Co-aontaran agus eas-aontaranA' fuasgladh cho-aontaran le camagan

'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.

Part ofMatamataigSgilean ailseabrach

A' fuasgladh cho-aontaran le camagan

Cuimhnich gun toir thu air falbh na camagan, agus iomadaich an teirm air taobh a-muigh na camaig le gach teirm taobh a-staigh na camaig.

Eisimpleir

Fuasgail an co-aontar \(4(5 - 2x) - 5 = 39\)

Freagairt

\(4(5 - 2x) - 5 = 39\)

Cuimhnich gu bheil ag iarraidh oirnn na camagan a thoirt air falbh an toiseach

\(20 - 8x - 5 = 39\)

Cuimhnich atharraich taobh, atharraich obrachadh

\(- 8x = 39 - 20 + 5\)

\(- 8x = 24\)

\(x = \frac{{24}}{{ - 8}} = \frac{3}{{ - 1}} = - 3\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Fuasgail an co-aontar \(4x - 2(1 - 3x) = 3\)

Question

Fuasgail an co-aontar \(3(7 - 2x) = 3(x + 5) - 84\)

Question

Airson an gu h-ìosal, sgrìobh co-aontar anns a bheil \(x^\circ\) agus an uair sin fuasgail e gus meudan nan ceàrn aig gach obrachadh a-mach.

Diagram of a triangle with angles of 50˚, 6x˚ and 2x˚ + 34˚