dòigh sa bheil obair-ghrèis air a chleachdadh airson sealltainn dhuinn cho trang 's cho dìcheallach 's a tha Seònaid leis a' ghobaireachd aice. Ged nach eil am bàrd cho measail air buil obair Seònaid, tha i pailt cho trang ris 's a bha Ceit.

Tha am bàrd a' cleachdadh abairtean is ìomhaighean às a' Bhìoball nuair a tha Seonaid a' bruidhinn mu deidhinn fhèin, agus nuair a tha am bàrd a' coimeas Seònaid ri Maois san rann mu dheireadh. Tha Seònaid a' bruidhinn air mar a gheibh cuid sa choimhearsnachd air adhart air beulaibh Dhè air Latha a' Bhreitheanais:

"nuair sheasas iad rùisgte aig Cathair nan Gràs."

Tha Seònaid a' toirt iomradh air a' Bhìoball nuair a bhios i a' toirt cunntas air na daoine mun cuairt oirre, mar gu bheil sin a' toirt taic dha na beachdan aice air na rudan a tha daoine eile a' dèanamh. Tha san ìomhaigh air breitheanas oir chan eil guth aice air na rudan a tha i fhèin a' dèanamh nach eil uile-gu-lèir moralta.

Tha NicGumaraid sgileil le tron dàn agus tha sin a' cruthachadh ann an Obair-ghrèis. Tha na faclan "snàthad", "biorach" agus "gheur" co-cheangailte ri obair-ghrèis, ach tha iad cuideachd air an cleachdadh airson cunntas a thoirt air caractar Seònaid agus na bhios i a' dèanamh. Tha am meatafor leudaichte seo a' toirt beachd dhuinn gur e tè a th' ann an Seònaid a bhios ri gobaireachd agus a' gabhail gnothaich ri cùisean dhaoine eile.

Caractaran

Chan eil caractaran an-còmhnaidh nam prìomh phàirt de bhàrdachd. Ann an Obair-ghrèis ge-tà, tha NicGumaraid a' toirt dithis far comhair a tha gu math eadar-dhealaichte bho chèile. Tha am bàrd a' cruthachadh tron dàn dithis charactaran a dh'aithnicheas sinn sa bhad.

Tha cuideam ga chur gu h-àraidh air Seònaid, tè aig a bheil sròn sa h-uile dad. Tha e a' còrdadh rithe a bhith a' faicinn nigheanan a' dol gu dannsa agus a' cruthachadh bhreugan mun deidhinn.

a' leantainn nan caileag aig a bheil dannsa nan aire,
a' cunntais nan solas tha laiste gu dhà.

Tha Seònaid coma ach faighinn a-mach cò tha a-muigh air an oidhche agus an uair sin a dreach fhèin a chur air a' chùis. Tha seo a' dèanamh caractar inntinneach agus mì-thaitneach dhith, a bha 's mathaid mar amas aig a' bhàrd.

Tha NicGumaraid a' cur ri caractar Seònaid sa chòigeamh rann nuair a chluinneas sinn guth Seònaid fhèin.

"O, dè bha thu smaointinn - bha iad ag òl,"

'S ann san rann seo a tha sinn a' faicinn an nàdar a tha dha-rìribh ann an Seònaid. Tha i a' cronachadh nan rudan a tha daoine eile a' dèanamh agus, san t-siathamh rann, a' coimeas sin ri a dìcheall cràbhach fhèin. Ach a bheil i dha-rìribh ? 'S e ceist a tha sin don leughadair.

Àbhachdas

Ged a dh'fhaodamaid a ràdh gu bheil NicGumaraid an aghaidh gobaireachd Seònaid, tha rudeigin èibhinn cuideachd anns na tha am bàrd ag ràdh mu deidhinn.

"cha b'ann na tàmh i san dorchadas"

Tha am beachd, gu bheil Seònaid air a bhith trang ag obair san dorchadas, a' dèanamh suas a dreach fhèin air cùisean, ga chur an cèill ann an dòigh èibhinn.

Tha NicGumaraid cuideachd a' cleachdadh àbhachdas san rann mu dheireadh nuair a tha i a' coimeas mar a bha Maois agus an uair sin Seònaid a' cumail ri na Deich Àitheantan.

"A' puthail 's a' peachail
fon dà bhrùid mhòr cloiche,"

Tha am bàrd a' cruthachadh ìomhaigh de Mhaois a' riasladh ris na clàir chloiche air a bheil na Deich Àitheantan sgrìobhte. Tha seo an coimeas ri Seònaid, a tha, a rèir choltais, a' smaoineachadh gu bheil feum air barrachd àitheantan airson i fhèin, no daoine eile, a chumail ceart.

Back to top

Tèaman ann an Obair-ghrèis

Ealain

Tha am bàrd a' sealltainn spèis mhòr dhan obair-ghrèis aig Ceit. Tha NicGumaraid a' samhlachadh na h-obair-làimhe seo ri ath-chruthachadh dhen t-samhradh le na snàithlein dhathte agus an sgil leis an deach a dhèanamh.

