Dealbhan-tìre costailBleith cladaich

Tha bearraidhean, uaimhean is airdsean cruthaichte ann an dealbhan-tìre costail. Faodaidh diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn còmhstri adhbharachadh is feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Bleith cladaich

Na ceithir pròiseasan ann am bleith

Bidh forsa na mara ag atharrachadh dealbh-tìre a' chladaich. Bidh tuinn a' faighinn lùth bhon ghaoith. Mar as làidire a bhios an tonn, 's ann as motha a nì e de bhleith.

Tha ceithir pròiseasan ann am bleith:

Obair haidreolaig

'S e forsa nan tonn a' bualadh air a' chladach agus air bearraidhean a th' ann an obair haidreolaig. Bidh neart nan tonn a' forsadh èadhar a-steach do sgoltaidhean, ga dhlùthadh agus a' briseadh na creige às a chèile nuair a thèid am bruthadh mu sgaoil.

Bleith

Bidh bleith a' tachairt nuair a bhios clachan agus molagan a tha air an giùlan leis na tuinn a' bualadh na chèile, agus mean air mhean, bidh iad a' fàs nas lugha, nas cruinne agus nas mìne.

Sgrìobadh

Canar sgrìobadh ris a' phròiseas sa bheil clachan agus molagan, a tha air an giùlan leis na tuinn, a' bleith nan creagan nuair a tha iad air an sadail ris na bearraidhean.

Leaghadh

Bidh leaghadh (no caitheamh ceimigeach) a' tachairt nuair a leaghas ceimigich san t-sàl na mèinnirean anns na creagan, agus a bheir sin orra briseadh.