Geoimeatraidh
Ceàrnan air an cruthachadh le loidhneachan co-shìnte
'S e loidhneachan dìreach air an aon chùrsa a th' ann an loidhneachan co-shìnteTha loidhneachan dìreach co-shìnte ma tha iad daonnan an aon astar bho chèile. Cha choinnich loidhneachan co-shìnte gu bràth, ge bith dè cho fada 's a bhios iad. agus mar sin cha choinnich iad gu bràth. Bidh loidhneachan co-shìnte air an comharrachadh le saighead mar a chì thu gu h-ìosal.
Ann an diagraman, 's dòcha gun cruthaich loidhneachan co-shìnte:
- ceàrnan co-fhreagarrach
- ceàrnan-mu-seach
Ceàrnan co-fhreagarrach
Uaireannan canar ceàrnan 'F' riutha seo.
San diagram gu h-ìosal tha loidhneachan co-shìnte air an trasnadh le loidhne eile.
'S e ceàrnan co-fhreagarrachBidh ceàrnan co-fhreagarrach a' dèanamh "cumadh F". Tha ceàrnan co-fhreagarrach co-ionann ri chèile. a tha san dà cheàrn a tha comharraichte san diagram seo.
'S e ceàrnan-mu-seachBidh ceàrnan-mu-seach a' dèanamh "cumadh z". Tha ceàrnan-mu-seach co-ionann ri chèile. no ceàrnan Z, a tha san dà cheàrn a tha comharraichte sna diagraman gu h-ìosal. Tha iad co-ionann.
Ceàrnan dìreach mu choinneamh a chèile
Canar ceàrnan dìreach mu choinneamh ris na ceàrnan seo bhon a tha iad mu choinneamh a chèile aig gob.
Canar ceàrnan dìreach mu choinneamh (a chèile)Paidhir de cheàrnan mu choinneamh air an cruthachadh le loidhneachan trasnaidh. ris an dà cheàrn a tha comharraichte san diagram agus tha iad co-ionann.