Feartan tasgaidh air map TR
Eisimpleirean
Seo eisimpleirean de fheartan tasgaidh a dh'fhaodadh tu aithneachadh bho mhap.
Fianais ainmeannan
The e feumail tòiseachadh le fianais bho ainm. San earrainn seo, tha am facal 'sands' aig 833443, Slapton Sands. Tha 'Bàgh' Start fhèin, 8337 eadar Rubha Start agus Rubha Combe (chun an ear-thuath, taobh a-muigh earrann a' mhapa). Ann an Alba, bidh am facal 'links' glè thric a' ciallachadh talamh gainmhich ris a' chladach.
Cruth
Tha cruth a' chladaich cuideachd a' toirt fiosrachadh dhut. San earrainn seo, tha fios againn gur e cladadh tasgaidh a th' ann oir tha an cladach cho rèidh. Tha sin eadar-dhealaichte bhon chladach-bleith gharbh timcheall Rubha Start.
Siabadh fad-tràghad

Nuair a bhios teangan gainmhich air map TR, thèid agad air cùrsa an t-siabaidh fad-tràghad obrachadh a-mach oir bidh e a' gluasad a dh'ionnsaigh a' chinn far a bheil an teanga ga cruthachadh. An seo ge-tà, cha dèan thu a-mach an cùrsa oir tha na teangan air bàraichean gainmhich a chruthachadh thar gach beul-aibhne.
Teangan gainmhich
Tha e furasta gu leòr teangan gainmhich aithneachadh bho mhap TR. Seach gum bi iad a' sìneadh a-mach dhan uisge, tha e furasta an aithneachadh. Ma choimheadas tu gu math, chì thu an ceann crom aca.