CeàrnanCeart-cheàrnaich eile

A' cur-ris ceàrnan ann an triantan, nì iad 180°, 360° ann an ceart-cheàrnaich. Lorgar ceàrnan ann an leth-chearcaill is cearcaill. Cruthaichidh loidhneachan co-shìnte ceàrnan co-fhreagarrach/mu-seach.

Part ofMatamataigGeoimeatraidh

Ceart-cheàrnaich eile

Iteileag

Tha air a dèanamh le dà thriantan cho-chasach ceangailte aig a' bhonn.

Kite diagram with 2 sets of equal sides

Chan eil na trastain co-ionann, ach tha am fear as fhaide a' dèanamh dà leth dhen fhear as giorra aig \(90^\circ\).

Diagram of 4 scalene triangles creating a kite shape

'S e loidhne-cothromachaidh a tha san trastan as fhaide.

Question

San iteileig seo tha ceàrn againn de \(40^\circ\). Dè an luach a tha aig \(y^\circ\)?

Kite with angle of 40 degrees

Rombas

Rhombus diagram

Tha ceithir taobhan co-ionann air agus tha na taobhan mu choinneamh a chèile co-shìnte. Tha e air a dhèanamh le bhith a' ceangal dà thriantan cho-chasach, cho-ionann bonn ri bonn.

Equal rhombus diagram

Chan eil na trastain co-ionann ach tha iad a' dèanamh dà leth dhe chèile aig cearnan ceart. 'S e loidhneachan-cothromachaidh a tha san dà thrastan.

Parailealogram

Ann am tha na taobhan mu choinneamh a chèile co-ionann agus co-shìnte. Tha na ceàrnan mu choinneamh a chèile cuideachd co-ionann.

Diagram of parallelogram with equal sides

Chan eil na trastain co-ionann agus chan e loidhneachan-cothromachaidh a th' annta.

Diagram of 4 scalene triangles creating a parallelogram

More guides on this topic