Co-aontaran agus eas-aontaranCo-aontaran co-amail

'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.

Part ofMatamataigSgilean ailseabrach

Co-aontaran co-amail

Dòigh grafaigeach

Bidh an dòigh grafaigeach a' fuasgladh a' cho-aontair le bhith a' coimhead air a' phuing air a' ghraf far a bheil dà loidhne dhìreach a' coinneachadh no a' trasnadh.

Bhon as e puing choitcheann a tha seo dhan dà loidhne, tha na h-aon luachan aig \(x\) agus \(y\) air an dà loidhne dhìrich aig a' phuing sin.

Eisimpleir

Tha diofar phrìsean aig dà chompanaidh chàraichean airson càr fhaighinn air mhàl airson \(n\) làithean.

Bidh 'Carbadan Chrìsdein' ag iarraidh àirleas £50, agus £20 gach latha.

Bidh 'Càraichean Craig' ag iarraidh àirleas £30 agus £30 gach latha.

Obraich an àireamh làithean agus a' chosgais nuair a bhiodh an dà chompanaidh a' cosg an aon rud.

Freagairt

Gabhaidh 'Carbadan Chrìsdein' obrachadh a-mach leis an fhoirmle \(C = 20n + 50\), far an e \(C\) a' chosgais gu lèir agus \(n\) an àireamh làithean.

Gabhaidh 'Càraichean Craig' obrachadh a-mach leis an fhoirmle \(C = 30n + 30\).

Cleachd an clàr gu h-ìosal agus tarraing graf dhe na loidhnichean dìreach seo:

Àireamh làithean01234
Ag obair\(20 \times 0 + 50\)\(20 \times 1 + 50\)\(20 \times 2 + 50\)\(20 \times 3 + 50\)\(20 \times 4 + 50\)
Cosgais (£)507090110130
Àireamh làitheanAg obair
0\(20 \times 0 + 50\)
1\(20 \times 1 + 50\)
2\(20 \times 2 + 50\)
3\(20 \times 3 + 50\)
4\(20 \times 4 + 50\)
Àireamh làitheanCosgais (£)
050
170
290
3110
4130

Is iad na puingean: (0, 50), (1, 70), (2, 90), (3, 110), (4, 130)

Àireamh làithean01234
Ag obair\(30 \times 0 + 30\)\(30 \times 1 + 30\)\(30 \times 2 + 30\)\(30 \times 3 + 30\)\(30 \times 4 + 30\)
Cosgais (£)306090120150
Àireamh làitheanAg obair
0\(30 \times 0 + 30\)
1\(30 \times 1 + 30\)
2\(30 \times 2 + 30\)
3\(30 \times 3 + 30\)
4\(30 \times 4 + 30\)
Àireamh làitheanCosgais (£)
030
160
290
3120
4150

Is iad na puingean: (0, 30), (1, 60), (2, 90), (3, 120), (4, 150)

Feumaidh sinn a-nis na h-axes a tharraing agus an dà loidhne a chur air an aon ghraf airson gum faic sinn a' phuing-trasnaidh.

Line graph showing number of days against cost

Bhon ghraf, chì sinn gur e (2, 90) a' phuing-trasnaidh aig an dà loidhne dhìrich.

Mar sin tha an dà chompanaidh a' cosg an aon rud oir, an dèidh 2 latha, tha iad le chèile a' cosg £90.

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Tha aig Naureen agus aig Akil ri dealbhadair a thaghadh airson a' phòsaidh aca.

Tha 'Dealbhan Dealbhach' a' cosg £400 le £5 a bharrachd airson gach dealbh a thèid a chlò-bhualadh.

Tha 'Dealbhan Sona' a' cosg £250 le £8 a bharrachd airson gach dealbh a thèid a chlò-bhualadh.

Cò an dealbhadair a mholadh tu dhaibh agus carson?