A' cur-ris ceàrnan ann an triantan, nì iad 180°, 360° ann an ceart-cheàrnaich. Lorgar ceàrnan ann an leth-chearcaill is cearcaill. Cruthaichidh loidhneachan co-shìnte ceàrnan co-fhreagarrach/mu-seach.
Part ofMatamataigGeoimeatraidh
Anns a h-uile triantan bidh na 3 ceàrnan a' dèanamh \(180^\circ\)
\(x^\circ = 180^\circ - (70^\circ + 50^\circ )\)
\(= 180^\circ - 120^\circ = 60^\circ\)
Ann an triantan ionann-thaobhach tha an aon fhaid anns na trì taobhan agus tha \(60^\circ\) anns gach ceàrn.
Ann an triantan co-chasach tha an aon fhaid ann an dà thaobh agus tha dà cheàrn co-ionann.
Tha triantan co-chasach san diagram gu h-ìosal. Dè an luach a tha aig \(a^\circ\)?
\(a^\circ = 180^\circ - (70^\circ + 70^\circ )\)
\(= 180^\circ - 140^\circ = 40^\circ\)