Gobaireachd

Tha NicGumaraid a' cur an cèill mar a tha daoine a bhios a' gobaireachd nan cunnart bhon a tha iad cho deònach an cuid sgeulachdan is fhathannan a chur air beulaibh dhaoine eile. Tha e follaiseach gur e raison d'être Seònaid a bhith a' snìomh stòiridhean mu na chì i air an oidhche agus an uair sin na breugan a sgaoileadh le mòr dhealas.

Bhon a chaidh am bàrd a thogail ann am baile beag san Eilean Sgitheanach, dh'fhaodadh gu bheil an sealladh ann an Obair-ghrèis a' riochdachadh àiteigin den t-seòrsa, ged a dh'fhaodadh an aon rud a bhith fìor anns a h-uile àite.

Dìomhaireachd agus neo-dhìomhaireachd

Tha an dàn seo a' togail ceist mun ùidh mhòr a bhios cuid a dhaoine a' gabhail ann an gnothaichean dhaoine eile, agus a' bhuaidh a th' aig an sin air prìobhaideachd is dìomhaireachd. Tha e nàdarra ùidh a ghabhail ann an daoine eile, ach bidh e coltach gu bheil Seònaid a' dol ro fhada leis.

Cealgaireachd

San t-siathamh rann, tha Seònaid a' cumail a-mach gu bheil cogais ghlan aicese air sgàth 's gun do leugh i am Bìoball mus deach i dhan leabaidh. Tha seo a dh'aindeoin 's gu bheil i a' cur seachad a' chòrr dhen ùine a' coimhead air daoine eile agus a' sgaoileadh geodal mun deidhinn. A dh'aindeoin 's gu bheil na tha i a' dèanamh mì-mhoralta, tha Seònaid ga dhèanamh le cogais ghlan. Tha NicGumaraid a' togail ceist am bu chòir daoine a bhith a' toirt breith air daoine eile nuair nach eil iad mothachail air na tha iad fhèin a' dèanamh ceàrr.

Back to top

Ceistean air a' bhàrdachd

Leugh agus freagair na ceistean a leanas le bhith a' cleachdadh fianais às an dàn. Tha na h-eisimpleirean de fhreagairtean nan eisimpleirean air na dh'fhaodadh togail air ann an aiste. Dh'fhaodadh diofar bheachdan no puingean a bhith agad fhèin a bhiodh a cheart cho freagarrach.

  1. Mìnich an suidheachadh sa chiad rann.

  1. Ciamar a tha am bàrd a' cleachdadh ann an loidhnichean 6-7 airson an seòrsa tè a th' ann an Seònaid a chur an cèill dhuinn?

  1. Mìnich a' bhuaidh a th' aig na gnìomh-ainmearan "a' sgrùdadh", "a' leantainn" agus "a' cunntais" air an dara rann.

  1. Ciamar a tha NicGumaraid a' cleachdadh airson coimeas a dhèanamh eadar an dà charactar san dàn?

  1. Dè a' bhuaidh a th' aig an iomradh air an uair ann an loidhne 11?

  1. Leugh loidhne 15 a-rithist.

Ciamar a tha am bàrd a' cleachdadh airson gobaireachd Seònaid a chur an cèill?

  1. Mìnich ciamar a dh'fhaodadh dà chiall a bhith aig a' cheist ann an loidhnichean 16 agus 17.

  1. Ciamar a tha 'obair-ghrèis' air a chleachdadh mar sa chiad trì rannan?

  1. Leugh an siathamh rann a-rithist.

Ciamar a tha am bàrd a' cleachdadh ìomhaigheachd airson sealltainn gu bheil Seònaid ga faicinn fhèin nas fheàrr na daoine eile?

  1. Carson a tha am bàrd a' toirt iomradh air Maois san rann mu dheireadh?

  1. Dè an a tha san dàn seo?

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Anns an dàn Obair-ghrèis, tha Catrìona NicGumaraid a' coimeas obair-ghrèis aon charactar, Ceit, ri grèiseadh bhreugan caractar eile, Seònaid.

Nithean air a bheil an earrann a' togail air am faodar iomradh a thoirt ann an aiste litreachais:

  • stoidhle
  • structar
  • tòna
  • fuaim agus ruitheam
  • cànan agus ìomhaigheachd
  • caractaran
  • àbhachdas
  • teachdaireachd
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh

Sgilean sgrìobhaidh air a bheil an earrann a' togail

SgilMìneachadh
comhgharA' cur dà smuain no ìomhaigh, no barrachd, faisg air a chèile airson barrachd mìneachaidh a thoirt don luchd-amais.
fuaimreagadhFuaimean fuaimreig air an ath-aithris ann an dà fhacal, no barrachd, às dèidh a chèile.
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn.
taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair.
tònaAn fhaireachdainn san fharsaingeachd a th' ann an teacsa no pàirt de theacsa; faodaidh taghadh-facail an ùghdair, luaths na sgeulachd, ruitheam no ìomhaigheachd na faireachdainn seo a chruthachadh.
meatafor leudaichteMeatafor (far a bheil aon rud air a riochdachadh le rud eile, me sìol a' riochdachadh dòchas) a tha air a leudachadh agus a' nochdadh a-rithist agus a-rithist tro theacsa.
uaimFeart fuaim; ath-aithris air na h-aon fhuaimean (consain mar as trice) agus mar as trice aig toiseach fhaclan.
Back to top

More on Litreachas

Find out more by working through a topic