Bleith cladaich air map TR
Feartan bleith
Seo eisimpleirean de fheartan bleith a dh'fhaodadh tu aithneachadh bho mhap.
Fianais bho ainm
Tha e math tòiseachadh bho fhianais san ainm.
Anns an earrainn seo, tha am facal 'point' (a' ciallachadh rubha) a' nochdadh aig Warren Point, 667421, 'cliff' (bearradh) aig West Cliff, 692383 agus 'cove' (òb), a' sealltainn far an do chruthaich bleith bàgh beag, aig Redrot Cove aig 668394.
Cruth
Tha cruth a' chladaich cuideachd na dheagh chomharra.
San earrainn seo, tha rubha mòr aig Bolt Tail, 667396 glè fhollaiseach agus tha sin a' sealltainn creag nas neo-dhrùidhtiche.
Tha rubhachan nas lugha, mar Warren Point agus Thurlestone Rock aig 675414, a' cuartachadh bhàghan gainmhich mar an fheadhainn aig 676416 air a' mhap.
Far an rubha, tha eileanan beaga; Mew Stone 725359 agus Little Mew Stone, 727358. Bidh iad sin nam pàirtean a bha roimhe mar chuid dhen rubha, agus a tha a-nis air a bhleith gu bhith na stacan no na stocan. Chaidh Eilean Burgh a sgaradh bho thìr-mòr air sgàth bleith.
Fianais shamhlan
Tha fianais shamhlan cudromach cuideachd. Chì sinn na samhlan airson bhearraidhean aig 688383 agus leòidean casa aig 704368. Timcheall an seo, saoilidh tu gu bheil loidhneachan-àirde a' dol dhan mhuir, agus tha sin a' sealltainn àirde nam bearraidhean san àite.
Tha samhla na creig chòmhnaird air taobh na mara dhen chladach a' sealltainn gu bheil leac gearradh-tuinn aig 669421.