CeàrnanCeithir-cheàrnaich

A' cur-ris ceàrnan ann an triantan, nì iad 180°, 360° ann an ceart-cheàrnaich. Lorgar ceàrnan ann an leth-chearcaill is cearcaill. Cruthaichidh loidhneachan co-shìnte ceàrnan co-fhreagarrach/mu-seach.

Part ofMatamataigGeoimeatraidh

Ceithir-cheàrnaich

Bidh na ceàrnan ann an a' dèanamh 360°.

Ceàrnag

Tha ceithir taobhan co-ionann agus ceithir ceàrnan ceart ann an ceàrnag.

Diagram of a square

Tha gach trastan a' gearradh còrnair ann an dà cheàrn de \(45^\circ\).

Two isosceles triangles joined at the base to form a square with the 45° base angles

Mothaich cuideachd gu bheil na trastain co-ionann agus gu bheil iad a' gearradh a chèile ann an dà leth aig ceàrnan ceart. 'S e loidhneachan-cothromachaidh a tha sna trastain agus tha sin a' ciallachadh gu bheil 4 loidhneachan-cothromachaidh aig a' cheàrnaig.

Ceart-cheàrnach

Tha na taobhan mu choinneamh a chèile co-ionann agus co-shìnte ann an ceart-cheàrnach. Tha ceithir ceàrnan ceart ann.

Diagram of a rectangle

Tha na trastain co-ionann agus roinnidh iad ceart-cheàrnach ann an ceithir triantain co-chasach. Chan e loidhneachan-cothromachaidh a tha sna trastain.

Diagram of a rectangle made up of 4 isosceles triangles

Question

Obraich a-mach meud ceàrn \(x^\circ\).

Rectangle made of 4 isosceles triangles, one with a 70° angle, another with an x° angle

More guides on this topic