Co-aontaran agus eas-aontaranCo-aontaran co-amail

'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.

Part ofMatamataigSgilean ailseabrach

Co-aontaran co-amail

Dòigh ailseabrach

Bho bhith ag ath-sgrùdadh na puing-trasnaidh, tha fios againn gum feum sinn dà cho-aontar loidhneach le dà chaochladair. Ach faodaidh e ùine mhòr a thoirt a bhith a' fuasgladh cho-aontaran gu grafaigeach.

Nuair a bhios tu a' fuasgladh cho-aontaran san dòigh ailseabrach, 's e a' chiad cheum feuchainn ri aon dhe na teirmean neo-aithnichte a dhubhadh às.

Eisimpleir

Fuasgail na co-aontaran co-amail seo agus obraich a-mach luachan \(x\) agus \(y\).

\(2x + y = 7(Co-aontar\,1)\)

\(3x - y = 8(Co-aontar\,2)\)

Freagairt

Gus aon dhe na teirmean a dhubhadh às, feumaidh sinn an dara cuid an aon àireamh de \(x\) no an aon àireamh de \(y\) a bhith againn sna co-aontaran. An seo, tha an aon cho-èifeachd de \(y\) againn, agus cuideachd tha aon dearbhte agus aon àicheil. Gus gach \(y\) a dhubhadh às, feumaidh sinn co-aontar 1 agus co-aontar 2 a chur-ris gus am faigh sinn \(y + ( - y) = 0\).

\(2x+y=7\)

\(3x-y=8\)

Le bhith a' cur-ris nan co-aontaran seo gheibh sinn:

\(5x = 15\)

\(x = 15 \div 3\)

\(x = 3\)

Aig a' phuing-trasnaidh tha na co-chomharran-x an aon rud agus tha na co-chomharran-y an aon rud. Tha sin a' ciallachadh gum faod sinn an luach seo airson \(x\) ionadachadh a-steach a dh'aon dhe na co-aontaran tùsail gus luach \(y\) obrachadh a-mach.

Mar as trice, tha e nas fhasa \(x\) ionadachadh a-steach dhan cho-aontar sa bheil \(y\) dearbhte.

Ionadaich a-steach do cho-aontar 1: \(2x + y = 7\)

Nuair a tha \(x = 3\)

\(2 \times 3 + y = 7\)

\(6 + y = 7\)

\(y = 7 - 6\)

\(y = 1\)

Mar sin \(x = 3\) agus \(y = 1\)

Mar sin 's e a' phuing-trasnaidh (3,1)

Eisimpleir

Fuasgail na co-aontaran co-amail seo agus obraich a-mach luachan \(x\) agus \(y\).

\(5x+2y=23\)

\(2x-3y=-6\)

Freagairt

Chan eil an aon àireamh de \(y\) againn anns gach sreath.

Airson seo fhaighinn, bidh sinn ag iomadachadh a' chiad cho-aontair le 3 agus an dara co-aontar le 2.

\(15x+6y=69\)

\(4x-6y=-12\)

Faodaidh sinn a-nis cur-ris a dhèanamh mar a rinn sinn roimhe

\(19x=57\)

Bidh sinn a-nis ag ionadachadh \(x=3\) a-steach dhan chiad cho-aontar

\(5(3)+2y=23\)

\(15+2y=23\)

\(2y=8\)

\(y=4\)

Mar sin 's e am fuasgladh \(x=3\), \(y=4\)

(Cuimhnich gu bheil e uaireannan nas luaithe cur às do \(x\) seach do \(y\). Tha e a rèir 's dè a' cheist a gheibh thu.)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Fuasgail na co-aontaran co-amail seo agus obraich a-mach luachan \(x\) agus \(y\).

\(2x + 3y = 16(Co-aontar\,1)\)

\(3x - 4y = 7(Co-aontar\,2)\)

Question

Fuasgail am paidhir cho-aontaran co-amail seo agus obraich a-mach luachan:

\(d\) agus \(e\).

\(15d + 2e = 4(Co-aontar\,1)\)

\(2d + e = 2(Co-aontar\,2)\)