Fuincseanan ailseabrach agus triantanachdFuincseanan co-cheangailte
Tha na riaghailtean bho eadar-shuidhichidhean graf air an cleachdadh gus sgeids a dhèanamh de fhuincseanan deribheatach, fuincseanan inbhearsach no fuinseanan co-cheangailte eile.
Ma tha \(f(x) = 3x + 2\) againn ann an ceist, glè thric feumaidh sinn \(f(2)\) no \(f( - 3)\) obrachadh a-mach. Gus seo a dhèanamh, bidh sinn ag ionadachadh \(2\) no \(- 3\) airson \(x\). Mar sin, tha \(f(2) = 3(2) + 2 = 8\) agus \(f( - 3) = 3( - 3) + 2 = - 7\).
Uaireannan, ge-tà, thèid iarraidh oirnn an toradh aig fuincsean de fhuincsean obrachadh a-mach. Tha sin a' ciallachadh gum feum sinn fuincsean eile a chur an \(x\) san eisimpleir gu h-àrd.
Thoir sùil air an eisimpleir seo a tha air obrachadh a-mach: