Feartan bleith cladaich
Bearraidhean

Bearraidhean cailc agus creagan Old Harry ann an Dorset, Sasainn
Seallaidh an dealbh a leanas mar a tha bearraidhean air am bleith:
Bearradh a' bleith
- 'S àbhaist gum bi bearraidhean air an cruthachadh far a bheil creagan a tha làidir agus neo-dhrùidhteach, mar clach-aoil agus cailc.
- Bidh bleith nan tonn nas motha far a bheil tuinn mhòra a' bualadh air bonn a' bhearraidh.
- Thèid eag gearradh-tuinn a chruthachadh nuair a thèid bonn a' bhearraidh a ghearradh le cumhachd bleith na mara air sgàth obair haidreolaig, caitheamh ceimigeach agus bualadh.
- Mar a bhios bleith a' leantainn air adhart, bidh an eag a' fàs nas motha agus nas motha.
- Mu dheireadh, cha bhi stèidh aig a' bhearradh agus tuitidh e dhan mhuir.
- Thèid am bearradh air ais agus fàgaidh e leac gearradh-tuinn a chithear nuair a bhios muir-tràigh ann.
Rubhannan agus bàigh

Sealladh den bhaile-turasachd costail, Swanage
Seallaidh an dealbh a leanas mar a tha rubhannan agus bàigh air an cruthachadh:
Mar a tha rubhannan agus bàigh gan cruthachadh
- Tha rubhannan agus bàigh air an cruthachadh air sgàth bleith roghnach, far a bheil creagan ris a' chladach air an cruthachadh ann an sreathan mu seach de dhiofar sheòrsachan chreagan, me clach-ghainmhich agus crèadh, agus a bhios a' coinneachadh ris a' chladach aig ceàrn cheart.
- Tha crèadh nas buige na clach-ghainmhich agus bidh i a' bleith nas luaithe. Bidh na creagan as buige mar sin a' bleith an comhair an cùil nas luaithe agus bidh bàigh fhasgach air an cruthachadh (agus 's dòcha gum bi tràghannan ann).
- Chan eil na sgìrean le clach-ghainmhich, a tha nas cruaidhe, cho buailteach do bhleith. Bidh iad a' stobadh a-mach dhan mhuir agus a' cruthachadh rubhannan fosgailte.
Uaimhean, airdsean agus stacan
Creagan Harry Rocks - proiseasan costail agus dealbhan-tìre
Bleith cladaich
Ciamar a chaidh an rubha tùsail a bhleith gus an dealbh-tìre cladaich a th' ann an-dràsta a chruthachadh? Tha iomadh ceum ann.
- Tha loidhneachan laigse sa h-uile creig. Bidh a' mhuir agus na tuinn a' cleachdadh obair haidreolaig, sgrìobadh agus leaghadh gus bleith far a bheil loidhneachan laigse. Bidh fo-ghearradh a' dol air adhart timcheall an rubha gu lèir.
- Bidh na loidhneachan laigse a' fàs nas motha agus a' dol nan uamhan mara beaga.
- Bidh na h-uamhan a' fàs nas doimhne agus nas leatha air gach taobh dhen rubha agus, mu dheireadh, bidh a' mhuir a' dol a-steach tron rubha agus a' cruthachadh airdse.
- Bidh a' chreag aig bàrr na h-airdse a' call a stèidh nuair a bhios an airdse a' fàs nas motha, agus tuitidh i mu dheireadh gus stac a chruthachadh.
- Bidh an stac air a bleith gus nach bi ach stoc air fhàgail.
- Thar ùine, thèid an stoc à sealladh.
- Mar a bhios an rubha a' dol air ais air sgàth bleith, canar leac gearradh-tuinn ris an talamh shìnte aig bonn a' bhearraidh a tha a' dol air ais.