Sgilean ailseabrach
Co-aontaran agus eas-aontaran
'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.

Fuincseanan agus co-aontaran ceàrnanach
Nì fuincsean ceàrnanach graf paraboilig. Gabhaidh na feartan obrachadh a-mach bhon sgeidse aige agus a chaochladh. Fuasglaidh tu co-aontaran ceàrnanach le factaradh no leis an fhoirmle cheàrnanach.

Meudachadh chamagan
Tha toirt chamagan air falbh a' ciallachadh gum bi thu ag iomadachadh an teirm taobh a-muigh nan camagan leis an teirm air an taobh a-staigh - Lagh an Sgaoilidh. Cleachd an t-òrdugh FOIL is sìmplich.

Factaradh
Tha ceithir dòighean ann air a bhith a' factaradh abairt: factar cumanta, diofar eadar dà luach cheàrnaichte, abairt thrì-theirmeach/cheàrnanach is a' cur crìoch air ceàrnagachadh.

Bloighean ailseabrach
Sìmplich bloighean ailseabrach le bhith a' dubhadh às fhactaran cumanta air an àireamhaiche agus air an t-seòrsaiche. 'S urrainn dhuinn cuideachd na ceithir dòighean-obrach agus camagan a chleachdadh.
