Giùlan costail agus tasgadh
Siabadh fad-tràghad
Siabadh fad-tràghad
Bidh neart nan tonn, agus a' cheàrn aig am buail na tuinn air a' chladach, a' toirt buaidh air mar a tha mìrean air an giùlan ris a' chladach. Bidh sin a' tachairt a rèir 's dè an àird bho bheil a' ghnàth-ghaoth a' sèideadh.
- Bidh molag no mìr gainmhich a' gluasad bho A gu B, agus e air a ghiùlan suas an tràigh le briseadh an tuinn aig ceàrn a bhios a rèir àird na gaoithe agus an tuinn.
- Tha e an uair sin air a tharraing sìos an tràigh bho B gu C, agus e air a ghiùlan le grabhataidh agus tilleadh an tuinn.
- Bidh am pròiseas seo a' cumail a' dol a-rithist agus a-rithist, agus bidh am mìr a' gluasad ris a' chladach. Canar siabadh fad-tràghad ris an seo.
- Nuair a tha àireamh mhòr de mhìrean gainmhich no de mholagan air an gluasad mar seo ris a' chladach, bidh feart tasgaidh ris an canar teanga air a chruthachadh.